Marbhrann do DHONULL MAC RAOGHNUILL mhoir, fear Thir-na-dris; Le Alasdair Camshron Dhoch-an-asaidh ’n Lochabar.
Se mheudaich m’ airtneal gu geur,
’S campar caisteil mo chleibh,
Chainnt a bh’ aca an dé ag ol.
Se mheudaich, &c.
Mu ’n fhiuran sgiobalta gharg,
Bu mhor misneach a’s dealbh,
Bu neo ghliogach fo t-arm thu sheoid.
Mu ’n fhiuran, &c.
Mu ’n leoghunn chlisgeant gun sgath,
Bha ’n Tirnadris sin na thamh,
’S mor am briste do bhas thigh’n oirnn.
Mu ’n leoghunn, &c.
Bu tu ’n curaidh gun sgath,
Dhol an cuntart na ’m blàr,
Bhiodh airm ghuineach ad laimh fhir oig.
Bu tu ’n, &c.
Bhiodh sgiath bhreac na ’m ball dluth,
Air gairdein gaisgieil mo ruin,
’S paidhir dhag ort nach duilt ri h-ord.
Bhiodh, &c.
Bhiodh lann thana gheur ùr,
’S i gun smal oirr’ o’n bhùth,
Gearradh chlaigne a’s smuis a’s feoil.
Bhiodh, &c.
Cha b’e ’n t-iasaid a bh’ ann,
Ach siol na ’n Righrean o ’n Spainnt,
Ga ’m bu lionar sgiath ’s ceann-bheart oir.
Cha b’ e &c.
’S e mheudaich m’ airtneal’s mo ghruaim,
Na cinn fheachd ud dh’ fhalbh uainn,
Na fir ghasda bu chruaidh ’s an toir,
’S e mheudaich, &c.
B’ ann diu ’n t-Alasduir treun,
O Cheapaich na ’m peur,
’S bha e barraicht air cheudaibh sloigh.
B’ ann diu, &c.
Siol na ’n Colla bha treun,
Sdiuradh loingeas fo bhreid,
’S ard a shloinninn thu ’n ceim na dho.
Siol na ’n &c.
Lean thu ’n duthchas bu dual,
Dhol gu dluth anns an ruaig,
O ’n t-sliochd chliuiteach da ’n gluaiste strol.
Lean thu, &c.
’S ann ad theaghlach nach crion,
Chluinnte gleadhraich na ’m pios,
Bhiodh fir mhor ann comh stri ag ol.
’S ann ad, &c.
’G eisdeachd eachdraidh na m bard,
Agus caismeachd luchd dain,
’S e bu chleachda bhi d’ laimh an t-or.
’G eisdeachd, &c.
title | Marbhrann do Dhonull Mac Raoghnuill mhoir, fear Thir-na-dris |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |