[103]

ORAN do THIGHEARNA CHLUAINIDH; Le Pàl Mac a Phearsain am Baideineach.

DEOCH slainte Thighearna Chluainidh,
Cuir mun cuairt anns a chùp i;
Ged a chostadh i ginidh,
S mi fhin nach biodh diùmbach:
Tha na dholas do shlainte,
Chrùintean spainnteach am phuidse;
N deigh am màl a thoirt seachad,
Do dhath-chorc a Phrionnsa.

Ach tha bagar air t-fhearunn,
Tha toirt gal air mo shùilean;
Mi air ùilleagan leapa,


[104] Cha nen cadal tha shurd orm;
Tha bruaidlein inntinn,
Orm san tim so le curam;
Mu na bharanta sharaidh,
Tha tighin an aird oirnn on Diùca.

A cheanna feadhnaidh Chlainne Mhuirich,
Leam is duilich ged chualadh,
Gun do bhuannaich thun Fhraing oirnn,
S tu thighin slan as gach cruadal:
Oig aigionntaich rìoghail,
S mor pris aig na h-uaislean;
Fhir a chaisg oirnn gach trioblaid,
S mor is miste sinn uainn thu.

N am thogail do bhrataich,
Ann an caismeachd uaire;
Gheibhte mìle laoch gasda,
Mu gheatachan Chluainidh;
Luchd nan osanagearra,
Thairngneadh lannan mu dghuaillean;
N diughs faoin a tham misneach,
Gun do thiotal an uachdar.

Ach EoghainIc Mhuirich,
S fada t-fhuireachsan fhasach;
S e dhfhag smal air mo leirsinn,
Thu bhig éiridhsna carnaibh;
Gur lìonar bean bheildearg,
Tha a breid air dhroch caradh;
Ged a dhean iad oirnn eucoir,
Cha teid thu gan rèidhteach.

Fhuair na Gaidheil an logairt,
N Cuileodairs cha chrìon e;


[105] Air an iathadh le buidseachd,
Siol na muice fhuair cis diu;
Chluinnte farum an lamhaich,
Mur thairneineach fridhe;
Fuaim nan canan gan leigeadh,
Cia mur sheasadh na saoithean.

Bhuaidh than iondraichinn chatha,
Tha mi labhairtsan tim so;
Ma sa cuimhne leibh fhathasd,
An latha bham Pìorat;
N am dhol sios anns a bhatailt
S mairg a chasadh do mhio-thlachd,
Leat a dhéireadh na gallain,
Nach cuireadh carraid gu mìghean.

Bu lìonar do chairdean,
S cha bu ghann iad ri léughadh;
Nuair a chluinnte do chaismeachd,
Thigeadh feachd dhiu a Eirinn;
Thigeadh streang dhiu a Uithisd,
Air siubhal fo bhreid leat,
Le reubadh cuains le seoil mhara,
Na seoid bharrail nach geilleadh.

Cha be gadachd na h-oidhche,
Na traiteireachd naduir,
Chuir mo dhislean gu taice,
Eidear Chaiptein as Chádai;
Ach ma chuaidh sibhsna bruachan,
Chan e ur cruadal a dhfhailing;
Leibh a dheireadh am baiteal,
S be ur cleachda buaidh larach.

Tha meirg air nighin Tearlaich,
S cha tar mi ga gleusadh;


[106] Cha chluinnear a lamhach,
Tha i ghnà ann am féithe;
Tha gruaim air na Gaidheil,
S tha pairt orm fhein deth;
On chuaidh ar nuachdaran cliùiteach,
Fo churam luchd béurla.

titleOran do Thighearna Chluainidh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page