[204]

ORAN le AILEIN MAC DHUGHAILL, no mur choainm, Ailein buidhe nan oran, tuathanach bha ann an Gleanndomhain Taobh-lochotha, agus e ag iomadan an deigh nan companoch, a bha posadh agus a falbh annssan arm, ri linn Phrionnsa Thearlaich.

Fonn. Ged a tha min so am chruban; le D. Ban.

S mi am shuidhe air deisir a ghlinne,
Gun tuille ann do ghillean oga,
S beag an t-iongnadh mi bhi fo mhulad,
Dhfhag am miofhortan mim onrachd,
Ciod an stath dhomh bhi ga bhruidhinn,
Bu chompanach ro chridheil coir thu,
S cia be thig at-aite ridhisd,
S clach an ionad uighe dhomhse.

N diughs ann leam gur a duilich,
S gnothach muladach am posadh,
Chaill mi mo chompanach tuille,
S chan fhaigh duine rùn mo chòraidh,
Mire cha dean mi ri cruinneig,
S cha toir maighdeann chuimir pog dhomh,
Chaidh a ghlas ghuib air mo mhuineal,
Cha seinn mi luinneag no oran.

Cha tog minntinn ri fidhill,
Thuit mo chridhe fo dholas,
Dhfhas mi ceann-riabhach mur chuileig,
Chuir am mulud culaidh bhroin orm,


[205] Cuimhneachadh mur bhimid cuideachd,
Sa chuicheineachd am bimid comhla,
Leiginn riuts cha chluinneadh duine,
S gheibhinn t-fhuran gusn do phos thu.

Gur bochd an reachd a tha nar duthaich,
Bhi toirt dhiu nan gillean oga,
S coimhdheis fear coibe leo no suisde,
Na fear nach do chuir ùidh ann am posadh,
Eidear siath-deug as tri fichead,
S coimhdheis leo miotailt no fleodar,
Le corrs tri chairt a dhiarunn sgriosaidh,
S i leannan na misnich nighean Deorsa.

Cha do chuir mi ùidhsan leannan,
Gam biodh an anail gun seal sroine,
Chuireadh luaidhe ghlas na deanna’,
Nuair lubte mun taruing an ordag;
Gur mor a bannsa leam an cailein,
Cho chaol malas ibhtan lòin-duibh,
Gam biodh an stiom air son anaird,
Sa lamhannan geala mu dornaibh.

Ach ghlac min sin smuaintin aithghearr,
S chuimhnich mi sean fhacal neonach,
Gun cuir duine snaoim le theangaidh,
Nach fuasgail ionga no ordag,
S rud eile gan tug min aire,
Nach gille-mirein am posadh,
S nach leighis aithreachas breamas,
Ma ni fear dhiu gnothuch gorach.

Dfhag iad sinn mur choin air fuighlich,
On a chaidh na cuibhrich oirnne,
Brigis ga druideadh mar cuinseir,


[206]S iall ga dunadh mu chul ar toine,
Bannsa luidhe machsan oidhche,
Na gun cuirte cruinn an crò sinn,
S e achd is measa bhann rar cuimhne,
Bhi gar cuir air luing don Tòlaind.

Chualami eachdraidh mur sheanchas,
Gun robh aig an Righ seana-dhall eolach,
S rainig mi e dhiarruidh comhairl’;
Cionnnus thaghainn mnathan oga,
Nochd mi dha maodann as maghaidh,
S thagh mi dha raogha mo chòraidh,
On fhuair e gliocas an domhain,
Chuir a ghnothaichean an ordugh.

Bham bodach gu samhach tosdach,
S eg osnaich air feadh a sheomair,
Smuainteachadh air fear mo choltais,
Choisich an t-asdar mor sin,
Gun robh mi cho ladurna dhana,
S thighn an lathair fear a chota,
S nan innseadh e bharail saor dhomh,
Gun sgaoilinn e air an oigridh.

S rud beag eile bha ormsan daille,
Nach robh soilleir dhomh as moige;
Co dhiu bfhearr dhomh luaths no maille,
Nan robh coire dhomh sa phosadh,
Sinnuair a labhair Giollasbuig,
Cha chron duitse smachd na h-òige,
Sanuair nach gabh iad annsan fheachd thu,
Gun seasadh do mhac an seorsa.

Gur a tric mi ann an iomaguin,
Agus cuir-iomachuir orm an comhnuidh,


[207] Bhi giùlan gunna agus urachair,
Nach deachaidh riamh ri cuimse sheoladh;
Ach nam faighinnsair a mhaoisleach fuireach,
Am fasachs nach cluinninn ri mbheo e,
Co dhiu bhiodh innte brais no giorrag,
Chostainn dusan buillan ord ri.

S e chum mi cho fad air an rathad,
Eagal meathaidhs gun bhi eolach,
Nuair thig am dhomh dol a luidhe,
S beag mo shunnd ri mnathan oga,
Fasaidh mo cheann trom le cadal,
On chleachd mi bhi luidhem onrachd,
Sanuair nach deanainn cleas fon phlaididh,
Gum biodh isesa mhaduinn sròn-ard.

Ach ni giullan feum le dhurachd,
Sa chùis so garn dfhuair e fhoghlum,
Obair gu dian air a ghlùinean,
Aois agus tùr ga sheoladh,
Ise air a druim gu h-umhal,
S easan air an sdiuir na onrachd,
Ionnairidh mhor, luath as fuchdadh,
Séitil agus ùinich mhor orr.

Latha dhomhs mi siubhal romham,
San rathad nach robh mi eolach,
Chunnaic mi cama-chraos a bhothain,
S e gach latham feum a chomhdach;
Chualami glaodh aig a bhochdainn,
Sgal-chuill aig docair ri dòlum,
Clann ag caoidh, mnaith ag osnaich,
Gur h-en tigheadas chost an stròas.

Bidh ise gu cuibeineach odhar,
S bidh esan na ghobhainn duhh dòithte,


[208] Am paistchan fhear e nan oibhisg,
N urras foghainntich don t-seorsa;
N te sin bha gu ruibeineach dreiste,
Gu h-urar, fasanta, lomhar,
Shruth i mur shobhrach ri fras sneachda,
Shuidh as sheachd i leis a phosadh.

Nuair chunnaic mi meud na trioblaid,
Cheannaich mi brigis mhath chloithlein,
Agus putain laidir mhiotailt,
Amhchunnan gun diochdadh cord romp;
S thug mi mionnan ard ri m phiostal,
Nam bristeadh e gin don t-seors ud,
Gun ceannchainn mogan glaise thiotadh,
S nach biodh e cho tric co shron-ard.

titleOran le Ailein Mac Dhughaill, no mur cho’ ainm, Ailein buidhe na ’n oran, tuathanach bha ann an Gleanndomhain Taobh-lochotha, agus e ag iomadan an deigh na ’n companoch, a bha posadh agus a falbh anns ’sa ’n arm, ri linn Phrionnsa Thearlaich
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page