[180]

Cumha Ceann-cinnidh nan Granntach, agus e bhi gu tinn ann an Sasunn,

Fonn. O! gur muladach oirnne, Ri am cuimhneacha Choirneil, &c.

S mor bhrons mo thruime-lighe,
Chuir mo shuilean gu snithe,
Dhfhag sud toll ann mo chridhe,
Nach leighis aon lighich,
N sgeul a chualas air Tighearna Ghrannta.
N sgeul a, &c.

Toiseach dligheach nan Spèitheach,
Uasal aìgionntach treubhach,
Glic misneachail ceutach,
Dan robh misneach thair cheudaibh,
S tigh lagha, ’s gum bfheumail an camp thu.
S tigh lagha, &c.

Tha mac Caileins Iarl Einne,
Lan truime mu ddheighinn,


[181]S beag an t-iongnadh dhoibh fein sud,
Ursainn chatha nach geilleadh,
Dhfhag do chinne mor fhein ann an campar.
Dhfhag, &c.

Mo bheud thu bhin Sasunn,
Fo thiamhachd na h-easlaint,
S do thur bhaile caisteil,
Bha na dhuthchas aig t-aiteam,
Bhi as aogais do phearsa na bhanntraich.
Bhi as aogais, &c.

A laoich chosgara, ghargail,
Bu nòs leat bhi armail,
S tric mosnaich on dhfhalbh thu,
A Righ! prosnuich a dhdAlba le shlaint thu.
A Righ! &c.

Chunnaic mise ge bog mi,
Ioma cuilm a stigh mhor sin,
Damhsail, urramach, ceolar,
Mnaitheans fleasgaichean oga,
S iad gu furanach ceolmhor a damhsa.
S iad gu, &c.

Nuair a sgaoileadh tu bratach,
Mu thimchioll do gheata,
S ioma sonn agus gaisgeach,
Ghrad fhreagradh a chaismeachd,
Nuair dhaithneadh iad lasann nan ceannard.
Nuair, &c.

Luchd nam flasgaichean fùdair,
S nan cùibheirean dùghorm,
Nan claidhnean cùile,


[182] Nan dag air ghleus ùra,
Bhiodh sgiath na m’ -ball dluth ar gach aon fhear.
Bhiodh, &c.

S ioma oganach treubhach,
Bu mhaiseach fo fheile,
Lubadh deas air chul sgeithe,
Ghrad fhreagradh an eighe,
Tha fo mhulad mu ddheighinnsan am so.
Tha fo, &c.

Sud am bosd asn do ghin iad,
Dol le ordughn Ceann cinnidh,
Ann an dóruinn nan iomairt,
Gun ghoruich gun ghiorrag,
Cha bu dochas doibh pilleadh gun ainneart.
Cha bu, &c.

Ach a Righ a shuidhich an garadh,
Dhorduich meas agus blàth ann,
On a chinnich na h-armuinn,
Cuir le h-iochd nan càs orr an ceannard.
Cuir le h-iochd, &c.

titleCumha Ceann-cinnidh na ’n Granntach, agus e bhi gu tinn ann an Sasunn
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page