Cumha do SHIR TORMAID MAC LEOID; Le Mairi Nighean Alasdair Ruaigh Mhic Leod.
Mo chradh-ghal bochd,
Mur a tha mi nochd,
’S mi gun tamh, gun fhois, gun sùnnd.
Ma tha ghal, &c.
Gun surd ri stath,
Gun duil ri bhi slan,
Chaidh mo shugradh gu brath air chùl.
Gun surd, &c.
Chaill mo shusbaint a cail,
Fàth mo thursaidh gach la,
’S mi sior uirsgeul air gnaths mo rùin.
Chaill mo, &c.
Mu dheagh Mhac Ruairidh na ’n long,
Lamh lìobhraigeadh bhonn,
’S bha measail air fonn luchd ciùil.
Mu dheagh, &c.
’S e bhi smuainteachadh ort,
A chràidh mi m chorp,
’Sa chnamh na roisg fo m’ shùil.
’S e bhi, &c.
Mi ri smuaintean bochd truagh,
’S ri iomradh baoth buan,
’S mi ga t-iondrainse uam ’s tu b’ fhiu.
Mi ri, &c.
’G iondrain Leodach mo ghaoil,
Bhi ’sa ’n t-srol anard chaol,
Gun chomhdach ri thaobh ach bùird.
’G iondrain, &c.
O ’n la ghlasadh da bheul,
Gu ’n deach’ airc air luchd théud,
’Nuair sgapadh tu fhein na crùin.
O ’n la, &c.
Thog na filidh ort sgeul,
Fhad ’sa dh’ imich an ceim,
Nach fhac iad na b’ fhéile gnùis.
Thog na, &c.
Gu ’n robh mais ann a t-fhiamh,
’Sin a’s tlachd ort measg chiad,
Rud nach cuala’ mi riamh air triùir.
Gu n robh, &c.
Tha Mac Leoids’ air ar ceann,
’S e fo thursadh nach gann,
’S beag an t-iongnadh ’s e chaill a sdiùir.
Tha Mac Leoids’, &c.
Chaill e maothar a threud,
’Sa ’n robh fradharc na ’n ceud,
A’s tagha do dheagh chairt iùil.
Chaill e, &c.
Deagh shealgair am fridh,
Bha gun cheilg do thigh Righ,
Agus seirbheiseach dileas crùin.
Deagh shealgair, &c.
Tha do chinne fo ghruaim,
’S gach aon fhine mu ’n cuairt,
O ’n làtha ghrinnicheadh t-uaigh sa chrùist.
Tha do, &c.
Mu ’n t-sar ghaisgeach dheas threun,
Ann am batal na ’n ceud,
Cha bu lapach ’sa ’n leum ud thu.
Mu ’n t-sar, &c.
Lamh churanta chruaidh,
Ann an iomairt ’s gach buaidh,
Cha ’n urrainn domh t-uaisl’a ruin.
Lamh, &c.
Do thigh talla fo ghruaim,
’S e gun aidhear gun uaill,
Far ’m bu mhinig an d’ fhuair sinn cuirm.
Do thigh talla, &c.
title | Cumha do Shir Tormaid Mac Leoid |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |