ORAN do MHAC MHIC RAOGHNUILL na Ceapaich; Le Iain Lom.
MI am shuidh air bhruaich torrain,
Mu ’n cuairt do Choire na Cléibhe.
Mi am shuidh, &c.
Gar nach eil mo chas crubach,
Tha lot na ’s mù orm fo m’ leinidh.
Gar nach eil mo chas, &c.
Gar nach eil mo bhian srachte,
Tha fo m’ aisne mo chreuchdan.
Gar nsch eil, &c.
’S cha n’ e curam na h-imrich,
Na iomaguin na spréidhe.
’S cha n’ e curam,
Na bhi ga ’m chur do Cheanntaile,
’S gun fhios cia ’n t-aite da ’n teid mi.
Na bhi ga m’, &c.
Ach bhi nochd gun cheann cinnidh,
’S tric ’s gur minig leam fhein sud.
Ach bhi nochd, &c.
Ceann cinnidh na ’m Bràighdeach,
Chuireadh sgath air luchd beurla.
Ceann cinnidh, &c.
Cha b’ e fuaim do ghreidh lodain,
Gheibhte sodraich gu feilltean.
Cha b’e fuaim, &c.
Na geim do bha tomain,
Dhol an coinneadh a ceud laoigh.
Na geim, &c.
Na uisge na ’n sluasaid,
Far druabras na féithe.
Na uisge, &c.
’S beag an t-iongnadh leam t-uaisle,
Thighin an uachdar air t-fhéudail.
’S beag an t-iongnadh, &c.
’Sa liuthad sruth uaibhreach,
As ’n do bhuaineadh thu ’n céud la.
’Sa liuthad, &c.
Ceist na ’m fear thu o ’n Earsaid,
’S o Cheapach na ’m péuran,
Ceist na ’m fear, &c.
’S o cheann-Dail na mine,
Gu Sron na h-Iolaire léithe.
’S o cheann, &c.
’S e bu mhiann le d’ luchd tighe,
Bhi ga ’n tathaich le béusan.
S e bu mhiann, &c.
Mu dha thaobh Garbh a Chonnaidh,
Far ’m biodh na sonnanaich glé mhor.
Mu dha thaobh, &c.
Le ’m morbha geur sgaiteach,
Fridh bhacach garbh léimneach.
Le ’m morbha, &c.
Tha mo choill air a maoladh,
Nith shaoil leam nach éireadh.
Tha mo choill, &c.
Tha mo chnothan air faoisgneadh,
’S cha bu chaoch iad ri ’m féuchainn.
Tha mo chnothan, &c.
’S nach eil agam dhiu tuaileas,
Dh’ fhuirich iad uam am barr gheugan.
’S nach eil agam, &c.
title | Oran do Mhac Mhic Raoghnuill na Ceapaich |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |