ORAN do SHIR IAIN MAC’ILLEAIN DHUBHAIRT, ’nuair a chualas e bhi ’n Sasunn. Le Iain Mac Ailein.
SEISD.
Ho na ’n tigeadh, na ’n tigeadh do sgeul,
’S gu ’m faodainn bhi cinnteach as na dh innseadh dhomh ’n dé,
Gu’n tilginn as m’ fhochar an cochull gun fheum,
’S gu ’m faicte mi fhathasd air atharach gleus.
Na ’n tigeadh Sir Jain, mo chridhe ’s mo chleibh,
’S ann b’ eibhinn bhiodh m’ aigne, mur bhradan a leum,
Thogadh cridhe do mhuinntir, tha ’n cuntart dol eug,
’S gu’n tigeadh do m’ionnsaidhs, mo shugradh beag fein.
Ho na ’n tigeadh, &c.
Tha do chinne ’s do dhualchas, ’n robh cruadal le chéil,’
Ged tha sinn fo dhochair, Mur mholta mu chrò,
Aig gach aon neach fo bhaoaghal, toirt duinn aobhar ar leoin,
Tha luchd spùillidh cur an drasd oirnn, mur thraill no Spain-bhrog,
Cha ’n aithnear ’n teas la sinn, aig airdead ar croc.
Ho na ’n tigeadh, &c.
’N ealta ro ghleusta, ’n robh eufachd gu leoir,
Bhuidhneadh geall air gach tulaich, far an cruinnicheadh eoin,
Thug an ite chùrr sgeuraidh, le ’n trein as an t-sròin,
’S nach fearr iad air coinne, na cromana lòin.
Ho na ’n tigeadh, &c.
Na ’m pilleadh a chuibhle, far iomrull a seoil,
’S gu ’n tionndadh i deiseal ’n taobh deas mur bu choir,
’S ioma neach tha ga mhùchadh, sa cheann lubte na sgroib,
Chuireadh bailc air a chasan, ann an taiseachadh shròn.
Ho na ’n tigeadh, &c.
Na ’m biodh e dhomh fagas, no goirid o laimh,
Sir Iain na ’n caisteal, agus bachdach a bhlair,
’N neach da ’n d’ fhuiling mi faobhach, mur chaoire mhaoil bhain,
Thionndainn air mur an leoghunn, agus m’ ordag f’a shail.
Ho na ’n tigeadh, &c.
’S leoir truimead ’ur cadail, ma thachair sibh slan,
Mu ’n suidhich sibh cairtean, a ghlacas duibh cach,
Tha sinn fo léir-sgrios, le féileadh a chlair,
Mur faic thu fo dhion sinn, gur tinn sinn fo ghad.
Ho na ’n tigeadh, &c.
Tha sinn tamull an iarguin, le fiabhras ro rard,
’S faide la leinn g’ ar pianadh, na bliadhna ’s sinn slan,
Ann am bruadar an fhaochaidh, tha daoine ag radh,
Gur tearc leigh ni aithn’ air, seach teannadh a bhais.
Ho na ’n tigeadh, &c.
’S mor am farmud a th’ agams, ri t-ad a’s ri d’ chleoc,
’S iad air grianan na maise, ri glacadh an soigh,
Na ’m b’ e m’ fhortansa tuiteam, ’n roic bucla’ do bhrog,
’S e b’ fhearr mur shogh inntinn, na bhi ’n crìochan Righ mor.
Ho na ’n tigeadh, &c.
Tha mi guidhe le m’ rùn, ’s le m’ dhùrachd do ghnath,
Air ’n Ti chruthaich o thùs thu ’sa thug dhuinn thu mur bhlath,
Tha m’ earbsa ’s mo dhochas, na throcair ro ard,
Nach d’ fhuair sinn uaith leasan, thun ar teagaisg a b’ fhearr.
Ho na ’n tigeadh, &c.
title | Oran do Shir Iain Mac’Illeain Dhubhairt, ’nuair a chualas e bhi ’n Sasunn |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |