MOLADH CABAR-FEIDH,
Leis a Bhard MAC MHATHAN.
DEOCH slainte chabair feidh so,
Gur h-eibhinn ’s gur h-aidhearach;
Ge fada o thir fein e,
Mhic De cuir ga fhearunn e,
Mo chrochadh a’s mo cheusadh,
A s m eideadh nar mhealadh mi,
Mur ait leam thu bhi ’g eiridh,
Le treun neart gach caraide.
Gur mise chunnaic sibh gu gunnach,
Ealamh, ullamh, acfuinneach;
Ruith na ’n Reothach, ’s math ’ur gnothuch,
B’ e ’n t-amadan fear Fòluis
’Nuair thoisich e ri cogadh riut,
Reothaich agus Ròsaich,
Bu ghòrach na bodaich iad,
Friseilich a’s Granntaich,
An campa cha stadadh iad,
’S thug Feirbeisich na ’n teann-ruith
Gu sean tigh Chuileodair orr’,
Theich iad uile, cha do dh’ fhuirich,
An treas duine bh’ acasan,
’N t-Iarla Catach, ruith e dhachaidh,
Cha do las a dhagachan,
Mac Aoidh na ’n creach, gun thàr e as,
’S ann dh’ eigh e ’n t-each a b aigionntaich,
Ri gabhail an raitreuta
’Nuair dh’ eirich do chabar ort,
Dh’ eigh iad port, ’s gu ’n d’ fhuair iad coit,
’S bu bheag an toirt mur thachair doibh,
Ciod e ’n droch-rud rinn am brosnach;
Le ’n cuid mosg nach freagaradh;
’S a luithad toirt-fhear ’n chinne Rosach,
Dol air phlod thair chlaigeannan,
’S ann ghabh iad an raitreuta,
Nuair dh’ eirich do chabar ort.
Cha cheil mi fhein mo dhurachd,
’S e dhuisg a’s mo chadal mi,
An Ti d’a ’n geill na duilean,
’S tu bheireadh clothamh do ’d luchd cothaich,
Gun fhios co e a throideadh riut,
Am fine Reothach chuir thu fothad
Ge mor leotha ’n gadarnas;
Ga ’n cuir romhad le ruith choimheach
’S a ’m Baile nodha bhiodh na shradagan,
’S na lasair anns’ na speuran
’Nuair dh’ eireadh do chabar ort.
Chunnaic mi ’s taobh tuath thu,
’S gu ’m b’ uachdran allail thu,
Bha Cataich fo do churam,
A’s dh’ umhlaich na Gallaich dhuit,
’S gach ti bhiodh riut an diumba,
’S nach duraichdeadh seallamh ort,
A faicinn bhi da ’n sgiursadh,
Gu duthaich nach buineadh dhuit.
Le gasraidh inealt dheth do chinne,
Nach gabh giorrag eagalach,
Luchd chlogaid ’s bhiodag, ’s chorca driomunn,
Cha philleadh luchd bagair iad,
Thig feachd Mhic Shimidh gu do philleadh,
’S ruitheadh iad gu saidealta;
’S gu ’n teich iad o lathair t-eudainn,
’N tra dh’ eireas do chabar ort.
’Nuair thig am Marcus thugainn dachaidh,
’S na fir ghast gu freagairt leis,
’S lionar marcaich thig gu d’ charraid,
Tha ’m brochan aig toirt saradh,
Tha ’n càl aig toirt at oirbh;
Ach ’s beag is miste ’n t-armunn,
’Ur sàth thoirt a nasgaidh dhuibh;
Ge mor thug sibh chaise,
Thair airinean Asinne,
Cha ’n fhacas cuilm am Foluis,
Ge mor bha do chearcan ann.
Caisteal biorach, nead na h-iolair,
Bidh na gillean gortach ann,
Cha ’n fhaicear biora ann ri teine,
Mur bi dileag bhrochain ann,
Choidhch cha ’n fhaicear ac’ a mhairt-fheoil,
Mur bi cearc am poit aca,
’S ga ’n tional air an deirce
’Nuair threigeas gach coisneadh iad.
Sporsail spaideil seol do bhagaist,
Gur a fad o d’choluinn iad,
Fhuair thu spadadh ri cois cladaich,
Ghreas gu grad gu h-onair iad,
Mu ’n d’ fhuair si fear gu ’n d’ fhuair se bean,
Cha ’n fhàs a chailleach torrach dhà,
’S ann bha i leith-chiad bliadhna,
Mu ’n d’ iarr crom-an danais i.
Cha ’n eil eun ’s na speuran
Is breine na ’n iolaire,
Cha ’n ionunn idir beus d’ i,
Chuir i spuir a stigh na churach,
As thug i fuil a chlaiginn as,
An t-eun gun sonas, ’g iarraidh donais,
Bidh na coin a sabaid r’i,
’S breun an t-isein i air iteig
Gun fhios c’ait an stadadh i;
Ma ’s olc a lean i h-abhaist
Cha ’n fhearr far ’n do chaidil i.
’S ioma buachaille air fuar chnoc
Agus cuaille bat aige,
Ni guibhe chruaidh do bhean do shnuagh,
’Sa bhuaileas o do thapadh thu,
’Nuair bheir thu ruaig air feadh na ’n uan;
’S a bhios buaireis acrais ort;
’Nuair thachras cabar feidh ort,
Gu ’m feum thu bhi snasadh dha.
Cha ’n eil eun ’san t-saoghal
Dh’ fhaodar r’i a chosmhalachd,
Cha ’n ithear a cuid sìthne,
Rinn fìrein a mallachadh;
Ged tha ort iteag dhireach,
Mur fhior shaighdean corranach,
’S ged thuirt iad riut am firein,
Tha iongnan an donais ort.
Tha cabar fearunn Donuill
Mur spòrs anns an talamhs’ ac,
Nach h-innseadh sibhse dhòmhs’ é
Bhiast gun mheas, gun mhiagh, gun phiseach,
Riamh bu tric sa ’n talamhs’ thu;
Dh’ ol a’s dh’ ith thu trian do d’ phiseach,
’S tu a’ t-isein amaideach;
Chuir na Reothaich thu air ghnothach
’S tu a t-amhusg aineolach,
’S ged thug Clann Choinnich miagh dhuit’
Cha b’ fhiach thu ’n treas earrunn deth.
Faire, faire, shaoghail!
Gur caochlaideach carach thu,
Chunnaic mise Siophort
Na ’m piob cruaidhe sgalanta,
Nach robh ’n Alba dh’ aon-sluagh,
Ged a shìneadh Mac Cailein ris,
Na chumadh riut san éudann,
Nuair dh’ èireadh do chabar ort.
Dh’ eireadh leat an coir sa ’n ceart,
Le trian do neart gu bagarach,
Na bh’ eidear Asinnt a’s fa dheas,
Gu ruig Scalpa-Chraganach;
Gach fear a ghlacadh gunna snaip,
Claidhe glas no dagachan;
Bu leat Sir Donull Shleibhte,
’Nuair dh’ eireadh do chabar ort.
Dh’ eireadh leat fir mhuideart
’Nuair ruisgeadh do bhrataichean,
Le ’n lannan daithte dughorm
Bidh tu fhathasd gabhail aidhear
Ann am Brathainn bhaidealach,
Bidh cinne t-athar ort a feitheadh,
Co bhrathadh bagar ort
Bidh fion ga chaitheadh feadh do thighe,
’S uisgebeatha feadanach,
’S gur lionor piob gá ’n gleusadh,
’Nuair dh’ eireas do chabar ort.
title | Moladh Cabar-Feidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |