Marbhrann do dh’ AONGHUS og MOIR-FHEAR Ghlinne-garaidh; Le Iain Lom.
’S BEAG an t-iongnadh mi liathadh,
’S i so bhliadhna bhuail brog orm.
’S beag an t-iongnadh, &c.
’N diugh ’s mi gabhail an rathaid,
’S trom a thathaich do bhron orm.
’N diugh ’s mi, &c.
Gu ’n do chaochail mi cular,
M’ fhalt mo spionna ’s mo threòireachd.
Gu ’n do dhaochail, &c.
Gur h-i dìliob na dunaidh,
Tha mi buntainn a m’ phocaid.
Gur h-i, &c.
Ghrabhat bha mu d’ mhuineal,
’S tric i cruinneachadh dheoir orm.
Ghrabhat bha, &c.
Dh’ fhag mi taisgte ’n Duneidionn,
Na scar o cheile mo mhorchùis.
Dh’ fhag mi, &c.
’N ciste chumhainn na ’n slios-bhord,
Fo lic na ’n stol reota.
’N ciste, &c.
Fo chasan luchd bhrigis,
Gur a mis th’ air mo leonadh.
Fo chasan, &c.
’S ann a thog thu ’n tur dealbhach,
Goirid gearr o Loch Lochai.
’S ann a thog, &c.
Chunnaic mis Ionmhur gharaidh,
Muirneach aidh’reach ceolar.
Chunnaic, &c.
Bhiodh an cup ann do chearr-laimh,
’S e dearr-lan gu dortadh.
Bhiodh an cup, &c.
Nuair a chuirte ’n lan strachd air,
B’e sin am fath chumail comhnard.
Nuair a, &c.
’Sa nis do thalla mor greadhnach,
Gun solus coinle gun cheol ann.
’Sa nis do thalla, &c.
’S do sheomraichean geala,
Gun smuid, guu deathach, gun cheo dhiu.
’S do sheomraichean, &c.
title | Marbhrann do dh’ Aonghus og Moir-Fhear Ghlinne-garaidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |