[158]

ORAN le ban-Stiubhartach mhuinntir Strathspeidh, ann an aobhar Thearlaich.

So an tim tha cuir as domh,
Lan tuchain as cnatain,
Mo dhiubhails mo chreach cha be dhfheumainn.
So an tim, &c.

Ach bhi guidhe gu laidir,
Le Righ dligheach nan Gaidheal,
Theid a Lunnainn gun daill uainn le ceuta.
Ach bhi, &c.

An t-og teannsgalach gasda,
Prionnsa Tearlach nam baiteal,
Theid mearlach Righ Shasunn a gheilleadh.
An t-og, &c.


[159]

S ioma leoghunn deas statail,
Dheth mo chinne mor laidir,
Bhios fo dbhrataichean bana ag eiridh.
S ioma leoghunn, &c.

Na Stiubhartaich ghasda,
Fior chuirteil mu dbhrataich,
Bidh Iarla Bhoids fir na h Apunn gu leir leat.
Na Stiubhartaich, &c.

Coirneal Ruagh Chinne-Chaìrdin,
S clann uasal a brathar,
Thog iad bratachs chan fhailing iad gleus lea.
Coirneal Ruagh, &c.

S gur h-en duine a Maidseir [Gillios Mor Mac Bheathain fear Chinne-choille. ] ,
Mac oighre a mhathar,
N Righ ga neartachan aird ann an céuta.
S gur h-e, &c.

S beag an t-iongnadh an t-ardan,
Dhol ad bhathais cho laidir,
Sa liuthad sruth ard asn do leum thu
S beag an t-iongnadh, &c.

Dhfhuil Righ agus bharan,
Dom bu dligheach am fearunn,
Don fhuil phriseil bha fearail ag eiridh.
Dhfhnil Righ, &c.

Thaobh eile do mhathar,
Tha thu bhrollach nan Granntach,
N aon teaghlach is fearr than Strathspeidh dhiu.
Thaobh eile, &c.


[160]

Dheireadh sud as IarlAnndrum,
Mar ri Tearlach an Teannsgail,
N Righ gan greasad a nall dhuinn a Erinn.
Dheireadh sud, &c.

Nam biodh amhuch Righ Deorsa,
Ann an lamhan Chlann Donuill,
Gheibheadh i togha maith corcaich no stéinne.
Nam biodh, &c.

Nam biodh lamh an fhir ruaigh ort,
Bha mo raoghainnsen uachdar,
Gun aon duinbhi mun cuairt duibh le cheile.
Nam biodh, &c.

Am blar Chop fhuair thun t-urram,
Bu cheann feadhnthair gach duinthu,
S ann a shamlaich iad uilthu ri Cléibhir.
Am blar Chop, &c.

S tu gun cuireadh droch sheol,
Fo champa Righ Deorsa,
N ceanns na casans na botainn gu leir diu.
S tu gun cuiradh, &c.

Bidh e laidir gar congnadh,
Duntuilm le Chlann Donuill,
Thig Sir Alasdair mor oirnn a Sleibhte.
Bidh e laidir, &c.

Thig Mac Mhic Ailein a Muideart,
Mac Mhic Alasdair Chnòideart,
S Mac Mhic Raoghnuill cha soradh leis eiridh.
Thig Mac Mhic Ailein, &c.


[161]

Agus Tighearna Struthain,
Thig e nuas oirnn on ghiùsaich,
Bidh e feinsa chuid cuirte gu leir ann.
Agus Tighearna, &c.

Agus Tighearn og Chluainidh,
Leis an t-srol bhrataich uaine,
S Clann Mhuirich mun cuairt da gu leir ann.
Agus Tighearn og, &c.

Bidh Clann Donuill nan uidheam,
Cuir na ruaig ris a bhruthach,
Len arma’ ’s glan uidheam aig Seurlus.
Bidh Clann Donuill, &c.

Bidh Clann Donuills Clann Chamashroin,
Sud na seoid a tha ainmeil,
Am fior thoiseach na h-armailt ag eiridh.
Bidh Clann, &c.

S mas a beo mi coig bliadhna,
Chi mi fhathasd droch dhiol,
Air luchd sgathaidh nam bian bhar na spréidhe.
S mas a beo, &c.

Air luchd chasagadearga,
S Mailisidh Earraghàidheal,
Chi sibh fhathasd droch àird air na beisdean.
Air luchd, &c.

Garm faic mise le mshuilean,
Gum bi Dia leibhs mo dhurachd,
S cha dean luaidhe no fudar bonn beud duibh.
Garm faic, &c.


[162]

Gar am faic misa choidhch e,
Ma thionndas a chuibhle,
Bidh Sasunnaichs Guimhnich nan eiginn.
Gar am faic, &c.

Bidh luaidhe ri earbull,
Luchd chasagadearga,
Aig Friseilich ainmeil nan geurlann.
Bidh luaidhe, &c.

S mi air thurassa bhraighe,
Cian fada o mchairdean,
Far nach cluinn mi ach rànuil an fheidh ann.
S mi air, &c.

Tha mi sgiths mi lan airtneil,
Naile fhin theid mi dhachaidh,
Gu duthaich an fhasgaidhs na geige.
Tha mi sgith, &c.

Gu tir nam fear ura,
Luchd sgapaidh an fhudair,
S nach diùltadh an crun do Righ Seurlus.
Gu tir na, &c.

Sa Thearlaich oig Stiùbhairt,
Chi sinne an crun ort,
S bidh tu fhathasd a sgiùrsadh nam beisdean.
Sa Thearlaich, &c.

Tha Seumus og uasal,
Leis an Righ mur bu dual da,
Sar cheannard air sluagh an t-og treubhach.
Tha Seumus, &c.


[163]

Agus Uilleam oig Ghart,
Mo dhurachd dhuit thachairt,
An Righ sin ga dsheachnadh o bheisdean.
Agus Uilleam, &c.

Sar cheannard an t-saighdeir,
S cridhe soilleir gun fhoill doibh,
S gu meal sibh urn oighreachd le cheile.
Sar cheannard, &c.

titleOran le ban-Stiubhartach mhuinntir Strathspeidh, ann an aobhar Thearlaich
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page