ORAN do Mhoir-fhear Hunndaidh, nuair a ghlacadh e la Crùnair Mèinn ann am baile Strath-bhalgaidh; Le Iain Lom.
GUR a trom leam a ta mi,
Leis gach sgeul tha mi claistinn,
’S mi tearnadh stigh braigh uisge Dhé [The river Dee.] .
Gur a trom, &c.
Mi tearnadh air m’ aineol,
Gu braighe Obairpheallaidh,
Gun aon luaidh air fear fharaid mo sgéul.
Mi tearnadh &c.
Cha b’ e gaoir ban a Chlachain,
So bha mise ag acain,
Gar ’n tigeadh gin as do ’n choig céud.
Cha b’ e gaoir, &c.
Ach ma ghlacadh am Marcus,
Leis a Mheinnearach thachrais,
B’ e mo dhiùbhail na bh’ aca ’s mo bhéud.
Ach ma ghlacadh, &c.
’S mor an nuaidheachd e ’n Albuinn,
Bog na-gaoidhe ’n Strath-bhalgaidh,
Bhi ga chlaoidh le armailtean sréin.
’S mor an nuaidheachd, &c.
Ceann uighe na ’n Gaidheal,
Far an suidheadh mid saibhir,
’S tu gu ’n taghadh gach aite dhuinn réidh.
Ceann uighe, &c.
’S ann a b’ abhaist dhuit suidhe,
Ann an gàradh na ’n ubhal,
Fo fhaile na ’n luidhean ’s na ’m peur.
’S ann a b’ abhaist, &c.
title | Oran do Mhoir-fhear Hunndaidh, nuair a ghlacadh e la Crùnair Mèinn ann am baile Strath-bhalgaidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |