ORAN toirt comhairl do ghillean oga na tuatha, tobhsainn ri ’n coimpirean fein, agus diomoladh na ’m ban uaisle. Le Ailein Buidhe.
Fonn.— ’Se latha Raon Ruairidh, &c.
BHEIRINN comhairl air gach fleasgach,
Tha ’n airde teas agus tuath dhiom,
Iad thoirt lamh air an seise,
’S gun bhi streap ri mnaoi uasail,
O ’n tha sinn chomhnuidh ’s na gleanna’,
’S gach earrach tigh’n cruaidh oirnn,
Gur h-ioma gille tha luidhe,
Gun bhean tighe gun triallachd,
Gun trom inntinn ach aidhear,
H-uile latha ’sa bhliadhna,
Aig ro mheud an amhairc,
’Mac ’sa ’n t-athair cho chiatach,
’N te gheibhear cha ghabhar,
’Sa ’n te nach fhaighear ’s i dh’ iarrar mur eil e glic.
Gur h-ioma gille ro fhalamh,
Is aithne dhomh ’m eolas,
Thagh diasanach caileig,
’N teas a fala ’sa feola;
’S ma tha e gun airgiod am bannaibh,
Gun chrodh ballach gun storas,
’S lamh chuir an toiseach na h-aimirt,
Dhol ga cheangal ri leoideig le ruibein breac.
Mas a fleasgach lan boch thu,
Tagh do stochd ’s do nith gluasaid,
Tagh da reir sin do leannan,
Mu ’n d’ theid i tharad an uabhar,
Mas aill leat bhi socair,
Thoir bean a toiseach na tuatha,
Gur h-ioma fear chaidh a mhealladh,
Le dol an lann-fhuil na ’n uaislean ’s le ara-mach.
Tagh aobhrach mna tighe,
Bhios gu mathasach suairce,
Thogas laogh agus gamhuin,
’S ni crodh a’s aighean a chuallach;
Ma bhios ’n da cheaird air a lamhan,
Faigh deas i na pearsa,
Air a cleachdainn ri fuaradh,
’Sa bhios eolach air deisir,
’Sa sheasas air tuathair;
’S mu ni i gu ro mhath,
Greidheadh cartadh a’s buain duit,
Bidh tochar do mhnatha,
Tigh ’n gach lath’ air do bhuailidh le cinneas math.
Gluais gu siobhalta farasd,
’S dean do mhalairt measg tuatha,
’S bi geur-shuileach ad sheallamh,
Air gach caileig mu ’n cuairt duit,
’S feuch an dean thu deagh aithne,
Mu ’n tarruing thu suas r’ i,
Gur h-eunag ur ghlan i,
Nach tilgear breamas na tuaileas ort as a leith.
Na tugadh tàir do na focail,
Air son an stochd as ’n do bhuain iad,
Ged tha goraich na chlaigeann,
Agus aigne so ghluasaid;
Ge b’e bheireadh geur bharail,
Air carachd an t-sluaigh ud,
’S tric bha comhairlean ro mhath,
’N ceann an amadain ghuanaich bu don’ air bith.
title | Oran toirt comhairl do ghillean oga na tuatha, tobhsainn ri ’n coimpirean fein, agus diomoladh na ’m ban uaisle |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |