ORAN do dh’ ALASDAIR MAC COLLA, ’n deigh latha Allt Eire, Le Iain Lom.
GU ma slan ’s gu ma h-eibhinn,
Do ’n Alasdair euchdach,
Choisinn latha Allt Eire le mhor-shluagh.
Gu ma slan, &c.
Le shaighdeirean laghach [Laoghach. ] ,
’N am gabhail an rathaid,
Leis ’m bu mhiannach bhi gabhail a chrònain.
Le shaighdeirean, &c.
Cha bu phrabaire tlath thu,
Dhol an caigneacha chlaidhean,
’Nuair bha thu sa ghàradh a t-ònar.
Cha bu, &c.
Bha luchd chlogaid a’s phìcean,
Cuir ort mur an dìchioll,
Gus an d’ fhuair thu relìobh o Mhontròsa,
Bha luchd, &c.
’S ioma oganach sulghorm,
Bha fo lot na ’n arm ruisgte,
Aig geata Chinn-Jùdaidh gun chòradh,
’S ioma oganach, &c.
Agus oganach loinneil,
Thuit an aobhar do lainne,
Bha na shineadh am polla’ ud Lòchai.
Agus oganach, &c.
’S cha robh Domhach no Geinneach,
Ann an talamh Mhic Coinnich,
Nach d’ fhag an airm thein’ air a mhointich.
’S cha robh, &c.
Cha robh Tomai no Simidh,
Ann an talamh Mhic Shimidh,
Nach do thàr anns gach ionad am frogaibh.
Cha robh, &c.
Chuir sibh pairt diu air theicheadh,
Gus ’n do rainig iad Muiri,
’S chuir sibh lasraichean teine ’sa Mhorfhaich.
Chuir sibh pairt, &c.
title | Oran do dh’ Alasdair Mac Colla, ’n deigh latha Allt Eire |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |