[13]

Do dhAILEIN MACILLEAIN, Tuiteir Bhròlais.

Le MAIRIRIAD NI’ -LACHUINN cheudna.

CHUNNAIC mise thu Ailein,
S tu gu h-aimideach gorach,
Mun do ghlac thun gniomh fearail,
Na mun drinneadh dhiot Coirneal,
Marcaich ùr nan steud brasa,
Thu bhin tasgaidhs na bòrdaibh
Ochs misthair mo sgaradh!
Caoineadh Aileins nach beo e.

Fear t-aogais chan fhaic mi,
Ann am faicheachd nam foghlum,
Bu mhath cuma dhuit sleisde,
Suil, beul, agus sròine;
Gum bu cheannard air feachd thu
Thoirt doibh smachd agus ordugh;
Fhir nach leughadh a ghealtachd,
S tu nach seachnadh a chomhruig.

Ogha brathar dhà Lachuinn,
S e mo chreach nach do phòs thu,
S e dhfhag sinne cho galach
Dheagh Mhic AileinIc Dhomhnuill;
Mhic an fhir a fhuair urram,
Nach cuireadh duin air an fhogradh
Ochs mis thair mo léireadh,
On la dheigheadh an dòibheart.

Airur dol do Dhuneidionn,
Thug sibh reidhte leibh dhachaidh,


[14] Ghlac Righ Seumus air laimh sibh;
S dhiarr a Bhan-riogh asteach sibh;
Cha robh Galls cho robh Gaidheal,
N seomar cláraidh non caisteal
Nach do sheas air a chausair,
Aig meud an geall airur faicinn.

N sin nuair chunncas na h-àrmuinn,
Agus iadsan nan còidse,
S nach diarr iad a dheise;
Ach breacan as còta
Sgiath bhreac nam ball iomad,
Air an slinnein gu còmhruig
Sin nuair labhair gach duine,
Gun robh a chulaidh ud neonach.

Caitan robh iad san t saoghal
Nan taobh so do fhlaitheas,
Mac samhailt nan daoine,
Chan fhaodar am faighinn;
Mach o ghathan na greine,
Ann an speiribh an adhair;
S nach iarradh-mid air son sgàthan,
Ach cead bhin àite gan amharc.

S thuirt gach Moir-fhear a bairde,
Gun robh t-aites tigh lagha;
Co a dhìobradh gu brath thu
S gun ghrain bhi air t-aghaidh,
Ach an teacaire dàna
Bha gabhail tàmh sa cheann-adhairt,
Dhfhag sinne mur tha sinn,
S nach robh a dhàgh oirn do ghleitheadh.

S cara dhIarla nam pìos thu,
Bhann an an Ile gan stròiceadh,


[15]S do Lachunn mor prìseil,
S e chuir mi ga dshior fheòraich;
Cait a bheil iad an Albuinn,
Na thall anns an Olaind,
Leithid cinne mo mhathar
Mach o ardan Chlann Donuill.

S chan e sin tha mi gearan,
N dràsd, ach eallach fear Bhròlais;
Co sheasas ra ghualainn,
S e sanuair so na onrachd;
On a dhfhalbh uainn do bhrathair,
N tus àilleachd as oige,
Gun amac theid na àite,
Leam is cràiteach an dòibheart.

S ogha brathair dha Lachuinn,
Thug an t-each a Strathlòchaidh,
A thug ùmhlachd on mharcaich;
Thug dheth ad as a chleoca;
Ach cha bfhiach leis a ghleitheadh,
Ged bhiodh deiltreadh don or air,
Ach a mhathadh da ghillean,
Dheanadh iomairt as ol leinn.

Sin nuair chruinnich na h-armuinn,
S na gaidheil gu h-uilidh,
Luchd nan clogaide stailinn;
S nan lann spainnteach geur guineach,
N am tilleadh on bhlar dhuibh,
Bu leibh fàilt agus furan,
Piob roimhibh amàrsadh,
S nach baill leibh an druma.

N am tilleadh on bhlar dhuibh
Guurn aiteachan comhnuidh,


[16] Chluinnte foirm air an damhsa,
Fìon as branndaidh ga òl ann,
Uisgebeatha nam feadan,
Leis an leagte na geocaich;
Fir air urlar nan seasamh,
S iad afreasdal toirt doibh sud.

S fhir ga bheil a ghnuis àluinn,
Fo chul tlath nan ciabh òrbhuidh;
Com is gile nan canach,
S nameall-shuilean mòdhar;
Dhfhas gu deas, foinnidh, fearail,
S fhad a leanadh an torachd
S e do bhàs eadar Ghallaibh,
Dhfhag galach rir beo sinn.

S e do bhàs eadar Ghallaibh,
Chuir sinn tamull ga t-iondrainn;
S nach robhn sin agad caraid.
A theannadh gu t-ionnsaidh
Na idir ga dchàradh,
Nuair a dhalladh do shùilean;
Ach t-fhagail san t-seomar,
Sa chomhlair a dùnadh.

Ach nam biodh tun sin aca,
Far an rachtair do thòrradh,
An talla na h-Innse;
Nan I farm bu choir dhuit
Annn reilig nam Manach,
Far bheil na barranta mòra,
Dhol air tir air an Ealaidh;
S cha bhiodh tu fad ann a t-onrachd.

Ach nam biodh tusan tir so,
Far am bithtair do thòrradh


[17] Ghluaiseadh Murcha na Maighe,
S MacIlleain nan roiseol,
Mac Eoghains Mac Eachuinn,
O Shiol Airceig as Lochaidh,
Och mo thruaigh do bhrathair!
S i do mhathairse brònag.

Ach a Thì leig an sgrios oirnn,
S ann tha sin air a sgrìobhadh,
Na crainn mhor air am bristeadh,
Mu na dhfhiosraicheadh dhinn iad;
Na crainn mhor air am bristeadh,
Thug dhinn arn iteachs ar lìnnidh,
Thuit a phairc an robhn t-abhull;
S fhrois an snothuch bu phrìseil.

S mi mur Oisein nar diaidh,
On rinneadh tagha nan cáor oirbh,
S gach aon mur a bfhearr dhiu,
Thugadh iad as an t-saoghal:
Ons e Criosda ghabh toirt dibh,
Sa dhfhag goirt-cheannach daor sinn,
Righ thoir maitheanas dhùinne,
Bhi garn iondraichin daonnan.

S co a nis na bheil ann diu,
On dhfhalbh sibh oirnn mur an raineach,
Fhrois ubhlan a ghàraidh,
Gus an dfhagadh e falamh;
S ann than t-oighre air fògradh,
S e gun seol aig air fantail;
Och a mhoire mo leónadh,
Chuir do chòir aig Mac Cailein.

S tric gach aon neach a faighneachd,
Ciod e t-aois a nighn Lachuinn,


[18]S ciod em fath dhomh sud ìnnseadh;
S nach creid sibhs en lorg mfhaicinn,
Chan eil fiacaill am dheudach,
Nach do leum as mo chlaigeann
A sior iargain nan daoine,
Ris an glaoidhte na gaisgich.

titleDo dh’ Ailein Mac ’Illeain, Tuiteir Bhròlais
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page