[143]

ORAN air latha blair na Maoile-ruaighe, Eeidear Clann-an Toisich na Maighe agus Clann Raoghnuill na Ceapaich. Le Donnacha Duileach.

Fonn.— ’Se latha Raon Ruairidh, &c.

Ho fairigean o ho,
Ho ro na co leatha,
Gur h-e Collan ceann-feadhnaidh,
Gleachd mun tom mun robh athair,
S ioma spealp do dhuinuasal
Bha mun cuairt duit an lathud,
B fhearrna clogaide cruadhach,
Mu dghuaillibh gu t-amhuich.

Chulas nuaidheachd o t-armailt,
Nam baill leibh a labhairt;
Gachneach ga bheil fuath dha,
Cuir na chluasan geur shaighead;
S ioma cumha le storas


[144] Gheibheadh tu o Thoiseach na Maighe;
Ach mur bhan donus ad ghòirseid,
S ann a chord e le claidhe.

Sud an cordugh gun ghliocas,
Rinn thu nis ann a t-an-toil,
Fhuair Colla fo chis thu,
Cho min ris an lamhuinn,
S ioma cradh-leabaidhs litir,
Chaidh dhIonmhur-nis fo dchairdibh,
S olc nach dfhuair e disearsadh,
Bhliadhna phaigh e am mal duit.

Bha thusa Cholla ro thapaidh,
MhicLasbuig na mòr-chuis,
Leig thu thucna coin thapaidh,
Cha robh cadal air doigh ac’;
Ged a biongnach na cait iad,
Cha robh chead ac do sgrobadh;
Nuair a sgaoil thu do lionan,
Thug thu mhiaghail an srònan.

S ioma musgaids pìc iùbhair,
Bhan cuideachd a mhi-raith,
Gan tilgeadh cho fada
Ri cairteal a mhìle;
Cha do smuaintich sibh teicheadh,
O luchd nam feadanacinnteach;
Ach am bathadh nam broilleach,
Sud an cothrom a mhill iad.

Cha be sgobadh an t-seangain,
Na mur gum beanadh dhuit deargunn,
Ach na claidhnean tana,
Bhaig na fearaibh mur armachd,


[145] Leigeadh an smior ris,
Far am beanadh gun craoineadh,
Bhiodh eanchainn am mullaich,
Mumuineal gan salachadh.

Dhinnsinn cuid dar beusan,
Bhi treun ann an torachd,
Bha bhuil air Clann Chatain,
Gum be sud fasan Chlann Donuill,
Dhol treun air chois claidhe,
Nuair a chaitheadh iad lod orr;
Eidear fhearaibh as ghillibh,
Bhi len sgianan nan sgornain.

Nuair a rainig thun larach,
An robh abhaist do sheanar,
Bha Clann Chatansa bhèucaich,
G iarruidh fabhair dan anam;
Sin nuair gheibheadh tu t-ailleas,
Chuir am paipeir an ceangal,
S ged tha Cheapach na fasach,
Tha i paighte le ceannaibh.

Ged a ghlaodh iad ruibhn ionaghlais,
Mu anmoch an fheasgair,
Chuir sibh sgapadh a mheanmh-chruidh,
An luchd a mhàm thair a pheice;
Gan ruith feadh an aonaich,
S gan cuartachadh dhachaidh;
S gam paigheadh nam fiachan,
Ach dhiondrain iad Lachunn [Maicntosh.] .

Thig Mac Coinnich dhiont-armailt,
S bu mhor mearbsas a mhathas,


[146] Le shaighdeirean faoghluimt;
S len aodaichean daithte;
Nuair bha dag air a searsadh,
Sheall e geur anns an amharc,
Sin nuair phaigh en t-eudach,
Bha mu earbull a mhnatha.

Thoir mo shoraidh le dùrachd,
Gus an triùir thannsa bhraighe,
Gu Colla na laimh threine,
E fheinsa dha bhrathair;
Gun do sheas mac De leibh,
Annsan leum so an drasda,
S gun dfhuair sibh an toiseach,
Ann an toiteal nan claidhean.

Nam bu mhise bfhear seolaidh,
Air na h-oigeara’ ’n drasda,
Bhiodh fear air gach uilinn,
Chors nach leagten aon bhlar iad;
Cha robh eagal na giorrag,
Air na gilleann robhn tabhachd;
Bha fear annsgach uilinn,
Mur sgiath chuntairt roimhchairdean.

Bhuaidh sin mur mo dhurachd,
Tha em run gu e thachairt,
Thu bhid thighearna duthcha,
Eidear an Dunansa Cheapach,
Eidear Ruthain as Spìthein,
S Cill mo-nìobhaig a chladaich,
Ann am paighneachas sgribhte,
S lamh an Righ ris a chairt ud.

Cuimnach cuirinnsen cuartach?
Muigh Gleann Ruaigh an robhm baiteal,


[147] Eidear monadh Dhruim-uachdair,
Cnoc a Chuailtesan Teagail;
Gun mhir a bhi uait deth,
Ach cnuac Torra-an-easa;
Fearunn duthchas Mhic Mhairtein,
Bu neo nadura bheagadh.

titleOran air latha blair na Maoile-ruaighe, Eeidear Clann-an Toisich na Maighe agus Clann Raoghnuill na Ceapaich
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page