Cumha do fhear CHILLE MOIRE; le Alasdair Mac Calum bh’ ann an Laudail ’sa Mhorairne.
DH’ fhalbh mi ’n dé gu sunndach, sunndach,
Ghabhail cunntas Chille Moire;
’S cha do chuimhnich mi air bas,
An fhir gun sgath a chite soilleir:
’Nuair a rainig mi an larach,
Sa ’n t-aite b’ abhaist duinn coinneadh;
Cha deachaidh mi steach do d’ sheomar,
Cha d’ leig m’ fheoil dhomh dhol ad sheallamh.
Chunnaic mi gur bron bu cheol doibh,
Ghabh mi seol a’s rinn mi pilleadh;
’S thug mi ’n sgriob ud do ’n tigh osda,
Ghabhail oran do na gillean;
Gar a bheil mi pailt do storas,
’S cridheil dh’ olainn cupall ghinidh,
Air chumhnanta ’s gu ’m faicinn beo thu,
Seach am bron tha air do chinne.
Fear mor rioghail, ’s e do ’n fhior-fhuil,
’S mor d’ ar dith thu ’n am bhi togail,
’S mor an iondrain as a dhuthaich,
Am fear mor chiuiteach dh’ fhas gu maiseach;
Dhearbh thu chuis ud ’s cha bu chubair,
Bheireadh cuis diot ri am glacaidh;
Bha thu siobhalta ri maighdinn,
’S bha thu ’d shaighdeir ri uchd gaisgidh;
’S cha bu chearbach thu fo t-armachd,
’N am bhi bhi seanchas ri luchd chasag.
Nis o ’n thainig feachd na truaighe,
’S olc a bhuaidh tha air ar cinneach;
’S tric an sgriob so a bheul uaighe,
Air ar ’n uaislean, tha iad diomain;
Bu cheannard tuath thu, ’s dhaoine truagha,
Cho math ’sa bha ’n taobh tuath do ’n lingidh;
An Tì thug uainn thu, cha bu chruaidh air,
Oighre buan a chuir a t-ionad.
Mo thruaighe do mhathair ’s fad a laithean,
Guidhe a bhais a thigh’n da sireadh,
Chaill i a sugradh ’sa ceol gaire,
Gu la bhrath cha dean e pilleadh;
Cuis a chraidh i, laogh a h-ara,
Bhi ga charadh aig na gillean;
’N ciste dhionaich, fo bhrat sìoda,
Beul na firinn fear gun choire.
Mur biodh tu baidheil, iochdar, cairdeil,
Theireadh cach gu ’n robh sud coireach;
B’ fhiach dh’ i fhein sud, b’ ur a ceile,
Ceann na ceille ’sa ’n robh ’n gliocas;
Bu ghuala threun thu ri am feuma,
’S goirt an t-eug thug uainn a nis thu;
O ’n dh’ fhalbh bata, leat thair saile,
Tha i craiteach ’s bidh i ’m feasd ann;
Ga d’ chuir air tir an Leitir Shiuna,
Far ’n robh do dhuthchas ’s b’ ur na fleasgaich.
Na fir ura bha neo sgathach,
B’ e ’ur n’ abhaist ’n am an fheasgair;
Gillean lamh ruibh, aobhar ghaire,
Greis air thaileasg ga chur seachad:
Sior ol fiona as na piosan,
Aig fir ur na ’m piob ’s na ’m bratach;
Do ’n fhuil uasail, sioghail, rhuairce,
D’a ’m bu dual bhi ann ’sa ’n Apuinn.
An saoghal breugach, cha n’ eil feum ann,
’S mairg nach leughadh e le gliocas,
Ma bhios sibh steidheil, na tugabh geill da
Leigibh leic ann ’s na biodh meas deth;
Nith no feudail na gabhadh speis deth,
’Ur coinnseas fein na biodh g’ ar ’n ithe;
Gluaiseadh mid o cheim gu ceim,
’S ni e feum ged threig e nis sinn.
title | Cumha do fhear Chille Moire |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |