[199]

ORAN don fhreiceadan dubh Ghaidhealach; Le Alasdair Mac Griogair Maighstir-sgoil an Dul, Apuinn a Mheinnearaich.

Air fonn an siubhail fein.

FAIGHEADH cliuth o gach rann-fhear,
Gu ceolars gu binn,
An dubh fhreiceadan Gaidhealach,
Dharaicheadhs na Glinn;
Cuimirfuasgailtefinealta,
Slainteilsa chom,
Fearail, ceansgalach, cruadalach,
Treun agus trom.

SEISD.

S gu robh buaidh leis na seoid,
Ghuinneach gharg agus bheo,
Chaidh do bhuillsgein nam Frangach,
Mur dhaimh dolsa cheo,
S nach dfheuch fhathasd cul,
Don dream nach robh leo,
Oir cha striochd sliochd nan Garbh-chrioch,
As annt-san an deo.

S math thig breacan an fheilidh,
Gu leir do no suinn,
Osain ghearr air an calpanna’,
Domhail, geal, cruinn,
Iteagan dorcha, air slios gorm uigheam cheann,


[200] Sud i éideadh nam blar,
S cha bin fhada theann.
S gu robh buaidh, &c.

S ceart a labhras iad canmhuin
Na h-Alba o chian,
Mur a bha i aig Fionn,
Agus Oisein gu dian,
Cha do ghluais thun na tuasaid,
Sa choidhch iad cha ghluais,
Gun am bolg-fheadan meur-thollach,
Fhuaimneach nan cluais.
S gu robh buaidh, &c.

Cha tearc gabhadh as àit
As an dthainig le buaidh,
Gaisgich chalma na coruig,
Snan dluth bhuillean cruaidh,
Roimh diomhanas saobh,
Aidhear, ’s aoibhneas a thaobh;
Bhi deanadh an saorsa,
An duthchassan lagh
S gun robh buaidh, &c.

S ioma deuchainn a fhuair,
Na fir ardanach bhras,
O nach geilleadh dhiu lamh,
S nach tionndadh dhiu cas,
O nach faodadh gun caochladh,
An dualchas nan cleachd,
Leis an dfhagadh gun samhla;
An sinnsreadhsa ghleachd.
S gu robh, &c.

Mur bhlath mhaduinn shamhraidh,
Iad ciùin ann an sìth,


[201] Ach mur gheamhradh nam beann aca,
Geur ann an strìth,
Sgaiteach, gruamach, a luaithreadh,
Nan naimhdean le feirg,
Gan cas ruagadhs gan sguabadh,
A àraichean dearg.
S gu robh buaidh, &c.

Chan eil iongnadh nis mo,
Ruith dhàsan nach geill,
Bhi mur dhearbh corp marbh,
Gum bu ghann e da cheil;
Seach an Ti leis nach bfhearr,
Gun an eigni bhi slan,
Casadh riusan a suas,
A ta millteach as dàn.
S gu robh, &c.

Mur is gairge an namh,
Mur is cruaidhe an cath,
S ann is airden sin inntinn,
Luchd trusgan nan dath;
Thasan doruinn a fàs,
Ainm mor dhoibh air fad,
Leis an reub, leis am mill,
Leis an claoidh iad gun stad.
S gu robh, &c.

S i son fhirinn gu dearbh,
Air gach seoil agus doigh,
S ga comh-dhaingneach gu dìlinn,
Bidh la Fontanòi;
Sud an la a thug ainm,
Dhoibh an tùs anns an fheachd,


[202] Bha an run uile dìleas,
Don Righs do gach reachd.
S gu robh, &c.

Chaidh an sàrach’ ’san leon,
A bhan ceud charraid teith,
Aig Tecanteròca,
Ged a chaill iad an leith,
Na sheas, bhuannaich leo congnadh,
Na dhaom gu ro threun,
Rinn a chostrith so rioghail iad,
Nuas feadh gach linn.
S gu robh, &c.

Rinneadh gniomhradh leo,
Annsgach tir chum an deach’,
Bhios nan iongnadh, ’s nam mìorbhuile,
Gu brath do gach neach;
Cha leig an saoghal air dearmad
An treubhantas gu sìor,
M feadh bhios speis agus mor-mheas,
Do shaighdeireachd fhior.
S gu robh, &c.

Ach co cheolraidh nan teangair,
Is oirdheirce thann?
S urrainn innse mur bhuannaich,
San Eiphit a chlann,
Luaidh neo-ghann, gathan lann,
Sleaghan chrann chaidh gu luath,
Am fir dobh-cheannsach do chàch,
O na h-armuinn o thuath.
S gu robh, &c.

As na gairdeanalùth-chleasach,
Feitheach, ghrad leum,


[203] Goimh as bas a chuir miltean,
O chainnt as o fheum,
Ghabh na saoitheansan am,
Miren t-searbh-chath as conn,
Dol troimh dhuintean as àr-chlosach
Naimhdean le fonn.
S gu robh, &c.

S glan a dhéirich am buaireas,
Air comhlan an àigh,
Le léir-sgrios chaidh Frangaich,
A bhualadh gun bhàidh;
Thuit gach aon air an lar dhiu,
Na sheimh chadal buan,
S thug na Gaidheil leo an stròl aca,
Nall thair a chuan.
S gu robh, &c.

Mur so buaidh leis gach seoid,
Ghuineach, gharg, agus bheò,
Theid do bhuillsgein nam Frangach,
Mur dhaimh dolsa cheò,
S nar fheuch iad an cul taobh,
Don dream nach bi leo;
O nar striochd iad gu siorruidh,
As annt-san an deo.
S gu robh, &c.

titleOran do ’n fhreiceadan dubh Ghaidhealach
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page