[182]

ORAN air teachd PHRIONNSA THEARLAICH.

Le te mhuinntir Lochabar.

Fonn— ’S e latha Raon-Ruairidh, &c.

N ULAIDH phriseil bha uainne,
S ann a fhuair sinn an drasd i,
Bi sud an leig bhuadhach,


[183]Ga ceangal suas leis na grasan;
Ged leig Dia greis air aghairt,
Don mhuic bhi claothach a t-aite,
Nis on thionndaidh a chuibhle,
Theid gach traiteir far sailtean.

Slan don t-saor rinn am bàta,
Thug sabhailt air tir thu,
Slan don iùldfhear neo chearbach,
Thug do dhAlbuinn a ris thu,
Be sud am preas toraidh,
Thug an sonas don Rioghachd,
S lionar laoch thig fo dchaismeachd,
Bheir air Sasunnaich striochdadh.

Slan don uachdran ghasda,
Dhfhalbh bhar na Ceapaich di-haoine,
Rinn an cruinneacharioghail,
Chuir fo fhiamh iad le muigheadh,
Bha da Dhonull ri dshlinnein,
S do chuid gillean cha bfhaoin iad,
H-uile aon mar bu luaithe,
S cha robh uathach an saothair.

Ursainn chatha a chruadail,
Thug thu dhualchas o t-Athair,
Dia gur cumail an uachdar,
Chosnadh buaidh anns gach latha,
H-uile fear theid gur congnadh,
Ged bann le comhrug a chlaidhe,
Gun robh Criosd agus coir leis,
Chur Righ Deorsas a Chathair.

Thighearna oig o bhun Airceig,
Ceannard feachd thu nach geilleadh,


[184] Sibh feins fir a Bhraghad,
Chuir ur nadur ri cheile,
chraoibh chosgar a chruadail,
Air thoiseach sluaigh a rìnn eiridh,
Aig a bhaile agus uaithe,
Ur neart an guaillibh a cheile.

Thig dream foghainteach fearail,
A Gleanngaradhs a Cnoideart,
Na cinn-fheadhna nach pilleadh,
Nach gabhadh giorrag roimh chomhruig,
Gu borb, armailteach, lionar,
Rachadh sios ann ad chomhail,
S mairg a tharladh for buillibh,
Shiol nan curainean coire.

Shir Alasdair uasail,
Nach gluais thu air t-aghaidh,
Leams fada tha t-fhuireach,
Gun bhi air thuras nan deighidh,
Le dbhrataichean lionar,
S ioma ciad a thann a t-fhaodhaid,
On bu dual duit bhi fuileach,
Leig do chuilein air aghairt.

Tha do chinneach fo mhulad,
Fath t-fhuireachsan uair so,
Ons ann uilinn ri uilinn,
Bu mhath gach spionnadh gu cruadal,
Ciod a chuis tha fon chruinne,
Ris an cuireadh sibh gualainn,
Nach biodh sibhn urn urrainn,
A chlachamullaich na buannachd.

Chlann Ghriogair a chruadail,
On bu dual duibh bhi tapaidh,


[185] Fhuair sibh roimhe ur diteadh,
O luchd ur mioruin gun cheartas,
So an t-am dhuibh bhi dusgadh,
Thoirt ur duchas fein dachaidh,
S geds fhad on tha chuing oirbh,
Theid na Guimhnich fur casaibh.

Nuair theid gach cinne ri cheile,
Eidear Sleibhtesa Cheapach,
Eidear Uithist as Muideart,
S Mac Iain Stuairt na h-Apunn,
Bidh a Ghaidhealtachd uile,
Gu treun fuileachsa bhaiteal,
S ged nach tigeadh na Guimhnich,
S beag ar suim don phachd ud.

Sgrios le claidhe gun dearmud,
Air gach cealgaire breige,
Tha o dhuine gu duine,
Cuir bun anns an eucoir;
Nis on thainig an Rionnag,
Teannaibh uile ri cheile,
S leibh clach mhullach a chausair,
Anns gach aite gan dtheid sibh.

Bhan Sleanaileir gòrach,
Tighn a chomhrug nar naghaidh,
S teann nach islich e shron,
Ged thig e sporsail air aghairt,
Ach nan cumadh e chomhail,
Mur bha ordugh a claothair,
Bu lionar fear casaig,
Gun cheann, gun chasan, gun fhradharc.

Deanaibh cruadal as misneach,
S ann a nis a than t-am ann,


[186] On thainig an solus,
Thogas onoir na h-Alba,
Fhir a sgaoil a mhuir ruagh,
Sa thug fuasgladh do dhAbram,
Bi mur gheard air a Phrionnsa,
Air a chuirts air a phairtidh.

titleOran air teachd Phrionnsa Thearlaich
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page