Am bruadar le IAIN DUBH MAC IAIN ’IC AILEIN mu chor na Rioghachd, bhliadhna 1715.
SEISD.
Hei ho, tha mulad air m inntinn,
Cho trom ri cloich mhuilinn,
Air lunna’ na sineadh,
O nach eil a h-uile-rud
Chunnaic mi sgribhte,
Cha bheo air a chruinne
Na ’s urrainn da innse.
Hei ho,[Hei ho, is to be pronounced after the chorus as well as at the beginning.]
’N toiseach a cho’strith,
Chaidh Beulona a ghluasad,
Gu ’n do nochd sinn ar bratach,
Gu caismeachd thoirt uainne;
Sluagh cois agus marcachd,
Dol seachad mu ’n cuairt duinn,
Run feirg air gach gaisgeach,
A lasadh gu cruadal.
Hei ro, &c.
Thug mi suil air ’an fhairge,
’S cha bu dearmadach fiamh dhomh,
’Nuair a chunnaic mi gharbh-luaidh,
Chaidh mo mheanmna an islead;
Thainig smuaintean am eanchuinn,
Na ’m bu sheanchas bha fìor e,
Gu ’m buailte an t-arm sin,
Ann an targnaich na Rìoghachd.
Hei ho, &c.
’Nuair a chruinnich iad uile,
Sluagh mara a’s tire,
Bu lionar na ’m measgsan,
Amunisein ’s probhisein,
Iad gu namhadach fuileach,
Bu lionar na ’n campa,
Gu galltrom a’s pìoba,
Fairgne na druma
Cuir an curaids am fiacha’;
’Nuair fhuair gach comanndair,
Ordugh teann thun a ghniomha,
O ’n theann iad ri màrsadh,
’S tùs blair e ’s cha sith e.
Hei ho, &c.
Thuirt an guth rium am briathraibh,
Ged ’s fiamhach na chi thu,
Cha dean iad bonn lochd ort,
Mur coisinn thu mìorun,
An neach tha thu ’g iarraidh,
Na fiaraich os ’n ìosal;
Gus am faic thu mhuc iasaid,
Ga stialladh aig miolchoin.
Hei ho, &c.
Chunnaic mise ’s mi ’m chadal,
Gu leoir fada na tim sin,
Leigeadh leigheart mu ’r bailtean,
G’ ar glacadh os ’n iosal,
Lamhach a chanain,
Bristeadh bhallaibh m’ ar fiaclan,
Gaoir phaistean a’s mhnathan,
’Sa ’m fearaibh am priosan.
Hei ho, &c.
title | Am bruadar le Iain Dubh Mac Iain ’Ic Ailein mu chor na Rioghachd, bhliadhna 1715 |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |