[130]

Marbhrann do SHIR SEUMUS MAC DHONUILL; Le Gilleasbuig a bhrathair.

BFHEARR am mor olc a chluinntinn,
Bhrigh iomrana fhaicinn;
Dhomhsa bfhurasdsud innse,
Rug airm inntinn trom sachd dheth;
On is mi bhasan fhulang,
Bu chruaidh duilich ri fhaicinn;


[131] Rainig croma-sgian on aog orm,
Cha do shaor i bun aisne.

S e dhfhag fodha dhomhn coite,
Aon a mhoichead a dhuisg mi,
S mi gun fhear air barr agam,
Thogadhm aigne a dùsal;
Nuair a bheum an sruth traigh orm,
Rug muir baithtair a chul sin,
Cha dfhiosraich mim bas duit,
Gus an dfhag mi thun crùiste.

Fath macuins mo thùrsa,
Nach duisgear le teud thu,
Na le torgan na fìle,
Mo dhìobhails mo leir-chreach;
Fhir a chumadh i dìonach,
Dhaindeoin siontain ga geiread,
Thun diugh fo leacan na h-ùrach,
Gun mo dhuil ri thu dheiridh.

S bochd an ealtainnsthug sgriob orm,
Thug i dhiom mearr as mfhéusag,
S geurs gur goirt spuir an ràsair,
Thrusas cnamhan as féithean;
Dhfhag sud mise dheth craiteach,
Dhaindeoin dàil gu ro chreuchdach;
Cha dean ballan no sabh dheth,
Mise slan gu la meuga.

Ge be chuireadh dhomhn umhail,
Do mhor chumha ga mleonadh,
Na mo dhosan a liathadh,
Coig bliadhna roimh’ ’n ordugh;
Tha min diugh a toirt paigheadh


[132] Ann meud màilleas as moige,
On rug deireadh do bhais orm,
Os cionn chaich cha be mordugh.

S fhad tha mim Oisein gun mheadhail,
As do dheaghaidh bochd dòlum,
Osnachail farbairneach, frithir,
Tha mfheith-chridh air a leonadh;
Leigeam fios thun a bhreithe,
Nach iarr slighe gu dòibheart,
Gur h-e port Raoghuill uidhir,
Mur nach bu dligheach is ceol domh.

S bochd mo nuaidheachd ra innse;
Ge be sgrìobhadh en tàbhuinn;
On la rinn thu feum duine,
Gusn do chuireadhsan lar thu;
Bha mo dheas-lamh dol sios leat,
An clachan crìche mo chradh-shlat;
S mor na bfheudar dhomh fhulang,
Mo bhuan fhuireach o mbrathair.

S bochd an ruinnigil fhuathais,
Rug air uaislean do chairdean,
S goirt a bhannag a fhuair iad,
N latha ghluaiseadh gu tamh leat;
Ge be neach is mo buannachd,
N lorg luaithre a bhais so,
S mise pearsas mo tuairgne,
Sanuair so thair màruinn.

Cha chuis fharmaid mo leithid,
S ann tha min deaghaidh mo spùillidh;
Bhuin an t-eug dhiom gu buileach,
Barr as iomull mo chùirte;


[133]S feudar tamailte fhulang,
Gun dion buillair mo chùla’,
Stad mo chlaidhe na dhuille,
S bath dhomh fuireach ra rusgadh.

Bhuin an t-eug creach gun toir dhiom
Dhaindeoin oigridh do dhùthcha;
Dhfhag e maigne fo dhòruinn,
S bhuail e brog air mo chuinne;
S trom a dhfhuasgail e deoir dhomh,
Bu mhor mo choir air an dubladh;
Mu cheann uighe nan deoiribh,
Bhi fo bhord ann an dunadh.

Bu deas dile mo shior-ruith,
S gum bu dionach mo chlaraidh;
Bha mo chala gun diobradh,
Ga mo dhion as gach saradh;
Riamh gusn dthainig an dìl orm,
Dhfhag fo mhighean gu brath mi;
S ard a dhéirich an stailcsorm,
Chuir i as domh mu mairnean.

Call gun bhuinig gun bhuannachd,
Bha ga mruagadhon trath sin;
Cha bin iomairt gun fhuathas,
Leisn do ghluais mi mur chearrach;
N cluich a shaoil mi bhim buannachd,
Dh fhaoite ghluasad air taileasg;
Thainig goin as cur suas orm,
S tha fear fuar orm at-aite.

On chaidh maillair mo fhradharc,
S nach taoghail min ard bheann;
Chuir mi cul ris an fhiadhach,


[134] Pong cha niarr mi air clarsaich;
Mo cheol luidhe as eiridh,
Mosnadh gheur air bheag tabhachd;
Fad mo re bidh mig acain,
Mheudsa chleachd mi dheth t-ailleas.

Ach dleasaidh faighidinn furtachd,
Nach faic thu chuisle ga luaithead;
Air fear na teasaichsan fhiabhruis,
S gearr mu shioladh a bhruaidlein;
Muir a dheireas ga braisead,
Ni fear math beairte dhi suanach;
Ach e dhiomairt gu tapaidh,
Ceann da shlait thuig as uaithe.

Nuair a bha mi am ghille,
S min ciad iomairt Shir Seumus,
Marr ri comhlan dheth mchinne,
Seoladh air spinneig a dhEirinn;
S ann aig I Chalum Chille,
Ghabh mi giorrag mu ddheighinn;
Chaill thu lan mèise feodair,
Air do shroin don fhuil ghlè dhearg.

Luchd a chaitheadh nan cuantaibh,
S moch a ghluaiseadh gu surdail,
Len alach chalpannacruaidhe,
Bu hheag roimh’ ’n fhuaradh an curam;
Bu choma co do na h-uaislean,
Ghlacadh gluasad na sdiuradh;
S fear math beart air a gualainn,
Burrainn am fuasgladh gach cuise.

N am gluasad o thir dhuinn,
Bu neo mhiodhar ar loistean,


[135] Cornach, cupanach, fionach,
Glaineachan lionta a stopaibh;
Gu cairteach, tailisgeach distneach,
Stailc air uigh nam foirnibh;
Dhomhsa bfhurasdsud innse
Bu chuid do mgniomh o aois moig e.

Bu neo eimneach mo leabaidh,
S bha mo chadal gle chomhnard,
Fhadsa dhfhuirich thu agam,
An caoin chadal gun fhotus;
Bu tu mo sgiath laidir dhileas,
Ga mo dhion o gach dòruinn,
S e cuid a dhaohhar mo leith-trom,
Bhin diugh a seasadh do chorach.

titleMarbhrann do Shir Seumus Mac Dhonuill
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page