[18]

Do Shir EACHUNN MAC ’ILLEAIN.

Leis an te cheudna.

THI than cathair nam feartan,
Cum ceart agus còir ruinn,
S cuir deagh sgeul thugainn dachaidh,
Air Sir Eachunn nan roiseal;
S ach ma chaidh thu as t-fhearunn,
S tu bhi tamull air fogradh;
Gur h-e sgeula mo sgathaidh,
Càch ag aithris nach beo thu.

Shir Eachuinn nan lùireach,
Nan long siùbhlachs nam bratach,
S nan cuirtinean rìomhach,
Gum bu lionar do ghaisgich;
Sa liuthad Iarla mor priseil,
Theid a sios ann ad bhaiteal;
Bhiodh tun toiseach fir Alba,
S bu mhor t-armailt rim faicinn.

S tu chraobh is airde anns an doire,
Thann an coille nan Gaidheal,
Agus conspunn gun ghiorrag,


[19] Sgiath air uilinn Phrionns Tearlaich;
Bu tu iuchair an fhuasglaidh,
Nuair bu chruaidh na bu chàs e;
Meud do ghliocaiss do chéille,
Bheireadh reidh as gach cas thu.

S tha thud dhalt aig a Bhan-righn,
S mor an gradh thug i fhein duit;
Mur leine chneas aig a brathair;
S mur aisne chnamha nach treigeadh;
Chaill thu t-oighreachd as t-fhearunn,
S thug thu thairis gu leir e;
Air son seasadh gu rioghail,
S rinn do shinnsearachd fhein sin.

Tha mo chion air an fhior-fhuil,
Og rioghail na h-ealtainn;
Agus cuilein an leoghuinn,
S og a dhfhoghlum thu gaisgeadh;
Ursann chath thu roimh mhiltean,
N am dhol sios ann am batailt;
S burrashuidheachadh blair thu,
Ged bhiodh càch ann an gealtachd.

Dhaithnich latha Chuileodair,
Gum bu dosgach na Gaidheil;
S gun robh thus ann an Sasunn,
N deigh do ghlacadh le dnamhaid;
Ach nam biodh tu aca,
Mun do chaisgeadh an arach;
Cha rachadh fir Shasunn,
Slan dhachaidh gun aite.

Tha do chaistealan geala,
Agus do thallachan prìseil;
Farm biodh ol agus aidhear,


[20] Aig luchd a chaitheadh an fhìona;
O luchd nan adaichean dubha!
Sgeul tha dubhach lem inntinn;
S truagh nach robh iadsa chaillich
Fo chaithream a lionaidh.

Tha seannduine laidir
Gabhail tamh anns an Rioghachd so;
Tha e dionach na fhearunn,
S cha charaich an Righ e;
Ged a thigeadh fir Shasunn,
N deigh an cartadh gun intleachd;
Bheireadh easan doibh aite,
S cha bhiodh màladh mur strith orr’.

Tha Baintiarn og eile,
N cois an eilir mu thuath oirnn;
Gu bheil corr as ciad bliadhna,
O nach diarradh a gluasad;
Ged a thigeadh Diuc Uillcam,
S na tha chruinneachadh sluaigh aig;
Bheireadh ise dhoibh dinneir,
S cha bu dithte i uaip e.

Seal mun dthainig Righ Raibeart,
Bha i socrach na h-aite;
Cha do thogadh riamh cis di,
Na diol air son malaidh;
Nuair a dheireadh oirrcorraich,
Righ bu choimheach a gaire;
Chuireadh crith air na miltean,
Ri linn dhol ga feuchainn.

Tha mo chridhair a thraghadh,
Mur phaipeir a fhliuchte;
No mur fhiadh air an fhasach,


[21] A ghearrte gach cuisle;
Gach aon nuaidheachd is cruaidh leinn,
Tighin cho luath ri each trupa;
S gu bheil cuid acag radhainn,
Fath mo chraidh nach tig thusa.

S tha do mheasanaguaille,
S do dhaoine uaisle le cheile,
S tha do mhialchoin gun fhuasgladh,
Snaoim chruaidhe air an fhéille,
Iad a fullang gach mùisig,
Slat sgiursaidh nam beistean;
S iad a feitheadh na h-uaire
Gus am fuasgail thu fein orr’.

Chan e cumha na caoireachd,
Tha mi caoineadh san earrach,
Ach ri iarguin nan daoine,
Ris am faodainn mo ghearan;
S ann diu Ailein Mac Thearlaich,
Be mo chradh do chall fala,
S i na ruith as gach taobh dhiot,
Na a caoranabh meara.

Ormsa thainig an t-anrath,
N tus geamhraidh na gaillinn,
Na h-eich ghorm agus dhubha,
Gar bruthadhs gar prannadh;
S nach tug iad do dhI thu,
Mar-ri sìnnsreachd do sheanar,
Farn robh fuil nan seachd Rìghrean
Don fhion-fhuil bu ghloine.

S ann theireadh Clann Lachuinn
Nach fanadh iad uaitse,
Ged nach drinn iad sin aidmheil,


[22]N am t-fhaicinnsa chruadal;
S ann a leagadh an Caiptein,
A bhagad ri dghualainn;
S gun dfhuirich thu aige,
Gusn do threachailte uaigh dha.

S mithich dhomhsa bhi samhach,
Sgur do dhàireamh nan uaislean,
Tha mo dhochas an Crìosda,
Nach fior mur a chualas;
Ach gun tig MacIlleain,
Nall fhathasd thair chuantain;
S gun dtheid sinn na chomhail
Gle dheonachsan uair sin.

titleDo Shir Eachunn Mac ’Illeain
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page