[125]

Cumha do IAIN MAC DHONUILL fear Dhruim-nan Torran an Suaineart. Le Alasdair Mac Calum ceudna.

FonnMurt Ghlinne Comhunn.

THUG Clan Donuill an latha,
Gar am bann leis a chlaidhe a truaill;
Ach le ordugh on Chathair,
Tighn gach oidhches gach lathoirnn a nuas;
Gur a truagh leamurn athair,
S e gun sugradh gun aidhear gun snuagh;
Than aois air a luidhe,
S e gur caradh le a lamhansan uaigh.

Bu bhoidheach do ghillean,
Fir oga bha inealta luath,
Chaidh pairt diu thair linge,
Dheanadh feum na n tilleadh iad buan;
Tha ar saoghalne diomain
S chan fhaodar ar tilleadh on uair,
Nuair a ghlaodhar as sinne,
Chi sinn saoghal nan spiorad tha buan.

N t-aon fhear dhiu rinn posadh,
Gun deanadh e Coirneal air sluagh,
Gan robh nadur an Tighearn,
Anns gach ait ann an suidhe e suas;
Gum be cridhe na feil e,
S e a luidhesag eiridh a suain,
S beag an t-iongnadh do cheile,
Bean na h-aonar air feill a bhi truagh.


[126]

S i do phiuthar ur aluinn,
Rinn cinntinn an garadh nam buadh,
S i ur mathair bha àghar,
Nuair a rinn i ur fagail cho luath,
Mum fac i ach pàirt dibh,
Gur ruitheadhs gur càradhsan uaigh,
Sibh an diugh air gach laimh dhi,
Ann an Rioghachd nan gras a cur suas.

S gar an dfhuasgail thu fearunn,
Gun robh firinn gun mhearachd fo dchleoc,
Fhir a dhionnsaich an ceanal,
Mun dfhag thu bhid leanabh ro og;
Bu mhath do chuid ghearran,
S do chapuill len searraich air lon,
S dhfhag thu tigh an deagh uigheam,
S tha gach duine ro bhuidheach ad sheol.

Mun taca so n uiridh,
S mi dhfhalbhadh air thuras gun sgath,
S tu gun dthugadh dhomh cuireadh,
Ged a chumadh tu fuireach air cach,
Dhol a sheomar nan uinneag,
A rinneadh a chumadhIain bàn;
A Righ! gur mis tha fo mhulad,
Nach dfhaodar do chumail on bhas.

S math dhaithnich thun saoghal,
Cha drinn thu riamh caonnag mun ol,
S cha mho rinn thu riamh éucoir,
Air neach fon ghrein a ta beo,
S ann a bhiodh tu gan réiteach,
Anns gach ait anns an éisdeadh do ghloir,
Sa nuair thigeadh diol déirce,
Bhiodh do sporan gun éur ann ad dhorn.


[127]

Leam bu duilich a Bheatai,
Gun dthainig a chreach ort cho og,
Nighin Aonghuis on Achai’ [Achaitriochadan. ] ,
O Ghleann uaine nam martsam bi ceo,
Tha thu caoineadhsag acain,
Do cheile math leapa nach beò,
S e an ciste choail chumhainn,
Air a charadh fo dhubhar nam bord.

S iad Clann Donuill nan geur lann,
Rinn amus ri ceile gle og,
Nuair a phos iad ri cheil sibh,
Sibh a luidhesag eiridhsa choir;
Cum cuimhnair do gheallamh,
Thug thu uait e le barantas mor,
Gabh curam da leanabh,
S cha bhi thu gun earras ri dbheo.

Ged a ni mi mo dhichioll,
Air innse na firinn tha buan,
Than aois ga mshior dhiteadh,
Dhfhag i mise gu diblidh bochd truagh;
S mi an t-Oisein mur chi sibh,
Ag osnaichsa caoidh na dhfhalbh uainn,
Tho mo chridh airur deaghaidh,
Mur gum buaileadh an gobhainn a chruaidh.

Le cridheachan laga,
Bidh ar suilean a leagadh nan deoir,
Ged a theid sinn dar leabaidh,
Chan fhaigh sinn an cadal ach fòill;
Tha arn inntinn cho luaimhneach,
Ri gaoth deas, na gaoth tuath, na ri ceo,
Sior chaoidh na dhfhalbh uainne,
M fear a dhfhanasse dhuais bhi ri bròn.

titleCumha do Iain Mac Dhonuill fear Dhruim-na ’n Torran an Suaineart
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page