ORAN do DHONULL bàn MACDHONUILL duibh, Tighearna Lochiall; Le Alasdair Camashron Dhochanasai’ ’n Lochabar.
So deoch-slainte mo ghaisgich,
’S coir a faicinn ga lionadh,
’Sa cumail an cleachdadh,
Mur fhasan a-rireadh;
H-uile fear leis nach ait i,
Fagam easan an iota,
Bhi ga h-ol gur h-e b’ annsa,
Mas a branndaidh no fion i.
Mas a branndaidh math cruaidh i,
Druid a nuas i ga feuchainn,
’S gu ’n cuirinn lan cuaich dh’ i,
A suas fo chlar m’ éudainn,
’S olc an obair do chairdean,
Bhi mi-ghradhach mu cheile,
’Sa h-uile fear leis an aill i,
So deoch slainte na’n réubal.
’Sa Dhonuill oig Abraich,
Do shlaint’ gu ’m faic mi mu ’n cuairt i,
’N t-og firinneach smachdail,
Nach robh tais an am cruadail,
’S beag iongnadh an t-ardan,
Bhi gu h-ard ann ad ghruaidhean;
’Sa liuthad fuil rioghail,
Tha sioladh mu d’ ghuaillibh.
Gur lionar fuil fhrasach,
Th’ air a pasgadh fo d’ leinidh,
O shliochd Mhànuis Mhic Cairbridh,
Bha gu h-armailteach treubhach,
Le sgiathaibh breac dubailt,
’S le ’n lùiricheann treuna,
’N am dhoibh dol anns’ an iomairt,
Cha b’ e tilleadh bu bheus doibh.
Gur lionar do chairdean,
Ann an Albuinn ri ’m feuchainn,
’S car’ thu dh’ oighre na Dreòllainn,
’S do Shir Donull a Sleibhte,
Do Mhac Shimidh na ’m bratach,
Nach robh tais an am féuma,
Dh’ eireadh Eoghun og Chluainidh,
’Sa shluagh leat gun éuradh.
Gu ’n eireadh Diuc Pheairt leat,
’S ard Mharcus na h-Einne,
Mur sud as Clann Chatan,
Le ’n glas lanna’ geura,
Mac Mhic Raoghnuill na Ceapaich,
Le phrasgan glan treubhach,
’S Mac Iain Stiubhairt o ’n Apuinn,
Ceannard feachd e nach geilleadh.
’S tha thu cinnteach ad chinne,
Anns gach ionad an d’ theid thu,
’S mairg dh’ fheuchadh an ascaoin,
Cha bu tais an am feum iad,
Gu h-armach, acfuinneach, rioghail,
’S cha n’ e striochdadh bu bheus doibh,
’S le farum an lamhaich,
Gu ’m biodh an naimhdean gun éiridh.
’S dearbhadh air sin, Sliabh Chlamhain,
Gu ’n d’ fhuair sibh barrachd an cruadal,
Thug thu ’n duthchas o d’ shean’air,
B’ ard cheannard air sluagh e;
Tha mo dhuil ann ’sa ’n Trianaid,
Mas a nith thig gu buaidh e,
Gu ’m faic mi thu ’d Dhiuca,
’N deigh an crun ud a bhuannachd.
Là na h-Eaglais bh’ aig Hàlaidh,
Thug sibh barr air a bhuidhinn,
Nuair a thionndaidh na naimhdean,
Na ’n siath rancan ’sa bhruthach,
Dhuit cha b’ iomurla ’n cruadal,
Ghlac thu ’n dualchas bu chuibhe,
’Nuair theann do chinne ri cheile,
Ghabh na beisdean mu shiubhal.
Cha b’ e siubhal na slainte,
Bh’ aig a ghraisg ud a teicheadh,
’S ioma cota ruagh maduir,
Bh’ ann ’sa ’n araich gun leith-cheann,
Agus slinnein o ’n ghlualainn,
Agus cnuac chaidh a leagail,
Le luths na ’m fear laidir,
Ghabh an t-ardan gun eagal.
’S mairg a tharladh riu crosgach,
’N am dhoibh tachairt ri namhaid,
’S mo ghaols’ air an toiseach,
Craobh chosgairt a bhlair thu;
’Nuair a thogte do bhratach,
Le fir ghasda neo sgàthach,
’S ann le luths ’ur gaoirdein,
Bhiodh luchd beurl’ ann ’sa ’n araich.
title | Oran do Dhonull bàn MacDhonuill duibh, Tighearna Lochiall |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |