ORAN do dh’ ALASDAIR MAC COLLA; —Le Diorforguill N’ ’Ic a-Bhriuthain bh’ann an Luinn an Lathurn-iochdrach.
ALASDAIR a laoigh mo cheille,
Co chunnaic no dh’ fhag thu ’n Eirinn,
Dh’ fhag thu na miltean ’s na ceudan,
’S cha d’ fhag thu t-aon leithid fhein ann,
Calpa cruinn an t-siubhail eutruim,
Cas chruinneacha’ ’n t-sluaigh ri cheile,
Cha deanar cogadh as t-éugais,
’S cha deanar sith gun do reite,
’S gar am bi na Guimhnich reidh riut,
Gu ’n robh an righ mur tha mi fhein duit.
E ho, hi u ho, ro ho eile,
E ho, hi u ho, ’s i ri ri u,
Ho hi u o, ro ho o eile,
Mo dhiobhail dith na ’n cinn fheadhnaidh.
Mo chruit, mo chlarsach, a’s m’ fhithioll,
Mo theud ciuil ’s gach ait am bithinn,
’Nuair a bha mi og ’s mi ’m nighin,
Mhoire ’s e mo run am firein,
Cha bhuachaille bho ’sa ’n innis,
Ceann feadhna greadhnach gun ghiorrag,
Marcaich na ’n steud ’s leoir a mhire,
Bhuidhneadh na cruintean d’a ghillean,
’S nach seachnadh an toir iomairt,
Ghaolaich na ’n deanadh tu pilleadh,
Gheibheadh tu na bhiodh tu sireadh,
Ged a chaillinn ris mo chinneach,
Pog o ghruagach dhuinn an fhirich.
E ho i u ho, &c.
’S truagh nach eil mi mur a b’ ait leam,
Ceann Mhic Cailein ann am achlais,
Cailein liath ’n deigh a chasgairt,
’S a ’n Crunair an deigh a ghlacail,
Bu shunndach a gheibhinn cadal,
Ged a b’ i a chreag mo leaba.
E ho i u ho, &c.
M’ fheudail thu dh’ fheara’ na dìle,
’S math ’s aithne dhomh do shloinne innse,
’S cha b’ ann an cagar fo ’s ’n iosal,
Tha do dhreach mar dh’ orduich Righ e,
Falt am boineid tha sinteach,
Sar mhusg ort no cuiliobhair,
Dh’eighte geard an cuirt an Righ leat,
Ceist na ’m ban o ’n Chaisteal Ileach,
Dorn geal mu ’n dean an t-or sniamhan.
E ho i u ho, &c.
Donullach gasda mo ghaoil thu,
’S cha b’ e Mac Dhonnchai Ghlinne faochann,
Na duine bha beo dheth dhaoine,
Mhic an fhir o thùr na faoileachd,
Far an tig an long fo h-aodach,
Far an oilte fion gu greadhnach,
’S mo dhiobhail dith na ’n Cinn fheadhna.
E ho i u ho, &c.
Mhoire ’s e mo run an t-oigeir,
Fiughantach aigionntach sporsail,
Ceannard na ceathairne moire,
’S mise nach diultadh do chòradh,
Marr-ri cuideachd no am onar,
Mhic an fhir o ’n innis cheolar,
O ’n tir am faighte na geoidh-ghlas,
’S far am faigheadh fir fhalamh storas.
He ho i u ho, &c.
Bhuailte creach a’s speach mhor leat,
’S cha bhiodh chridhe tigh’n a t-fheoraich,
Aig a liuthad Iarla a’s Mòr-fhear,
Thigeadh a thoirt mach do chòrach,
Thig Mac Shimidh, thig Mac Leod ann,
Thig Mac Dhonuill duibh o Lochaidh,
Bidh Sir Seumus ann le mhor fhir,
Bidh na b’ annsa Aonghus og ann,
’S t-fhuil ghreadhnach fein bhi ga dortadh,
’S deas tarruing na ’n geur lannaibh gorma.
E ho i u ho, &c.
’S na ’n saoileadh cinne t-athar,
Gu ’n deanadh Granntaich do ghleidheadh,
’S ioma fear gunna agus claidhe,
Chotainn uaine ’s bhreacan dathail,
Ged tha mis’ am phaiste suarach,
Thall sa bhos mu uisge Chuain so,
Na ’m biodh mo chrobh air na buailtean,
Mo ghreigh a taoghal na ’m fuaran,
’S mo chaoirich gheala ga ’n cuartach,
Ruibeinean ceangal mo ghruaige,
Gur lionar fear a bhithte luaith rium.
E ho i u ho, &c.
Mhoire ’s iad mo run an comunn,
Luchd na ’n cul buidhe a’s donna,
Dheanadh an t-iubhar a chromadh,
Dh’ oladh fion dearg na thonnadh,
Thigeadh steach air mointich thollaidh,
’Sa thogadh creach o mhuinntir Thomaidh.
E ho i u ho, &c.
title | Oran do dh’ Alasdair Mac Colla |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |