ORAN do dh’ ALASDAIR dubh GHLINNE GARAIDH agus d’a bhraithrean.
Mo run an t-Alasdair og,
Beul meachair tana na m’ pog,
Gorm shuil an sgathan mor,
’S amadan a thuirt mur ghloir,
Gu ’n robh mo ghilleasa corr,
’S comhnard o uilinn gu broig thu,
’S deas thig a chosag sa ’n cleoc dhuit,
He ho, i u ho, ho hi u ho,
Ho i hu o, ho i aig ho.
Mhoire ’s iad mo run na gillean,
Clann na mna nach d’ fhas binneach,
Preas ùr na ’m boineidean bileach,
Thogadh a mach ris an fhireach,
Choisneadh cliu le h-airm ’s le h-inneal,
Bheireadh air mac na h-eilde pilleadh,
’S nach cumadh ri namhaid slinnein.
He ho, i u ho, &c.
Mo run ceim eutrom air siubhal,
’S ioma og a thig fo t-uidheam,
Luchd osan ghearr a’s bhrogan dubha,
Saighdean le ’m bonnaibh iubhair,
Air nach biodh an naimhdean buidheach,
Dh’ eireadh le fear ghruaige duibhe.
He ho, &c.
M’ anam a’s m’ eibhneas a’s m’ aiteas,
Oighre ’n fhir thu thog an Caisteal,
Thig gairm an Righ ort a Sasunn,
Their easan nach aill leis gun t-fhaicinn,
Ghlac an t-og na shroin a bheachd ud,
Aig a mheud sa tha na choir do ’n phailteas,
Lamh dh’ iomairt an oir le coir aite.
He ho, &c.
’Nuair a sgaoileadh tu an cleoca,
Gur lionar og bhiodh an deigh ort,
Clann Iain, Siol Ailein,
Sann ad bharraiche fein iad,
Mur sud ’s Iarla Bhrathain,
An latha bhios feum air,
Ma ’s fior luchd mo sheanchais;
Gheibh thu manran na maighdinn,
Thig an t-eun Abrach,
’S cha chaidil e ’n oidhche.
He ho, &c.
Mo run an t-og uasal,
Uachdar na féile;
Dh’ fhas gu furanach urranta treubhach,
Lamh bhualadh na ’m buillean,
’N cumasg na ’n geurlann,
M’ anam m’ fheudail a’s m’ aiteas,
Seobhag sulghorm na ’n ciabh bachlach,
Tha mo ghuidhse dhuit gu ’n tachair,
Freagraidh ’n taobh tuath do t-fhacal,
Fhrisealaich, Granntaich, a’s Cataich,
Reothaich na ’n cleoc ’s doigh gur leat iad.
He ho, &c.
M’ fheudail dh’ fheara na greine,
Thog iad ort mur aithris bhreige,
Gu ’n deanadh Mac Cailein eiridh,
Air an latha chum sibh fein e,
Gus ’n d’ rinn sibh cleas na spreidhe,
Bualadh chlaigne, scapadh béurla,
Tuiteam an ùillibh a cheile.
title | Oran do dh’ Alasdair dubh Ghlinne Garaidh agus d’a bhraithrean |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |