ORAN air blar na h-Eaglaise-brice, am bliadhna 1745.
Le Donnacha Bàn Mac an t-Saoir.
Fonn. —Alasdair dubh Ghlinne Garaidh.
GED a tha mi ’n so am chruban,
Ann an seann-tigh udlaidh uaigneach;
Bha mi roimhe marr-ri cuideachd,
Ged a thuit doibh ma chuir uapa,
’S tric mi ’g amharc ris an aonach,
’M faic mi t-aogas Iain ’Ic Ruairidh;
’S na ’m faicinn t-aogas a tighin,
Dh’ eireadh mo chridhe o smuairein.
Dh’ eireadh m’ inntinnse o smalan,
’Mi bhi marr-riut Iain ’Ic Ruairidh,
Dh’ innsinn duit na bhiodh air m’ aire,
’S bhithinn farraid na bhiodh uam dheth;
’N la sin thug iad na buillean,
’S mise chunnaic bhi ga ’m bualadh;
Chaidh ’n teiche air taobh Righ Deorsa,
’S ann oìrnne thainig sgeul an fhuathais.
B’ e sgeul an fhuathais ri innse,
Gu ’n do theich an Righ ’sa mhuinntir;
Ghabh iad eagal roimh na buillean,
’Nuair a chunnaic iad am Prionnsa,
Cha d’ fhan duine dhiu ri cheile,
Eidear Duneidionn a’s Sruidhleadh:
Bha sinne gu misneachail dàna,
Dol naird a dh’ ionnsaidh an t-sleibhe,
’S mu ’n deachaidh sinn ceart an ordugh,
Thainig iad oirnne na réubail;
Cha b’ fhad a mheal sinn an àrach,
’Nuair a sganr’ sinn as a cheile;
’S ann an sin a bha ’n droch càradh,
Air na bha luchd aodaich dheirg ann.
Rinn e cuideacha’ d’ ar naimhdean,
Gu ’n robh dìth comannda oirnne,
Cha d’ fhuair sinn ordugh gu lamhach,
’N am do chach bhi tigh’n n’ ar comhail;
’S ann a theichimid n’ ar deannadh,
’S cha ’n fhanadh-mid ri bhi comhla;
Cha ’n fhacas roimhe a leithid,
O ’n thugadh la Ionmhur Lochai.
Bha mise ’s Calum Mac Pharuig,
Siubhal càthair agus mointich;
’S mur a teichimid ’sa ’n am ud,
’S cinnt gu ’m biodh an calltach oirnne;
Ghabh na bh’ againn do luchd beurla,
An raitreuta roimh Chlann Donuill;
B’ e sud a ghiorraicheadh an saoghal,
Bhi dol air aodann na ’m fear mora.
B’ e sud a ghiorraicheadh an saoghal,
Bhi dol air aodann na ’m fear mora;
Thainig a chonnsachadh na Rioghachd,
As leith an Righ a’s na corach,
’S ioma laoch gun atha laimhe,
Bu mhor am feum ann ’sa chomhruig,
Na fir mhora bha neo sgathach;
Eidear Chamshronaich ’s Chlann Donuill,
’S na bha chomlain ann am pairt riu;
’S na ’m faigheadh iad cothrom na Feinne,
Eidear iad fein a’s an naimhdean,
Dh’ aindeoin na bh’ ann ’sa ’n Roinn Eorpa,
Chuireadh iad Righ Deors as àite.
Chuireadh iad Righ Deors as àite,
Na bha Ghaidheil ann an Albuinn;
Na ’m biodh iad uile mur bha iad,
Bhliadhna thainig an armailt;
Na ’m biodh iad uile ri cheile,
Gu ’m b’ iad fhein na trein fhir chalma;
Gu ’m b’ iad fhein na trein fhir mhòra,
Bha chomhnaidh measg na ’n Garbh-chrioch.
’N la sin thug iad Cuileodair,
Cha robh fhortan sud ach searbh dhuinn;
Choisinn Diuc Uilleam ’sa n droch-uair,
’S gur mor an rosad e d’ ar cairdean;
Choisinn Diuc Uilleam ’sa ’n droch-uair,
’S gur mor an rosad e do dh’ Alba;
’S cha bhi oirnn ach ad a’s casag,
’N aite na ’m breacana dearga.
Cha bhi oirnn ach ad a’s casag,
’N aite na ’m breacana ura;
Stocain agus brigis ghlasa,
’S iad g’ ar glasadh mu na glùinean;
Cha robh roimhe riamh n’ ar duthaich,
Ach aodaichean ùra rìomhach;
’Sa choidhch cha b’ eiginn duinn am muthadh,
Gus ’n do chaill sinn cliùth na Rioghachd,
Chaill sinn ris ar cuid do ’n t-saoghal,
Chaill sinn ar daoine ’s ar nith ris;
Chaill sinn ar n’ aidhear ’s ar n’ eibhneas,
’S goirt an sgeul duinn bhi ga ìnnse.
’S goirt an sgeula bhi ga innse,
Na chaidhe dhith oirnn do na daoine;
Na thuit diu latha Chuileodair,
’Sa fhuair an dochunn ann ’sa chaonnaig;
Thainig an trup orr’ o ’n cula,
Triuir mu ’n aon duin air an aodann;
’S na m faigheadh iad cothrom cuise,
Rinn iad diubhail mu ’n do sgaoil iad.
Cha robh meas do chlanna Ghaidheal,
O ’n dh’ fhalbh Tearlach uainn air fogradh;
Dh’ fhag e sinn mur uain gun mhathair,
Gun aobhar ghaire guu sòlas;
Sinn a geilleadh do Shasunn,
’Sa ’g eiridh am feachd Righ Deorsa;
Gur h-ann d’ ar n’ iartas a’s d’ ar n’ athchuing,
E dhol dachaidh do Hanobhar.
Bidh sinne fhathasd ann an dochas,
Gu ’n tig Tearlach og do ’n Rioghachd;
’S na ’n tigeadh e oirnne chlisgeadh,
Choidhch cha diobradh mid gu brath thu,
’S i n’ athchuingidh a b’ fhearr leinn fhaotainn;
Gu n’ tigeadh iad oirnne na Frangaich,
’S Tearlach bhi air ceann na ’n daoine;
Dh’ eireadh Camshronaich o Lochai,
Donullaich a’s Clann an t-Saoir leat;
’S cha robh a leithid anns na criochan,
O ’n a chriochnaich Clanna-Baoisgne.
Dh’ eireadh leat Clann-an-Aba
Gu laidir, neartor, feachdail, rioghail,
Gu targaideach, armailteach, tartrach,
Luchd na ’n bratach ’s na ’n cuilìobhair,
Ri am rusgadh na ’n lann glasa,
Na ’m faobhar sgaiteach ’s na ’m picean;
Builleach, guineach, beumnach, buidhneach,
Bu laidir cliuiteach ’sa ’n dol sìos iad.
Griogaraich gun fhailing cruadail,
Bha iad riamh gu h-uasal rioghail;
’N am cogaidh, troid, no tuasaid,
C’ ait an cualas bonn d’a ’m mì-chliuth;
Dhol an aghaidh teine ’s luaidhe,
’N am na ruaig cha b’ iad a striochdadh?
’S fhad ’sa leanas sibh r’ ar dualchas,
Cha toir iad buaidh oirbh luchd ar mìoruin.
Eiridh gach fine o thuath leat,
Eidear uaislean agus islean;
title | Oran air blar na h-Eaglaise-brice, am bliadhna 1745 |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |