[189]

Cumha do SHEUMUS MAC-A-PHEARSAIN [The translator of Osian’s Poems.] , fear Ràt am Baideineach; Le Donnacha Mac Aoidh, no mur chomh ainm, Donnacha Gobha.

CIA sibh a luchd aobhair?
Nach caoin sibh ur bochdainn,


[190] Cha do dhealaich an t-aog ruibh,
Gun fhiach a shaoithreach a chosgairt;
S mor dosgainn na dùthcha,
Dheasbhuicliùth agus fortain,
S mor is miste mi fhein e,
Tha mi leughadh dheth rosad.

Shalaich an sannt ud ur cridhe,
Cha dean cuibheas nas leoir duibh,
O nach tigeadh Elias,
Gur nigheadh an Iòrdan,
Bheir sinn aite dh’ Iehàbha [Jehovah.] ,
Gus an naraich e beo sibh;
Leanaidh an luireach ur fardach,
Mur grad thionndaidh sibh dochas.

S aobhar mulaid da thuath e,
Bhi mun cuairt da na luidhe;
Ach chan aithnich iad muthadh,
Gus an turlaing an t-ath-fhear;
Math dhfhaoite nach diu leis,
Aon suil thoirt gan amharc,
Ach an orduchair faontradh,
S fear na daorsainn a ghabhail.

S aobhar mulaid do t-uaislean,
Bhi mun cuairt do dchorp flathail,
Ged a ghabhadh tu gruaim,
A nithe suarach gun chathadh [Frivolous affairs.] ,
Nuair a lasadh an curam,
Fad a null thair an amhuinn,
Bu mhath ann air an cul thu,
Chuir an cùisean gu tabhuill.


[191]

Bu tusa athair nan àsran,
A dhàrach nan dileachd,
Sa thogadh an aird iad,
Do chairdean nam bfhiach iad,
Sa ghleitheadh dhoibh an rathad,
Gu fraigheadh na Criosdachd,
Sa ghleitheadh am franc dhoibh,
Cho fada rin sgriobhadh.

Chuir e or annsan talamh,
Nach caraich fear feumach,
S nach urrainn fear rapach,
A sgapadh o cheile,
Tha e sgribhtaig Mac Mhuirich,
Ga chumail ri cheile,
Thun an t sìolaig a bisle,
Bha e dileas da Iarlach.

S math dhaithnich en saoghal,
Gum bu mhaorach neo ghlan e,
Mur cheo anns a ghaoidh e,
A chaochlais mur fhaileas,
Bha thuigsann an réusan,
Ri diol deirc agus aithridh,
Be chuibhrinn a bfhear dheth,
Nach burram bas thoirt o anam.

Chuir e chridhesa chomus,
An co-chomunn ri cheile,
Sgrios e iomhaidh na h-airce,
Sios o rampair a phélis,
Rinn e cuilm ann na [Lùchairt. ] luicheirt,


[192] Thug e trusadh gu leir dhoibh,
Bha e mur shéulan am siothchai’,
Bhi ri iobairt na reite.

A Righ gur bochd a tha mhuinntir,
Nuair a dh ionnsaich e riamh dhoibh,
Bhi cluith air na h-urlair,
Bha sgùirte le siabunn,
N diugh coimhead a phèilis,
Mur sheann duine liath i,
S nach faic iad rin saoghal,
Fear aogais ga riaghladh.

Be urla na maise e,
Ri fhaicinn na eideadh,
Be rionnag a ghliocais,
Anns gach cuideachd an eighte,
Be ciobair a chinne,
S e lan giorrag mun deighinn,
San tim shuidhe na Parlmaid,
S mor an call doibh gun deug e.

Nuair bhiodh e air faiche,
Ann an coidse nan séusa,
Be ordugh na botail,
A chost agus eigheach,
Achs en togail mu dheireadh,
A fradharcs na céisean [That he was covered with three different coffins,—a coffin of the fir of Glenfessy next his corpse, and that covered with a lead coffin, and a coffin of mahogany above all; which were his orders before his death.] ,
Bhios mur chuimhne don t-seana-chloinn,
Gu bhi ga sheanchas ri cheile.


[193]

Ged a gheibhinn e sgribhte,
Na miorbhuilean rinn e,
S na chost e dheth nith,
Cur malailì air an oighreachd,
Do na h-ailleagain phriseil,
Nach robh diomhain gun fhoinn doibh;
S dubh a bhoile dhomh innseadh,
S nith diomhain duibh fhaighneachd.

Bha mise ga bheachdach,
Nam baithne dhomh innseadh,
O latha a bhaistidh,
Gu latha a chriche,
Ann an Albuinn nan Sasunn,
Mur saltair min fhirinn,
Cha baithne dhomh leithid,
Ga chaitheadhs ga dhianadh.

Nuair mhiannaich sinn airgiod,
Thainig meall oirnn gun fhios duinn,
Lamh an t-sonais ga sgaoileadh,
Nach do chaoin ann nar measg e,
Ach tha moran dhiug radh,
S beag is fearda nas miste,
Sud mur mholar an t-armunn,
Chuireadh plàst rar bristeadh.

Ged shirinnse deonach,
Leis an eolais a rinn mi,
Eidear caolas King-horn,
Agus crò Ionmhuraora,
Eidear geatIonmhurlochai,
Agus Deo [Deo, Inver, or where water runs into the sea.] uisge-speith so,


[194] Chan fhaighinn a leithid,
Dhfhear tighe ann am féileachd.

Be thioma ri mnaithibh,
Na bhair a dhathais no dhéucoir,
No na burrainn siol Adhamh,
A charadh ri chreubhaig,
Ach rinn trocair sin dha-san,
Nach dfhaillings nach steinneadh,
S mar thruailleachd an fhasaich,
Gun dfhag e na dheigh e.

S lionar baintighearna ghasda,
Mar shneachda na h-aon-oidhch’,
Bhios ag iondrain a thlachda,
Aiteas, ’sa chainnte,
Bhios a deoiribh a frasadh,
S iad a tachairt air adhlaic,
Achs e aobhar an rachdaidh,
Nach glac iad air laimh e.

Gur a h-eiginn dhomh stad dheth,
Tha laigsann mo chuimhne,
Cha leir dhomh nas faide,
Mu fhasan an oighre,
Ach ma thig e ga dhuthaich,
Le a chuirt ann an caoimhneas,
Bheir mise car fhathasd,
Air ratha na cuibhle.

Aon mhile, seachd ciad,
Siath diag as trificheud,
Air feasgar diciadain,
Don ath-mhios thainig bristeadh,
Fhuair en-sumana Ràta,


[195] On bhas le comisein,
Dhol a Lunnainn don àraich,
Gu la bhrath as nach dthig e.

Bu mhor a mheas as ard urram,
Air clach mhullaich a chausair,
Le sholusaceire,
Ann na choinnleirean airgid,
Ann an Abailt nan Righrean,
Na sheasadh dileas nan rancan,
S gu latha na criche,
Gheibh sibh sgribhte fearr ainm ann.

Ma tha coigreachsan lathair so,
A dhfhairdeas ma dhéighinn,
Na stuic as an dfhas e,
Nuair a thar e cho speiseil,
Mac Muirich a baille,
Chuir fa shailtean na ciadan,
Bann gun sonas a bha e,
Nam bu dail gu bhi liath dha.

Bha beannachd a mhathar,
A slanugha chreuchdan,
Agus beannachd luchd cearde,
Bha iad craiteach mu dheighinn,
Beannachd bhochd agus tuatha,
Aig an uan so chaidhe cheusadh,
S tha leighich am Pharais,
S thug e slainte do Sheumus.

titleCumha do Sheumus Mac-A-Phearsain, fear Ràt am Baideineach
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page