[170]

DAN GAOIL.

BHRUADAIR min raoirs mim chadal,
Mi fhin as mo ghaol bhin leabaidh,
Sa nuair a dhuisg mi anns a mhaduinn,
Ochoin! gur bruadar a bhagam.

Cadal chan fhaigh mi no suain,
Cha ghluais mi aidhear no ceol,
Mo leigheas chan eil e aig leigh,
Ach agad fhein a mhaighdionn og.

Mhaighdionn og gur tu mo léigh,
Amhairc ort fhein as dean a choir,
S na leig dhomhsa bhi dol eug,
Is furtachd dhomh fhein do phog.

Mus ann gu misa chuir eug,
Rinneadh do bheul corcair ciùin,


[171] Mus ann gu misa chuir bas,
Rinneadh do lamhs do dhreach ùr.

Da shuil ghorm fo dchaoin rosg,
Da chos gheal nach dochainn brog,
Molaidh mi thu a reir mo bheachd,
Eibhinn duit a mhaighdinn oig.

Eibhinn duit a mhaighdinn oig,
Is millse pog sas gile deud,
Chan fhacas le fradharc mo shul,
Bean nach tu am flur thair cheud.

Nach tusa am flur thair cheud,
Rugadhsa Ghreig nas an Roimh,
Mur tusa nighean Righ Greig,
Chan idir mi fhein co thu.

titleDan Gaoil
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page