[177]

ORAN le fear da leannan, agus i air posadh fir eile nuair a bha e air falbh as an aite.

Fonn.— Tha mulad orm fein, Mun sgeul nach dfhaod mi a chleith.

FHIR dhimicheas mun cuairt,
Beir an t-soraidh so uam osn aird,


[178] Dhfhios na h-ighin so fhuair mi,
Cairdeils mim bhuachuille ;
Thug ise geallamh as ùr,
Chaidh an comunn air chul a bha,
S ann tacan roimhn uair,
A mhealladar uam mo ghradh.

A nighean, ciod am fath,
Mun do chuir thu mo ghradh air chul?
Gun chuimhnair mur bha,
On ghlac thu air laimhm fear ùr,
Mar thaisbein thun gaol,
Thug sinne mar aon an tus;
Cha chreidinn choidhch beul,
N deaghaidh mar dheirich dhùinn.

Beir an t-soraidh so uam,
Thair bharraibh, thair stuagh, thair chaol,
Gu bean og a chuil duinn,
Cha robh ise dhuinn mar shaoil,
Thug mise dhi gradh,
Measg cuideachd gu brath nach sgaoil,
S Bidh mo naimhdeas gu buan,
Don fhear a chum uam mo ghaol.

Ma ghlac thu ed dhòigh,
S nach dfhaod thu bhi beo gun fhear,
Gun do chuir thu fo dbhonn,
N gaol a thug sinn gu trom o shean,
Gun do thagh thu dhuit fein,
M baolastair treun mur fhear;
Nam falbhadh tu leom,
Gun orduichinn saoi ad char.

O! ’s mise bhan geall,
Air do phearsas cha nann air spreidh,


[179] Air do chuideachda chaomh,
Cha dthug sibh riamh gradh don bhreig,
Chaidh mise gle og,
N-ur caidribhs bu choir sibh fein;
Be maidhears mo mhiann,
Bhin tasgaidh n-ur lion gu meug.

A chiall nan ciall,
Gun dfhiosraich mi riamh do ghnè,
Be maidhears mo mhiann,
Bhin acraichean dion do chleibh,
Sugradh do bheoil,
Nam faighinn gu mordugh fhein,
Nam faighinn gu mmhiann,
Be maidhear bhin riaghailt do laimh.

Mur chraobh as teallaich,
Than ainnir as aille suidh,
Blas mealair do phoig,
Beul meachair nach dfhoghlum breug,
S e mheudaich do chliu,
S a shlanuich co dluth do dheud,
Shlanuighear nam buadh,
Chan aicheinn nach tu mo leigh.

On tharladh mis tu,
Thoir thairis co dhiu is fearr,
Tha thus air dol réidh,
S tha mis air an fheill mar bha,
Gheibh mise dhomh fein,
Mo raoghainn do the no dhà,
S bidh tusa gun speis,
Aig balach gun fheum gu brath.


[180]

On tharladh mis tu,
Bu lughaide leom an cas,
Nan cluinninn deagh chliù,
Air an fhear thainas ur am àit;
Nam boganach treun,
Bhuaileadh speic ann am blar,
Ach sugradh mo ghaoil,
Bhi aig umaidh mar chaoirich bhain.

titleOran le fear d’ a leannan, agus i air posadh fir eile nuair a bha e air falbh as an aite
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page