CUMEA Aonghuis oig, Moir-fhear Ghlinne Garaidh, agus e bhi air a mharbhadh le urchair thuitimis, a mach air uinneig anns an Eaglais-bhric, le fear do na saighdeirean aca fein agus e glanadh a ghunna ’n deigh a bhlair sin, am bliadhna 1745. Le bean Achadh-uaine.
Fonn. —Gaoir na ’m ban Muileach.
O! gur muladach oirnne,
Ri am cuimhneach’ a Choirneil,
Aonghuis oig a chuil dualaich,
’S ro mhath dh’ eireadh gach buaidh leat,
Gus na chuir iad ’sa ’n uaigh thu,
Gu ’n robh Tearlach an uachdar,
Bha do bhuillean cho cruaidh leis,
’S nach robh pilleadh da uair ac’,
Air mo laimh gur tu bhuaileadh ’n adbhansa.
Air mo laimh, &c.
Aonghuis oig a chuil channaich,
’S na ’n calpannan geala,
Tha do shlios mur an eala,
Mur la greine gun smalan,
Tha do cheile ’n deigh sgaraidh,
O ’n la chuir iad thu ’s talamh,
O ’n la dh’ eug thu, Righ! b’ ainneamh a gaire.
O ’n la, &c.
Sinne dh’ fhaodadh a radhainn,
Na ’m faigheadh tu laithean,
C’ ait an robh e Mac mathar
Ris nach seasadh tu aite,
Dhol a dh’ iarruidh na h-àraich,
Na bhualadh do namhaid,
Bhiodh luchd chotacha maduir dheth caillte.
Bhiodh luchd, &c.
’Nuair a rachadh tu t-eideadh,
Fo bhreacan am feile,
Nuair a thogte leat bratach,
Bhiodh lamh dhearg leat a’s bradan,
Fraoch dughorm na ghagain,
Aig fir ura gun taise,
Nach gabh curam na gealtachd,
As na trupairean fhaicinn,
Gheibhte cunradh do chlaigne gearrte.
Gheibhte cunradh, &c.
Cuis bu mhath le Righ Deorsa,
O ’n la dh’ inntrig an tos thu,
Thu bhi dhith air do sheorsa,
Dh’ fhalbh iad uile mur cheo uait,
O ’n la chuir iad fo n’ fhoid thu,
Nach d’ fhan dithisd diu ’n ordugh,
Och mo chreach! nach bu bheo thu an la sin.
Och mo chreach! &c.
Cha bhiodh Diuc Uilleam,
Cho trom oirnn’ ’s cha b’ urrainn,
O ’s tu sheasadh gach cuntart,
’Sa bhuaileadh na buillean,
Na ’m fuireadh an gunna,
Gun do bhualadh o’n uinneig,
Gu ’n robh Tearlach an Lunnainn roimh ’n ama so.
Gu ’n robh Tearlach, &c.
Dhomhsa b’ ainneamh ri fhaotainn,
Fear a dh’ innseadh dhomh t-aogas,
Chraobh a b’ aird’ bha fo ’n adhar,
’S i fo bhlath ’n deigh a crathaidh,
Mur bha ’n luaidh ’n deigh do sgathaidh,
Thug sud uaitse do labhairt,
Beart bu chruaidh ’s ann le t-Athair,
Thu bhi uaithe gun t-fhaighinn,
Och mo thruaigh! tha do cheathairn a t-iondrain.
Och mo, &c.
Dheagh Mhic Alasdair Mhor-thir,
Ghlinne Garaidh a’s Chnoideart,
Fhuair thu ’n staoil’ ud as t-oige,
’S b’ airidh air ri do bheo thu,
Olc air mhath le Righ Deorsa,
’S le Uilleam mur chomhluath.
Thig t-oighre dhachaidh le solas o bhealltuinn.
Thig t-oighre, &c.
Cha ’n fhaod sinne bhi ’g acain,
Mu thig Alasdair dhachaidh,
As a phriosan tha ’n Sasunn,
O ’n Tur-uaine as na glasaibh,
O ’n tha ’n saoghal so cleachdadh na h-ainneart.
O ’n tha ’n, &c.
’S ioma duine bha bronach,
’Nuair a chual iad an Coirneil,
Bhi na shineadh gun chomhradh,
title | Cumea Aonghuis oig, Moir-fhear Ghlinne Garaidh, agus e bhi air a mharbhadh le urchair thuitimis, a mach air uinneig anns an Eaglais-bhric, le fear do na saighdeirean aca fein agus e glanadh a ghunna ’n deigh a bhlair sin, am bliadhna 1745 |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |