[91]

Marbhrann do dhALASDAIR dubh GHLINNE-GARAIDH, Le Iain Lom.

Mig eiridhsa mhaduinn,
Gur beag maiteas ri sùgradh,
On dhfhalbh uachdran fearail,


[92] Ghlinne-Garaidh air ghiùlan;
S ann am Flaitheas na failte,
Tha ceannard aillidh na dùthcha;
Sar Choirnileir foinnidh,
Nach robh foilleil don chrùn thu.

SEISD.

Ho ros fadas gur fada,
S cian fada mo bhròn;
On latha chàireadh gu h-ìosal,
Do phearsa phriseil fon fhòid:
Tha mo chridhse ciùirte,
Cha dean mi sugradh ri mbheò;
On dhfhalbh ceannard nan uaislean,
Oighre dualchas an Tròim.

S mairg a tharladh roimhddhaoine,
Nuair thogte fraoch ri do bhrataich;
Dhéireadh stuagh an clar t-éudainn,
Le neart feirg agus gaisgidh;
Sud a phearsa neo sgàthach,
N t-sùil bu bhlaithe gun ghaise;
Gum biodh maoim air do naimhdean,
Ri linn duit spainnteach a ghlacadh.
Ho ros fada, &c.

Fhuair thun cliùth sin o thoiseach,
S cha bolc e ri innseadh;
Craobh chosgairt sa bhlàr thu,
Nach gabhadh sgàth roimh luchd phìcean;
Na roimh shaighdeirean dearga,
Ged a barmailtean Righ iad;
Len ceannardan fuilteach,
S len gunnaichean cinnteach.
Ho ros fada, &c.


[93]

Gur a farsuing do ranntaibh,
Ri sheanachass ri shloinne;
Gur tu oighren Iarl Ilich,
Nach do choisinn cìs le gniomh foilleil;
Marcaich ard nan each cruitheach,
Na n srian ùrs nan lann shoilleir;
Lamh threin ann an cruadal,
Ceannard sluaigh a toirt teine.
Ho ros fada, &c.

Fhuair thu onair fir Alba,
Bha meas as ainn air fear t-fhaigsein;
Ann an gliocassan géire,
An cliùth, an céutasa gaisgeadh;
Thug Dia gibhtean le buaidh dhuit,
Cridhe fuasgailteach farsuing;
Fhir bu chiùine na mhaighdeann,
S bu ghairge nan lasair.
Ho ros fada, &c.

S goirt an t earrachull a thachair,
On chuaidh an iomairt so tuathal;
O latha blair Sliabh an t-Siorram,
Chaill ar cinneach an uaislean:
Thionndaidh chuibhlair Clann Donuill,
N treasa conspunn bhi uatha;
Ceann as colar Chlann Ràghnuill,
N fhuil àrds i gun truailleadh.
Ho ros fada, &c.

Nis on dhfhalbh an triùir bhràithrean;
Chleachd mur àbhaist bhi suairce;
Laoich o Gharaidh nam bradan,
Caipteinesmachdail a chruadail;
Dhfhalbh Sir Donuill a Sleibhte;


[94] Bu mhor reusan as cruadal;
Cha tig gu brath air Clann Donuill,
Triuir chonnspunn cho cruaidh riu.
Ho ros fada, &c.

Chriosda dhfhuiling am bàs duinn,
Ons tu ar patron ùrnaigh;
Cum an t-aog o dha bhrathair,
Fhadsa baill leinn le dùrachd;
Dheanadh treise don alach,
So dhfhag e gun sùilean;
Sliochd an t-seobhaigsan armuinn,
Nach tugadh cach an sgiath chùil deth.
Ho ros fada, &c.

Nuair threig càch an cuid fearuinn,
S nach dfhan iadsan Rìoghachd;
Sheas thusa gu fearail,
S cha bann le sgainnil a shìn thu;
Chuir thu fuaradh na froise,
Seach ar dorsaibh g’ ’ar dìonadh;
Gun robh t-fhaigsein cho làidir,
Ri leoghuinn ard don fhuil Rìoghail.
Ho ros fada, &c.

Cha robh Iarl ann an Albuinn,
Gheibheadh earbsa na run riut;
Gum biodh toiseach gach nuaidheachd,
Gu lamhan a chùirteir;
Seobhag firinneach suairce,
Choisinn cruadal gach cùise;
Ceannard mhaithean as uaislean,
Aig an t-sluaghs iad ga ghiùlan.
Ho ros fada, &c.


[95]

Sgeula baitleam ri ìnseadh,
Sa bhi ga leirsinn ler sùilean;
Do mhac oighrann a t-fhearunn,
Mur bu mhath le luchd dùrachd;
Ach aon neach leis am boil e,
Luaidhe ghlas le neart fùdair;
Roimhen cridhair a fiaradh,
Chors nach iarradh iad tionndadh.
Ho ros fada, &c.

titleMarbhrann do dh’ Alasdair dubh Ghlinne-Garaidh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page