ORAN air latha RAON RUAIRIDH; Le Mac do dh’ Iain Lom.
Fonn. Call huill i rin ó, call o chall hui ri ho hì, &c. Tha lionn dubh mòr, call och i rin ó air mo chlaoidh.
’N RAON RUAIRIDH so bh’ann,
’S lionar ceann agus colunn ri lar,
Moran Ghaidheal a’s Ghall,
Air chall ’sa ’n uileann ri blar,
’Nuair thainig a chlann
’N ar ceann an deireadh an là,
Cha bu tilleadh gun chall,
So shanntaich gillean mo ghraidh.
Bha ’n t-Alasdair ciar,
Gu dian le bhrataichean fein,
An am dol a sios,
Cha bu mhiann leis fuireach na ’n deigh;
Cha bu chlaidhe no sgiath,
A bha mur dhion da fein,
Co chumadh ris strith?
’Sa ’n Righ mur spionneadh da sgeith.
Bha Donull na ’n Dun,
Gu dluth air uilinn a bhlair,
Bha ghillean r’a chùl,
’S cha seachnadh iad cuis gun dail,
Fir ghasda mo ruin,
G’ ar leanailt gu dluth m’ ar sail,
Bha Leathanaich ann,
An dream bha fuileachdach riamh,
Leam is duilich an call,
Bha iad ann o cheann fhada na ’n cian,
Ged tha iad gun cheann,
Bidh e ann ’nuair is toileach le Dia;
’S thig Muile na dheann,
A nall o luchd na ’m beul fiar.
Chlann Raoghnuill Ghlinn-Ruaigh,
Gu ’n d’ fhuair sibh leagadh gu leoir,
Na ’n eireadh sibh suas,
Le ar sluagh gun laigse gun leon;
Ged tha sibh fo ghruaim,
A’s gearasdan fuar m’ ar sroin,
Nuair thig Ailein o ’n chuan,
Bidh gach sguab d’ ar fearunn f’ ur sgòd.
Tha fear an Gleann Ruaigh [MacDonell, Keppoch, a Chieftain, although a tenant to MacIntoch of Moyhall,
keeping his rents unpaid with the strong hand, MacIntoch, with his men came to
take MacDonell’s means by force, but was beat back with great loss; see the
following song on the battle of Mulroy, being the last of the conflicts between
the clans.] ,
Nach d’ fhuair a dh’ fhearunn an coir,
Ach beagan do shluagh,
Theid suas le fead chinn a mheoir;
Thainig feachd o ’n taobh tuath,
Chuir gearasdan fuar mu ’n sroin;
Ach ’s e fhuair iad mur dhuais,
Dol dachaidh ’sa ’n ruaig mu ’n tòin.
Thug thu latha ’sa mhaoil,
’Nuair bha thu gu h-aotrom og,
Le do bhrataichean fraoich,
’S bu lion’ar laoch ann ad lorg;
Tha mo ghuidhe air an Righ,
Gun an t-aog a thighin ad choir,
Gus am faigh thu a’ dh aois,
A Cheapach bhi saor fo d’ chòir.
title | Oran air latha Raon Ruairidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |