IORRAM le EACHUNN BACHDACH.
BIODH an uigheam so triall,
Gu ceann uighe na ’n cliar,
Far ’m bu shubhach ’s bu mhiaghail seoid.
Biodh an uigheam, &c.
Gu tur meadhrach nach crion,
Na ’n cinn fheadhna ’s glan fiamh,
Cuirt ghreadhnach o ’n rioghail stoirm.
Gu tur, &c.
Gu Aros mo ruin,
’N cluinnte clarsaichean ciuil,
Iomairt thaileasg air chruintean oir.
Gu Aros, &c.
Bhiodh mnai aillidh ’n fhuilt reidh,
Gabhail dhana’ le téud,
Sior chur seachad na seisdeachd leo.
Bhiodh mnai, &c.
Bheir mi ’n ruathar so null,
Shealltainn oighre Dhuntuilm,
Gu meal thu ’n staoile o thùs ri d’ bheo.
Bheir mi, &c.
Iuchair gliocais nach bath,
Chuireadh adharc thair chach,
’S tu mo raoghainns do ’n als’ tha beo.
Iuchair, &c.
Mach o Mhoir-fhear na ’n steud,
Leise ’n cluinnte orgainn na ’n teud,
’S tu b’ fhoirmeile beus tra nòin.
Mach o, &c.
’S leat Sir Donull o ’n chaol,
’S Clann Donuill na laoich,
Sud a bhuidheann nach maom ’sa n toir.
’S leat Sir, &c.
’S thig Aonghus ardanach treun,
O Ghleanngaraidh na ’n geug,
’S na fir ghasda nach geill fo sgod.
’S thig Aonghus, &c.
Thig Clainn Chamashroin a nall,
Ort o bhraighe na ’n gleann,
’S iad cur fhiudhaidh le deann am feoil.
Thig Clainn, &c.
’S leat Mac ’Ic Ailein o ’n chuan,
Le a loingeas daraich lom luath,
Luchd na ’n leadan o ’m buailte stroichd.
’S leat Mac, &c.
’S leat fir Eirinn a ris,
Chuir thu fhein air do thith,
’S iad gu ’n eireadh le strith mu d’ dhorn.
’S leat fir Eirinn, &c.
Gur leat urram gach seilg,
Le d’ cheol druma ga sheinn,
Roimh d’ gheard Muileach nach meirbh sa ’n toir.
Gur leat, &c.
Macant’, maighdeannail, ur,
Faicheil, faidhreachail, ciuin,
Marcaich greadhnach na ’n cruidh-each gorm.
Macant’, &c.
Bhiodh eich sheanga na ’n leum,
’S iad na ’n deanna’ cur reis,
’S fir a sreamadh an srein mu ’m beoil.
Bhiodh eich, &c.
Chuir mi ceannard an t-sluaigh,
Le dha leanabh ’sa ’n uaigh,
Fath mo theannaidh ’s mi fuasgladh dheoir,
Chuir mi ceannard, &c.
Fuireach Raoghnuill a ris,
Chuis is miste mi ’m dhith,
Chuir sud m’ aigne sios tra noin.
Fuireach, &c.
title | Iorram le Eachunn Bachdach |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |