ORAN air Coirneil Dhuinidh.
BEIR mo shoraidh thair a bhealach,
Dh’ fhios an oigeir ullamh ealamh,
Foinnidh fearail sugach.
Beir mo, &c.
’S tu ’m fear buidhe bachalach,
Na ’n ciabh casbhuidhe,
’S math thig ad os cionn do chasaig,
Beul o ’m blasd thig sugradh.
’S tu ’m fear, &c.
’S tu ogha ’n armuinn,
Uasail, statail,
Theireadh cach riut,
Ogha ’n Fhrangaich,
Aghaidh thlath gun smuirnein.
’S tu ogha, &c.
’S tu mac an Athar,
As glan caitheadh,
’Sa bha fialaidh ri luchd tathaich,
Deagh fhear tighe ’s duthcha.
’S tu mac, &c.
’Se sud a b’ fhasan,
Duibh sa mhaduinn,
Piob ga spreigeadh mu na geataibh,
Toirt dhuibh caismeachd dùsgaidh.
’S e sud, &c.
’Sa ’n am ar braicfeast,
Fion ga scapadh,
’G ol deoch slaint a piosaibh glasa,
’S fidhlean daitht toirt ciuil duibh.
’Sa ’n am, &c.
’S co an duine chuireadh mulad,
Air an leoghan thapaidh ghuineach,
Nach biodh tuille ’s diumbach.
’S co an duine, &c.
Bidh Clanna Chamshroin,
Leat ’s gu ’n earbainn,
Luchd na ’n cuilibheirean ’s na ’n targaid,
Teachd fo ’n armaibh dubailt.
Bidh Clanna, &c.
Thig deagh Mhac Shimidh,
Leat ’sa chinneach,
Na fir gharga, bhorba, ghuineach,
Gheur na ’m buillean dlutha.
Thig deagh, &c.
Thig Mac Antoisich,
Leat sa ’n t-ogra,
’S teaghlach Aonghuis mur bu choir doibh,
’S Leathanaich choire chuirteil.
Thig Mac Antoisich, &c.
Thig fear Dhungalain,
Leat ’sa charraid,
’S deagh Mhac Dhonuill duibh o ’n daraig,
Cairiseach le dùrachd.
Thig fear, &c.
Thig Mac ’Ic Iain Ghlinne Comhunn,
Tighearna Ghearrloch agus Ghrathaich,
’N am do chlaidhe rusgadh.
Thig Mac ’Ic Iain, &c.
Na ’m biodh mo neartsa,
Mur tha m’ aigne,
Bhiodh an Coirneileir na chadal,
A nochd an Caisteal Duinidh.
Na ’m biodh, &c.
Ach o nach can mi,
Na bheil air m’ aire,
’S o nach bard mi no fear ealaidh,
Soraidh leibh ’s mo dhurachd.
Ach o nach, &c.
title | Oran air Coirneil Dhuinidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |