[157]

ORAN le Sileas Nighean Mhic Raoghnuill do dharm Righ Sheimis.

GUR diombach min iomairt,
Chuir gach fine air fogradh;
Tha mi am chadals na duisgibh mi
Gun aidhear gun eibhneas,
S gun reiteach o Dheorsa;
Tha mi am chadal, &c.
Gur h-ioma bean uasal,
Tha gu h-uaigneach na seomar,
Gun aidhear gun eibhneas,
S ig eiridh na h-onar,
Sior chaoidh nan uaislean,
A fhuair iad ri phosadh;
Tha mi am, &c.

Mo thruaigh a chlann,
Nach robh gann nan curaidse;
Tha mi am, &c.
N am bualadh nan lann,
An am nam buillinean;
Tha mi, &c.
Ged tha sibhsan am,
Feadh ghleann as mhunainnean,
Gu nochd sibhur ceann
N am teanndachd mur churainean,
Nuair thig Seumus a nall,
Siur lann bhios fuileachdach.
Tha mi, &c.


[158]

S e Righ na muice
S na Cuigse Righ Deorsa;
Tha mi am, &c.
Mun dthig oirnn an t-samhuin,
Bidh amhuchs na cordaibh;
Tha mi am, &c.
Nan eireadh sibh suas,
Le cruadal as duinealachd,
Eidear islean as uaislean,
Thuath agus chumanta,
Do sgiurseadh sibh uaibh e,
N Righ fuadain nach buineadh dhuinn;
As dheanainn an cadal gu sunndach leibh.

titleOran le Sileas Nighean Mhic Raoghnuill do dh’ arm Righ Sheimis
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page