ORAN leis a bhard cheudna, no mur their cuid a dhaoine, urnaigh Iain Ruaigh, agus e air siachadh a choise, nuair bha e air fogradh an deigh latha Chuileodair.
AIG toabh sruthain na shuidhe ’s e sgìth,
Tha ’n Criosdaidh bochd Iain Ruagh,
Na cheatharnach fhathasd gun sìth,
’Sa chas air tuisleadh sa ’n tim gu truagh.
Ma thig Guimhnich no Cataich ad dhail,
Mu ’n slanaich air do lùithinean truagh,
Ged thig iad cho tric a’s a b’ aill,
Cha chuir iad ort lamh le ’n luath’s.
Ni mi ’n ubaidh rinn Peadair do Phàl,
’Sa lùithean air fas leum bruaich,
Seachd paidir ’n ainm Sagairt a’s Pàp,
Ga chur ris na phlasd mu ’n cuairt.
Ubaidh eil’ as leith Mhuire na ’n gràs,
’S urrainn creideach dheanadh slan ri h-uair;
Tha mis’ am chreidimh gun teagamh, gun dail,
Gu ’n toir sinn air ar naimhdean buaidh.
Sgeul eile ’s gur h-oil leam gur fìor,
Tha ’n drasd anns gach tir mu ’n cuairt,
Gach fear gleusda bha feumail do ’n Righ,
Bhi ga ’n ruith feadh gach crioch air ruaig.
Bodaich dhona gun onair gun bhrigh,
Ach gionach beag nith air son duais,
Ma thionndas i seannsail an drasd,
’S gu ’m faigh am Frangach am Flandurs buaidh;
Tha mi earbsach as an tairgneadh a bha,
Gu ’n tig armailt ni stath thair chuan.
Gu ’n tugadh fortan da diodunn le gras,
Mur fhuair Maois le fàbhar mhuir ruagh;
’S gu ’m bi Deorsa le a dhrealainibh baitht,
Mur bha ’n t-amadan Phara ’sa shluagh.
’Nuair bha Israel sgith ’sa ’n staid ghrais,
Thagh e beusan Shàil mur Righ;
Thug e sgiùrsadh le miosguinn a’s plaigh,
Orra fhein, air an àl ’s air an linn.
Samhuil sud ’s mur tha Breatunn fo bhròn,
O ’n a reic iad an coir do ’n Righ;
Rinn e ’n cronach’ le corruich ro mhor,
Crom an donais chaidh an seorsa ’n iasd.
A Righ shocraich Mhuire na ’n gràs,
Thoir dhomhsa le buaidh do chluas;
’S mi ’g umhladh le m’ ghlùn air an lar,
Gabh athchuinge airid uam.
Ma tha sinn a sireadh ach ar coir,
Thug a Chuigs agus Deorsa uainn;
A reir do cheartais thoir neart dhuinn a’s treoir,
’S cuir ar naimhdean air fogradh uainn.
[Having strained his ankle when under hiding, after the battle of Culloden; and while resting himself aside a cataract, keeping his foot in the spout, he composed the preceding song for a prayer, and these verses for a psalm.]
title | Oran leis a bhard cheudna, no mur their cuid a dhaoine, urnaigh Iain Ruaigh, agus e air siachadh a choise, nuair bha e air fogradh an deigh latha Chuileodair |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |