ORAN air latha Sliabh an t-Siorram.
Le Sileas Nighean Mhic Raognuill.
THA mulad, tha gruaim orm, tha bron,
O ’n dh’ imich mo chairdean air falbh;
O ’n chaidh iad air asdar gun chinnt mu ’n teachd dhachaidh,
Tha m’ inntinn fo airtneal na leoir.
Gus an cluinn mi nuaidheachd is binn,
Air gach duine a dh’ imich o ’n tir,
Gu ’m pilleadh sibh dhachaidh, le cruadal a’s gaisgeadh,
’S gu n cruinte an Sasun leibh ’n Righ.
Beir soraidh gu Donull o ’n Dun,
Gu h-Uilleam ’s gu Seumus na ’n triuir,
’Nuair chruinnicheas uaislean,
Do d’ chinneach mu n’ cuairt duit,
Glac an t-urram a fhuair thu le cliuth.
Beir soraidh gu h-Alasdair liath,
As do chruadal gu ’n earbainn deagh ghniomh,
’Nuair a theid thu gu buillean,
’S do naimhdean a dh’ fhuireach,
Gu cinnteach bidh fuil air am bian.
Beir soraidh gu h-Ailein o ’n chuan,
Bha greis ann ’sa ’n Fhraing uainn air chuairt,
’S e ro mheud do ghaisgidh,
Chum gun oighr’ air do phearsa,
Craobh chosgairt air feachd na ’n arm cruaidh.
Beir soraidh an déigh na ’n laoch,
Gus a bhuidheann ga ’n suaithcheantas fraoch,
Gu ceannard a Bhraghad,
’Sa chuid eile do ’m chairdean,
Buaidh shithne ’s buaidh larach leibh a choidhch.
Tha uracha’ buidheann tigh’n oirnn,
Mac Coinnich, Mac Shimidh, ’s Mac Leoid,
Mac Ionmhuinn Strath-chuailte,
’Sa ’n Siosalach suairce,
’S e mo bharail gu ’m buailear leo stroichd.
Gigig thuirt au coileach [The Cock of the North, the Duke of Gordon.] ’s e ’n sàs,
Tha mo sgoileirean ullamh gu blar,
Am fuidse nach coisinn,
Crath do chirein, do choileir, ’s do chluas,
Cuir sgairt ort gu feachd an taobh an tuath,
Cuir spuir ort ’s bi gleusda,
Gu d’ naimhdean a reubadh,
’S cuir Mac Cailein fo gheill mur bu duall.
Thighearna Struthain o Ghiusaich na m’ beann,
Thug thu tamull a feitheadh ’sa ’n Fhraing,
Tog do phiob a’s do bhratach,
So ’n t-am dhuit bhi sgairteil,
’S cuir na Caimbeulaich dhachaidh na ’n deann.
A Righ! ’s buidheach mi Mhoir-fhear sin Marr,
Leis a dh’ eireadh a bhuidheann gun fheall,
A liuthad Foirbeiseach gasda,
Tha ’g iathadh m’a bhrataich,
B’ fhiach do Sheumus an glacadh air laimh.
Tha mo ghruaim ris a bhuidheann ud thall,
A luaithead ’sa mhuth iad an t-sreang,
Tha mi cinnteach am aigne,
Gu ’m bu mhiann leo bhi againn,
Mur bhithe Chuigse bhi aca mur cheann.
Far an robh sibh ri peidseachas riamh,
’S cha b’ ann ’g osnaich air mullach na ’n sliabh;
A liuthead cùbaid tha ’n drasda,
Fo churam na graisge,
Agus easbuig fo ailleas na ’m biasd.
A dhonnachai [MacPhearson.] ma dh’ imich thu null,
Tha do chiabhan air glasadh fo chliuth;
’Nuair a ruigeas sibh cuide-ri cach,
Cia mur chumas a chuigse ruibh blar?
C’ aite bheil e fein aca?
An Albuinn na ’n Sasunn,
Nach gearradh sibh as mur an cal.
’Nuair a ruigeas sibh Lunnainn na ’n cleoc,
Sa bheir sibh an fhaistinneachd beo;
Bidh tomhas an t-sioda,
Le ’ur boghannan riomhach,
Air an drochaid as miltean f’ ur sgod.
title | Oran air latha Sliabh an t-Siorram |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |