ORAN do SHIR EACHUNN, MAC ILLEAIN DHUBHAIRT, ’nuair a chualas gu ’n robh e ri fuireach anns an Fhraing.
Le Iain Mac Ailein ’Ic Iain ’Ic Ailein ’Ic Illeain.
Fonn. Fhir a bhata na ho ro éile, &c.
SEISD.
FAILL ill ho ro, tha sinn fo mhulad,
Tha ar cridh mur luaidh air truimead;
Fath ar call ’s ar campair uile,
An stads’ tha thall air ceann na ’m Muileach.
Tha mi ’m chadal ’s gur tim dhomh dusgadh,
Mu Shir Eachunn na ’n lann ’s na ’n luireach;
Gu bheil do chairdean fo mhoran curam,
Nach faic iad sabhailt air lar do dhuthch thu.
Faill ill ho ro, &c.
’S truagh na sgeoil so tha daoine ’g radhainn,
’Sa teachd a nall air pheann ’s air phaipeir,
Gu ’n d’ thainig finid air gniomh ro airid,
Air cinneach rioghail, fior ghlic statail.
Faill ill ho ro, &c.
Chlann Ghilleoin gu ’n robh sibh ainmeil,
Fine rioghail na ’m piosan airgid,
A liuthad du-ghall nach b’ fhiu a sheanchas,
Chuaidh gu h-uir le luths ’ur geala-ghlac,
Faill ill ho ro, &c.
Craobh ar sinnsreachd ’s cha chrìn o ’n d’ thainig,
Bha fhios an sgeil sin aig geur luchd seanchais,
Gu ’m bu shliochd Righ sibh o chrich na Spainnte,
’S do shliochd Gaitheulus fhuair geill ’sa ’n Eiphit.
Faill ill ho ro, &c.
Ghin dibh uaislean fo chruadal einmein,
B’ ann diu Mac Milidh na ’n gniomh ro chalma;
Chog iad Eirinn le ’n treun lamhan,
’S do bhuin iad puic do thriuir Mhic Eirmein.
Faill ill ho ro, &c.
Cha n’ iongnadh baothachd no draoidheachd sheana-chleas,
Ga ’n cuir air chul, cha b’ fhiu leo ’n dealbh sin;
Ach cogadh dian gun sith gun tearmud,
Gu onair gniomh neo dith an anma.
Faill ill ho ro, &c.
Air sliochd Eiribhin euchdaich ainmeil,
Bha ’ur ’n uaislean fein, fir threuna chalma,
B’ ionunn duibh ’s do ’n linn tha ’n seanachas,
’S lean ruibh da ’n dualchas bhi cruaidh air armachd.
Faill ill ho ro, &c.
Air teachd na dheigh dhuibh niar do dh’ Alba,
Bu mhor ’ur foirneart le doidibh garbha,
Gus’n d’thug Mac Dhonuill duibh coir bu daingne,
Air Rioghachd na Dreolluinn, ’s mor ni dh’ anabharr.
Faill ill ho ro, &c.
Bu Sheanalair buadhach, uasal, ainmeil,
Eachunn ruaineach, ruagh na ’n garbh chath,
Air son a ghluasaid bha fuath na ’n Gall ris,
’S gu ’n d’ thug e àr orra ’m blar chath Gairbheach.
Faill ill ho ro, &c.
Aig Iarla Mar bha freimh an ’sgeoil sin,
Am mac a dh’ fhag e, bha ghnas mur leoghunn;
Thug e comhail dàsan air lar Strathlòchai,
’S e nis ’sa Ghreige gun eideadh comhruig.
Faill ill ho ro, &c.
Lean ruibh beus ’s gur h-e chuir sios duibh,
’Ur faigsein cruin ’s gach cuis g’ar diobradh,
Thuit Eachunn ruagh an Ionmhur-Cheitein;
Le sheachd ciad deug d’a threin fhuil dhirich,
Faill ill ho ro, &c.
Ge bu chraiteach le cach na sgeoil sin,
Cha n’ e an drasd is àobhar bhròin duinn;
Ach an ti so dh’ fhag sinn ’sa chuaidh air fògradh,
As leith Righ Sheimis a threig an Dreolluinn.
Faill ill ho ro, &c.
Rug froiseadh garbh le gailbhinn shion oirnn,
Aig meud a chall duinn cha b’ arbhar sil e;
Ach cruineachd gun fhotus, por sgiamhach,
Ar cuirm, ar sogh, ar ceol ’s ar fion e.
Faill ill ho ro, &c.
’S tric do threud fo thearmunn mìghleidht,
Gun neach fo ’n ghrein mur sgeith g’ar dionadh,
Ach mur ealta ’n t-sleibhe fo mhein an fhireoin,
’S nach d’ fhuirich té dhiu air ceud fear spionaidh.
Faill ill ho ro, &c.
’S truagh a ta ar cas ri innse,
Mur bhall arcain air traigh ga shior-ruith,
Gun neach thoirt baigh dha, ’n aird no ’n iosal,
Ach buille barach o laimh gach aon fhir.
Faill ill ho ro, &c.
A Righ na ’n dul, tha gun tùs gun fhinid,
A ni reir t-ailleas neach ard a’s iosal,
’S clann neo umhal sinn o thus ar linne,
Na leag do lamh oirnn le strachd na ’s diana.
Faill ill ho ro, &c.
Mur choill ged tha sinn, ’sa barr air crionadh,
Gun mheas gun bhlath oirnn, ach tair a’s diobradh,
Thoir caochla’ beus duinn fo sheul do shiochai’,
’S na sgath dhiot fein sinn mur gheugan criona.
Faill ill ho ro, &c.
Le tuigse maithreil da ’n gnath bhi fiorlag,
Cha duth do Ghall ard bheann a dhireadh;
’S ma ’s i so fein ar teirme finid,
Gur truagh an sgeul e do fhreimh ar linne;
Faill ill ho ro, &c.
title | Oran do Shir Eachunn, Mac Illeain Dhubhairt, ’nuair a chualas gu ’n robh e ri fuireach anns an Fhraing |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |