ORAN le saighdeir.
SEISD.
Ho m’ fhaidhrein, he m’ fhaidhrein,
Ho m’ fhaidhrein ho ro,
Ho m’ fhaidhrein, he m’ fhaidhrein,
Ho m’ fhaidhrein ho ro,
Ho m’ fhaidhrein, he m’ fhaidhrein,
Ho m’ fhaidhrein, ho ro,
’S e goirteas mo choise,
Dh’ fhag mise cho trom.
BHA mi uair do mo shaoghal,
Cheart cho aotrom ri eoin,
’S cha robh mi ’m barail no saoilsinn,
Tigh ’n an taobh so ri m’ bheo,
Mi bhi ’n seirbheis na ’n Stataich,
’S e bu phaighe dhomh gròt,
Bhi ’m sheasamh air seantraìdh,
’S na Frangaich am choir.
Ho m’ fhaidhrein, &c.
’S mi bhi ’m sheasamh air seantraidh,
Ri oidhche gheamhraidh fhliuch fhuar,
’S luaidhe dhu-ghorm na ’m Frangach,
Mu m’ cheann a’s mu m’ chluais,
Ged a thigeadh an reothadh,
Cur a’s cathadh a tuath,
O! cha n’ fhaod mi dol dachaidh,
Gus am pas an da uair.
Ho m’ fhaidhrein, &c.
Ach na ’m faodainn dol dachaidh,
’Nuair a phasadh ’n da uair,
Dhol a shealltainn na ’n cairdean,
Tha uile tamh ’sa ’n taobh tuath,
’S mor gu ’m b’ annsa na oighreachd,
Bhi ri straoilich le tuaigh,
Na bhi uair sa ’n da bhliadhna,
Faotainn biasd cota ruaigh.
Ho m’ fhaidhrein, &c.
’Sin nuair labhair mo Chaiptein,
O ’n ’s e fhacal bu mhù,
“B’ fhearr dhuit leathchrun ’sa ’n t-seachduin,
Dith bìdh air do shroinse,
O ’n tha do phoca fein lan,
’S dona ’m paighe an gròta,
Ga thilgeadh ormsa gach la,
Na ’n tarlainn ’s tigh leanna,
’S eigheach air drama na dha,
’N donas bonn a bhiodh agam,
Chuir seachad na ’n trath.
Ho m’ fhaidhrein, &c.
’Na ’n tarladh dhomh bhi air mhisg,
Gun aon bhonn gliocais am cheann,
Bhiodh an geard ga mo fhreasdal,
’S ga mo ghlasadh gu teann,
Na ’m biodh duin’ idir ’sa ghàbhadh,
’S e Mac a Ghaidhil bhiodh ann,
’Sa nuair a thigeadh mo Mhaidseir,
“Bhùgair ghraind tha thu ann.”
Ho m’ fhaidhrein, &c.
Gu ’n neartaich an Righ Clanna’ Ghaidheal,
Anns’ gach aite mu ’n cuairt,
Eidear Eaglaisean Lunnuinn,
’S ard bheannan ’n taobh tuath,
Tha ’n Righ air a Chathair,
Seoladh a chatha mu ’n cuairt,
title | Oran le saighdeir |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |