ORAN do RIGH SEUMUS nuair bha e anns an Fhraing; Le Sileas Nighean Mhic Raoghnuill na Ceapaich.
S’ BINN an sgeul so tha iad ag radhainn,
Mo Mhalai bheag o,
Ma sheasas e gun fhaillinn,
Mo nighean ruin o;
Righ Seumus bhi air sáile,
’Sa tighin a steach gun dail oirnn,
Chur misneach ann na chairdean.
Mo Mhalai, &c.
Na ’n tigeadh oirnne Seumus,
Mo Mhalai, &c.
Le chabhlach laidir treunmhor,
Mo nighean, &c.
Ged ’s fada sinn n’ar n’ eiginn,
Fo ainneart cuigse ’s cléire,
’S e sud a dheanadh feum dhuinn,
Mo Mhalai, &c.
’S e sud a thogadh sunnd orm,
Mo Mhalai, &c.
Tha do chathair aig Hanòbhar,
Mo Mhalai, &c.
Do chrùn ’s do chlaidhe còrach,
Mo nighean, &c.
Tha ’n sean-fhacal cho chinnteach,
’S gur barail leam gur fior e,
Nach marcaich muc an diollaid,
Mo Mhalai, &c.
Ach Alba eiribh comhla,
Mo Mhalai, &c.
Mu ’n gearr Sasunnaich ’ur sgornain,
Mo nighean, &c.
’Nuair thug iad air son oir uaibh,
’Ur creideas a’s ur storas,
Nach eil e ’n diugh n’ ur poca,
Mo Mhalai, &c.
Gur goirt leam thug iad sgriob oirbh,
Mo Mhalai, &c.
’Nuair dheasaich iad ur dinneir,
Mo nighean, &c.
’Nuair chuir iad uinnein puinsein,
Ga ghearradh air gach truinnseir,
Ma ’s fhiach sibh bidh e cuimhnicht,
Mo Mhalai, &c.
Chaill Sasunnaich an naire,
Mo Mhalai, &c.
Ruith air beart mi-ghnathaicht,
Mo nighean, &c.
Tha mo dhochas anns an ard Righ,
’N Righ a thighin thair sail oirnn,
’S gu ’n reitich sibh WHITE HALL da,
Mo Mhalai bheag o.
title | Oran do Righ Seumus nuair bha e anns an Fhraing |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |