ORAN le duin uasal mhuiuntir, Apuinn Mhic Iain Stiùbhairt, a bha na Oifigeach leis a Phrionnsa, agus an t-arm dearg air a ghlacail na phriosanach, ’s air a mhionnachadh gu bhi leotha fhein na shaighdeir ghiulan gunna.
Fonn.—
Shiubhail mi Cinntire, A’s Ile o cheann gu ceann.
GHEIBH gach duin’ a thuiteamas,
’Sa chuid ’sa h-uile céim,
’S ionunn sin ’s mur thachair domh,
O ’n taic so latha ’n dé;
’S beag a shaoil leam dhol air seacharan,
O thaic mo mhuinntir fein,
Na gu b’ ann le Deors’ a rachaimid,
Ged fhaicimid e ’m feum.
Marbhaisg air an t-saoghal,
Tha e caochlaideach ’s gach gleus,
Bha mise roimhe ’m Oifigeach,
’S gu ’m b’ onarach an ceim,
’S mi ’n diugh air na coig sgillinnean,
’S gach iomartas na ’n deigh,
’S ioma te bheir crioman asd,
’Sa their gu ’n imir i cuid fhein.
Ma ’s e Portmohon is aite dhuinn,
Bidh a mhuir na clara reidh,
Bidh gach duine sabhailt,
Ach fear a ghearr a reis;
Ma sa fortan domhs’ e,
Gu dearbh tha mi na fheum,
Ciod fhios nach bi mi ’m Ghobhairneir,
Fo laimh Righ Deorsa fein.
Thoir soraidh uam le durachd,
Do ’n duthaich ’n robh mi greis,
Sios gu Leitir Shiuna,
’S ann leamsa nach bu bheag;
Agus innis do Rob Stiubhart,
Gu bheil mis air muthadh cleas,
Gur beag a shaoil leis m’ fhaicinn,
’Sa mhusgaid ghlas ri m’ leis.
’S na biodh sud mur iongnadh ort,
Cha n’ eil ann ach muthadh beag,
’Sa liuthad fasan th’ ann ’sa ’n Rioghachd,
Nach fiach a bhi tigh’n air;
Am fear a bhios a lathair,
’S feudar clann a charadh ris,
’S ionunn sin ’s mur tharladh,
Do ’n tha Deorsa ’g arach leis,
Aithneidh e neo statail iad,
’Nuair thig neart o ’n airde deas;
’Nuair thig Seumus ’sa ’n camp Gaidhealach,
Bheir fear na dha as cleas.
Bidh mise measg na ’n daoine sin,
Ma dh’ fhaodas bidh mi ann,
’S bliadhna leam gach seachduin,
Gus am faic mi iad air falbh;
Theid gach eun g’ a thraigh,
Ged ghabhadh cach ris fearg,
’S b’ e sud a bheart bu duineala,
Na fuireach ’sa ’n arm dhearg.
O! ’s muladach a ta mi,
’S gu brath cha tog mi fonn,
Cha mho ni mi cridhealas,
’S ann tha mo chridhe trom,
O ’n chaidh na mionnan aindeoin,
Tharruing as mo chom;
Aig iarruidh orm bhi dìleas,
Do ’n Righ ’s nach d’ theid e leom.
title | Oran le duin uasal mhuiuntir, Apuinn Mhic Iain Stiùbhairt, a bha na Oifigeach leis a Phrionnsa, agus an t-arm dearg air a ghlacail na phriosanach, ’s air a mhionnachadh gu bhi leotha fhein na shaighdeir ghiulan gunna |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |