ORAN air latha Chuileodair agus air cor na ’n Gaidheal. Le Iain Ruagh Stiubhart [This is the John Roy Stewart, the true and trusty friend of Prince Charles, one of his chief colonels, and the famous warrior very much spoken of in the history of the rebellion, and equally as good a poet as he was a swordsman in the field.] . Chinne-chairdin an Strathspéidh.
Fonn. —Murt Ghlinne Comhann.
GUR a mor mo chuis mhulaid,
Bhi ’g amharc na guin a ta ’m thir,
A Righ! bi laidir ’s tu ’s urrainn,
Chasg na ’n naimhdean tha dhuinne ’s gach taobh
Oirnne ’s laidir Diuc Uilleam,
’N rag mhearlach tha guin aige dhuinn;
B’e sud salchar na ’n steallag,
Tighin an uachdar air chruineachd an fhuinn.
Mo chreach Tearlach Ruagh boidheach,
Bhi ga dhiteadh aig Deorsa na ’m biasd;
B’e sud dìteadh na còrach,
An fhirinn ’sa beoil foipe sios;
Ach a Righ mas a deoin leat,
Cuir an Rioghachd air seol a chaidh dhinn,
Cuir Righ dligheach na còrach,
Ri linn na tha beo os ar cinn.
Mo chreach armailt na ’m breacan,
Air an sgaoileadh ’s air an sgapadh ’s gach ait,
Aig fior bhalgairean Shasunn,
Nach no ghnathuich bonn ceartas na ’n dail;
Ged a bhuannaich iad baiteal,
Cha b’ann da ’n cruadal na ’n tapadh a bha,
Ach gaodh niar agus frasachd,
Thigh’n a niar oirnn bhar machair na ’n Gall.
’S truagh nach robh sinn an Sasunn,
Gun bhi cho teann air ar dachaidh sa bha,
’S cha do sgaoil sinn cho aith-ghearr,
Bhiodh ar dichioll ri seasamh na b’ fhearr;
Ach ’s droch dhraoidheachd a’s dhrachdan,
Rinneadh dhuinn mu ’n deachas na ’n dail,
Air na fridhean eolach do sgap sinn,
’S bu mhi-chomhail gu ’n d’ fhairtlich iad oirnn.
Mo chreach mhor na cuirp ghlé-gheal,
Tha na ’n sìneadh air na sleibhtean ud thall,
Gun chiste gun leintean,
Ga ’n adhlacadh fhein anns na tuill;
Chuid tha beo dhiu ’n deigh sgaoileadh,
’S iad a bruiche a chéil’ air na luing;
Ehuair a Chuigs’ a toil fein dinn,
’S cha chan iad ach réubaltaich ruinn.
Fhuair na Gaill sinn fo ’n casan,
’S mor a naire ’sa masladh sud leinn,
’N deigh ar duthcha ’s ar ’n aite,
A spùilleadh ’s gun bhlaths againn ann;
Caisteal Dhuinidh ’n deigh a losgaidh,
’S e na laraich thursach gun mhiagh;
Gu ’m b’e ’n caochla’ goirt e,
Gu ’n do chaill sinn gach sochair a b’ fhiach.
Cha do shaoil le mo shùilean,
Gu ’m biodh gach cùis mur a tha,
Mur sputadh na ’m faoilleach,
’N am na ’n luidhean a sgaoileadh air blar;
Thug a chuibhle car tionndaidh,
’S tha ioma fear aime-cheart an càs;
A Righ seall le do chaoimhneas,
Air na fir th’ aig na naimhdean an sàs.
’S mor eucoir ’n luchd orduigh,
An fhuil ud a dhortadh le foill;
Mo sheachd mallachd a Mhoir-fhear Deorsa,
Fhuair e ’n lath’ ud air ordugh dha fein;
Bha ’n da chuid air a mheoiribh,
Moran gìogan gun trocair le foill;
Mheall e sinne le chomhra’,
’S gu ’n robh ar barail ro mhor air r’a linn.
Ach fhad ’sa ’s beo sinn r’ar latha,
Bidh sinn caoidh na ceathairn chaidh dhinn,
Na fir threubhach bha sgairteil,
Dheanadh feum le claidhe ’s le sgiath;
Mur biodh siontain n’ ar n’ aghai,
Bha sinn shios air ar n’ aghairt gu dian,
’S bhiodh luchd beurla na ’n luidhe,
Ton thair cheann, b’e sud m’ aidhear ’s mo mhiann.
Och na ’n och! ’s mi fo sprochd,
’S mi ’n so ag osnaich leam fein,
’G amharc reismeid an Rosaich,
’G ithe fèur agus cruineachd an fhuinn;
Reothaich iargalt a’s Cataich,
Tighin a nall oirnn le luchd chasag a’s lonn,
Iad mur mhiolchoin air acras,
Siubhal chrioch, charn chlach, agus tholl.
Mo chreach duthaich air an d’ thainig,
Rinn sibh nis clar reidh dh’i cho lom,
Gun choirce gun ghnaiseach,
Gun siol taght’ ann am fasach na ’m fonn,
Prìs na circ air an spardan,
Gu ruig a’s na spàinean thoirt uainn,
Ach sgrios na craoibhe f’a blath oirbh,
Air a crionadh f’a barr gu a bonn.
Tha ar cinn fo ’n choill,
’S eiginn beanntain a’s gleanntain thoirt oirnn,
Sinn gun sugradh gun mhacnus,
Gun eisdeachd ri binneas no ceol,
Air bheag bìdh no teine,
Air na stucan air am bi an ceo,
Mur chomhachaig eile,
Ag eisdeachd ri deireas gach lò.
title | Oran air latha Chuileodair agus air cor na ’n Gaidheal |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |