[8]

Do dh’ EACHUNN MAC IAIN DIURAICH.

Le MAIRIRIAD NI’-LACHUINN cheudna.

GUR h-e mheudaich mo chràdh,
Sa lughdaich mo chàil,
A liuthad lathasa bhà,
Mises tusair an traigh,


[9] Gur a diombach min bhas,
Thug an fheoil dhiom on chnaimh,
S gur h-ann againn a bhà na treun-laoich.
S gur h-ann againn, &c.

Luchd a dh-iomairt an oir,
S iad a dhìoladh an t-ol,
Leanadh fad air an toir,
Ann an cumasg nan stról,
S co chuireadh orr gleo,
Ann am mùiseadh an t-sloigh,
S ciod am fath dhomh bhi bron mur deighinn.
S ciod am fath, &c.

Mo cheist an Leathanach ur,
Bu ghlan seallamh do shul,
Fo amharc gun smur,
Cait am facadh mi dhiu,
Fear t-fhasain gun tuilg,
Ged a sheasadh iad triùir,
Ri t-fhacal a bfhiu dhoibh éisdeachd.
Ri t-fhacal, &c.

S annsan eaglais so shuas,
N ciste ghiubhais nach gluais,
Tha ùr-cheannard an t-sluaigh,
Agus marcaich nan stuagh,
Ri la frionasach fuar,
S tu gun iarradh i suas,
Ged a bhiodh in sàs cruaidh na h-eiginn.
Ged a, &c.

Och a mhoire mo chall!
Thu bhin cistidh nan crann,
Air a sparradh gu teann,
Fhir bu shiobhalta cainnt,


[10] Nuair a dhuisgte ort fearg,
Cha bu shugradh sud doibh,
S mor gar dith fear do rannt on dheug thu.
S mor gar, &c.

Marcaich deas nan each seang,
Bheireadh roid asdas srann,
Beart nach biongadeach leam,
Thu bhi uasal don ainm,
Lamh thu dhiomairt nan arm,
Gu cruadalach garg,
S iar-oghdhAilein nan lann, ’s nan steud thu.
S iar-ogh’, &c.

S car thu dhAilein nan ruag,
Chreach a Chorca da uair,
Thug e Rùta le buaigh,
Co burrainn thoirt uaith,
N am cruinneachadh sluaigh,
Gun athadh roimhn snuagh,
Nuair a chaidh e air chuairt a dhEirinn.
Nuair a chaidh, &c.

Agus car thu Mhac Leoid,
Mhic Ailein, Mhic Eòin,
Eachunn ruagh nach eil beo,
Gam biodh taileasg air bord,
Fion as branndaidh ga òl,
Aig na fir bu chruaidh gleo,
Agus bualadh nam bròg ga n teumadh.
Agus bualadh, &c.

Ach nam bithinnsa bhuth,
S na h-airm ann a bfhiu,
Nàile thaghainn dom rùn
Sgiath bhreac nam ball dluth;


[11] Claidhe sgaiteach geur cuil,
Paidhir phiostal nach diult;
S cha bu chlaoghaire thu thoirt feum asd.
S cha bu, &c.

Ogha dileas mo ghraidh,
Do dhIain dubh a bhan laimh,
Sliochd nan Iarlachan àrd,
S fhad on thriall sibh on Spainnt,
S ann o Lachunn a bha
Urn iondraichean chràidh,
S fear do choltais gu bràth cha leir dhomh.
S fear do, &c.

Gur a cáirdeach mo luaidh,
Do Chlann Donuill nam buadh;
MhicIc Ailein nan ruag,
Thu bhi dluidhe san uaigh,
Ann an eaglais nan stuagh,
Och a mhoire mo chruas;
Ghabh na fir dhiot cead buan nach beibhinn.
Ghabh na fir, &c.

Fhir bu tighearnail gnàs,
Beart bu dligheach sud da;
Mo chreach do nighean gun àird!
S i na leith-sgeul aig càch,
Nach do ghabh iad a pàirt,
Liuthad còrr oinnseach a thà
Faotainn ionad as áite féisteil.
Faotainn ionad, &c.

Fhir a cheannaicheadh am fìon,
S tu búrrainn da dhiol,
S tu bairidh air pìc,
Bogha glaic nan ceann liomh,


[12] Och a mhoire mo dhith,
Bha mi romhad air tir,
N uair a thug iad thu dhI na cleire
N uair a thug, &c.

S och a Mhoire mo chall!
N uair a thug iad thu nall;
Gu reilig namarbh,
Mun robh a chaismeachd shearbh;
Bualadh bhasa gu teann,
Gun do chluasag fo dcheann
S a rùin cha fhreagair thun t-am gu éiridh.
S a ruin, &c.

Tha do chéile fo leòn,
S tric i snitheadh nan deòir
S do dhileachdain og,
Gun áird na gun doigh,
Mu na lochana mòr,
Dhfhag thu sinne fo bhròn;
S chaill sinn tuillesa chòir mu t-eirig.
S chaill sinn, &c.

S ann tha sinn air ar claoidh,
Gar sàrachacaoidh,
On a dhfhalbh uainn gach saoidh,
Dheanadh féum as stath dhuinn;
Nis shracadh ar siuil,
Dhfhalbh ar cairt bhrist ar sdiùir,
S Dia thoirt rathad ga ionnsaidh fhéin duit
S Dia thoirt, &c.

titleDo dh’ Eachunn Mac Iain Diuraich
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page