ORAN a moladh na ’m ban uasal, agus a diomaladh na ’n cailean; Le Ailein Buidhe ceudna.
Air fonn oran na h-aoise.
’S MOR mo mhulad gu bràth,
Cha chluinnear mo dhàn,
Tha aithreachas a ghnà ga m’ théumadh;
Bhi cuir chailean an àird,
Ann an urram thair chàch,
’S gun ach burrainnean làidir bréun annt;
Tha mise fo phnàmh,
’S gu ’m fuiling mi ’m bàs,
Aig ro mheud mo nàir mu ’n déighinn;
Mur gabhar gun dàil,
Mo leith-sgeul ri càch,
Gur breisleach bha ’n àite céill orm.
B’ annsa maolanach og,
Bhiodh staoigheas ga coir,
Chumadh suidheacha comhnard cleibh oirr’;
Le gùn a’s le cleoc,
’S dreas do dheanas a meoir,
A’s ruibein ga chomhdach glé theann;
Gar ’m faighinn lea stor,
Cha bhithinn ga bhron,
’S gu ’n tigeadh air da sheol ri chéile;
’S i ’m falachd cho mor,
Gur taic i ri m’ bheo,
Ga m’ sheasadh an coir ’sa ’n éucoir.
Bidh ise gu cruinn,
Air cuibhill na still,
Cuir uigheam ro ghrinn air éudach;
Fuaim roithean na ’n deann,
A’s piurna le srann,
Cuir cadal am cheann ga ’n eisdeachd;
Greis eil’ air Jack reel,
Cuir chutaichean cruinn,
A bhuidhinn a ghill le gleusdachd;
Le h-orain cho grinn,
’S gu ’m bu bhinne guth cinn,
Na fithioll cuir fonn le teudan.
’S chumainn caile f’a laimh,
Thuigeadh gach ceàird,
Anns gach srath agus ard da ’n d’ theid i;
Chuireadh fodar air aird,
’N co’ uigheam ri cach,
’Sa dheanadh am barr a ghreidheadh;
Sheasadh sabhal a’s amh,
As ruideal na laimh,
Dheanadh gabhail a’s caramh na spreidhe;
Ghlacadh bara a’s gràp,
’Sa chuireadh dùnan air aird,
’S dheanadh ùbraid laidir treun duinn.
Ach mas bean leat nigh’n bodaich,
Bh’ aig doimeag ga togail,
Gun fhaoileachd gun fhosgladh ri tréun fhear;
’Nuair thigeadh do charaid,
Bhiodh gruaim air a malaidh,
’Sa da shuil dol an ceannaibh a cheile;
’Nuair thigeadh chuideachd a thograinn,
’S gu ’m bu spurt cuid d’ ar n’ obair,
’Sa bhimid lan sodain le cheile,
Bhiodh mo chridhe fo bhron,
Aig an dubh-chaile mhoir,
Nach tuigeadh a chòir seach éucoir;
Ged bheireadh i stroic,
Air obair na ’n dorn,
Fhad sa chumainnse seol air breineig;
’Nuair thigeadh tra nòin,
Bhiodh a tigh-sa na fhroig,
Le dorchadas mor gun leirsinn;
Bhiodh a chaile na steoc,
’Sa da laimh m’a glun mor,
’G amharc eidear dha fhoid air éi’leig.
Cha bhiodh tuille ri fhaicinn,
Dreach duin’ air do phearsa,
’Nuair gheibheadh i glas leis a chleir ort;
Bhiodh a chaile na cadal,
Gun chuibheall bhi aice,
Gun mhoch-eiridh mhaduinn ’n am éiridh;
Gun chota gun bhreacan,
A b’ fhiù do dhuin’ fhaicinn,
Latha math clachain no féille;
’N ait’ bhi ’sa ’n fhasan,
Le anarda’ dreisde,
Gu ’m bu duibhe na ’n fhasair do léine.
Ach na ’m faighinns’ bean ùr,
A thuigeadh mo rùn,
Ged bhiodh cuid-thruim na cùise bu trein orm;
’Nuair thigeadh fear ùr,
’N am dheanadh an iùl,
Gluais lea o aois t-òig,
Gu faicilleach còir,
Gun mhionnan, gun bhòsd, gun bhréugan;
Cum na faithntean mur ’s còir,
’S thoir gu daingeann do mhoid,
Nach brist thu le d’ dheoin aon te dhiu,
’Nuair thig sumana’ oirnn,
A dh’ ionnsaidh a mhoid,
Gu ’m bath an cuan mor ar ’n éucoir;
’S ged tha failling n’ ar feoil,
Gu ’n d’ rinn sinn do ’n choir,
Na choisneas gloir da reir dhuinn.
title | Oran a moladh na ’m ban uasal, agus a diomaladh na ’n cailean |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |