Diomoladh Chabair feidh.
Le ALASDAIR MAC DHONUILL.
GU bheil mi air mo bho’radh,
Le toghnadh na h-ealainich,
Bhi falbh air feadh an t-saoghail,
Mur ghaoth chruaidh ’s i sgalanta,
Ged eireadh Iarla Shiophort,
’S gach ni mur a ghealladh leis;
Tha fine anns’ an Rioghachd,
Bheireadh cìs a dh’ aindeon deth.
Cha ’n eireadh leat fir mhuideart,
’S cha b’ fhiu leo bhi ’n ceangal riut;
Gur mor tha bhrigh do bheolsa
Na chomhra’ ro leamhanach;
Ach c’ ait an d’ fhuair thu dh’ aodann,
Cha ’n eireadh leat fir Shleibhte,
’S na ’n eireadh b’ e ’m breamas e,
Le ’n aigne uasail uaibhrich
Gu tuaireap nuair chreanaicht iad;
Le ’n oigridh sgairteil ghruamach,
Co luath ris an dealanaich;
Gu ’n sgoilteadh iad Triath Shiophort
An latha strith no fionnachais.
Cha ’n fhaod mi sheachnadh ’sa ’n dol seachad,
Gun a ghlacadh farasda,
Cail a mharcuais air sgath facail,
’S lagh ceart na mhearachd leis;
Ag coimeas Shiophort ri neart Rioghachd,
Ann an gniomh no ’m fearachas;
Le ar leanmhuinn bhuig gun eolas,
A’s moran d’ i ro ain-eolach.
Ach ar leam fhein gur gorach
A dh’ fhogradh Mac Ailein leibh,
’S gur sgeul e chaidh o cho’strith
Gur conspunn air aineol e,
Le a chinne lionar laidir,
’S iad dhasan cho charthannach;
’Na ’m faiceadh sibh air blar iad,
Bu nar dhuibh comh tharruing ris.
Ach c’ aite ’n cualas riamh ’ur cruadal,
Ged tha sibh na ’r sluagh iomadai,
Le ’r feachd tuathach ’s iad neo bhuadhar,
’S gainne crua’s no giorrag leo;
Ged tha sibh laidir, lionar làsdail,
Gun tigh ’n air fine sonruicht;
Tha ioma seorsa bharrachd orra,
Thall ’sa bhos ’san Rioghachd,
Leis nach b’ fhiù dol an coimeas riu;
Tha Tighearnan an taobh so,
Gu ’m faodainn dhol am baranntas;
A nochdadh ruibh an aodainn,
Ged tha sibh daonach fearunnach.
Tha iad gu meargant, feargaidh, feargach,
Dana gu garbh guinideach,
Ri uchd naimhdean ’n am adbhansa,
Ceannsgalach, cruaidh, curanta,
Iad mur dheanndubh laidir neimhneach;
Sunndach an cas fuileachais;
Mur thoirreann eas le beanntaibh,
Gù ’n cluinnte foirm ’ur gunnaichean.
Ach cuiridh mis thu ’n cuimhne,
A’s cluinn mi le faighidinn;
Na chuireadh thu sa ’n tuimhnich,
Ge bruidhneach ro labhar thu;
’N cual thu la Uillt Eire,
Bu cheiteill cinne t-athar ann,
Gu ’n d’ fhuair sibh ann déuchainn,
O ’n dream nach éuradh fhathasd sibh.
Ghabh sibh maoim an aird an t-sleibhe,
Bachd an fheidh cha ghabhadh sibh,
Air bheag feum an cas Righ Searlais,
Lomlan oillt a’s gealtrais;
Ghuil na speuran, sgeith na reultan,
Ach leugh thus’ eachdraidh Mhontros,
Ma shaoil thu gur bosd a th’ agamsa,
A’s cinnidh tu ’n sin ni ’s eolaich,
Air seoladh a bhatailte,
Mu ’n d’ thainig Moirfhear Gòrdan,
Na duine choir na saboide;
’S ann thug sibh slinnein comhluath,
’S cha mhor chaidh beo dhachaidh dhibh.
Theich iad uile, cha d’ rinn fuireach,
An treas duine bh’ acasan;
Mur fhear da ’n d’ eirich le trom chreuchdan,
Dol fo ghleus na saboide,
As an deigh air feadh an t-sleibhe,
’S cach na ’n deigh na ’m baidealaich,
’Sann thug iad dhibh buaidh larach,
’S rinn iad àbhair mhagaidh dhibh.
Bha Frisealaich, g’ar comhnugh:
A’s ioma seorsa bharrachd orra;
Bha Ionmhuirnis gle dhomhail,
Le mor-shluagh a Ghearasdain,
Ach ’s aon cheithir chiad na ’n ònar,
A bha fodh ordugh Alasdair [Alasdair dubh Ghlinnegaraidh. ] ,
Thug bristeadh as ’ur morshluagh,
’S bha ioma spoltadh salach ann.
Ma ghlac thu ’n cuidseal ’s, feumail duitse,
Bhi gu purpail ceannardach,
Seinnear piob leinn, ’s lionar pios duinn,
’S cuirea-mid sios gu tartarach,
Air ol fiona ’n ainm na ti ud,
Dh’ orduigh pris na ’m brataichean;
Cha dean priob a chuir gu h-ìreachd,
An tosta rìoghail againne,
Ach toga-mid le foirm i,
Le stoirm a’s le beachdalachd.
A shiol na ’n Collaibh treubhach,
Leis an eighte na batailtean;
O ’n tharladh dhuinn bhi ’s tabhairn,
Gun bhairlinn gun teachdaireachd;
Gu ’n ola’ -mid gu h-ordail,
Gu morchuiseach, smealpara,
Deoch slainte ’n leoghuinn loinich,
Nach maoimeadh roimh ’n t-snapaireachd.
Deoch slaint an leoghuinn threin chalma,
Eugsamhail spraicealachd;
Na ’n tigeadh do chinn fheadhnaidh,
Bu mheadhrach ’ur brataichean;
Cha b’ fhiamhach sibh ’n ’ur campa,
Measg ghall feadh na ’m machraichean;
’S cha bu chabar stangach,
Gun taing bheireadh snasadh oirbh.
Tha iad gu h-oirdhearg, geurbharr, coirilidh,
Teintidh, foirdhearg, lasarach,
’S e ’n leoghunn Riogh na ’n ainmhin,
Air ainmealachd a’s urrantachd,
Air churantachd, ’s air chruadal,
Air uaisl’ agus urramachd;
Air dhuinealachd, ’s air ghairgead,
’N am feuma ro fhuileachdach;
Gu cumpach, neartor, fuasgailt,
Gu luath chreuchdach, fuileachdach.
’S math do shuaithcheantas ’sa bhrataich,
Dosgach, casgach, cumasgach;
Gu ’n eireadh sgairtealachd ’s gach neach,
Ri faicinn ceart do chularan;
Nuair a dhearcadh tu gle cheart,
’S a bhiodh tu ’d bheachd gu furachail;
Gu ’n duisgte braise gun bhonn taise;
Le barrachd spraic ’s na h-uile fear.
’S tur fhallain gath an leoghuinn;
Ri Strol a chrainn bhaidealaich;
Bu mhearsail, statail, ordail e,
’N dorn an laoich aigionntaich;
Air itealaich gu cruadal,
Dearg ruagh mur bharr lasarach,
Gu ’n cuireadh e stoirm le sgeimhle,
Siubhal sith fo ar casansa.
Gach neach sunndach sios sa ’n iorghuill,
Le ’n cuilibheirean acfuinneach;
Bidh gaor a’s eanachainn ann na sgiodar,
Le gliogartaich dhagaichean;
Cinn ga ’m pronnadh, ’s cuirp ga ’n tolladh,
Lainn ri ciogladh aisnichean,
Picean geura ga ’m bualadh,
Ri tarruing suas gu speachara;
Leis an aiteam bhiodh ’s an fhuathas,
’S a riamh nach d’ fhuaradh ceachara.
Na fir chomasach na ’n sonnadh,
Le fras a tolladh phearsanna;
A dh’ fhas somalt air a choinneadh,
An am bhi sonnadh chlaiganna;
Sheinnte ponga air ur chlar loma,
’S pioban pronnadh chaismeachdan;
Gu ’n cuirte anail anns na mairbh,
A dhol gu foirghleus gaisgealachd.
Tharruing thu le d’ bhoilich,
Clainn Donuill an coimeas riut;
Mas fear thu bhios ri oran,
Bi eolach mu ’n can thu e;
Na ’m faiceadh tu Diadomhnaich,
Am por ud nuair tharruing iad;
Cha ’n aithnichte duine beo dhiu,
Seach leoghuinn a’s nathraichean;
’N tus an latha, bualadh chatha,
Ga ’n crathadh gu rucasach,
Ach mu dheighinn ceann an fheidh,
Ghearr e leum ’s cha b’ builear da;
’S ioma miolchu bh’ air a dheigh,
Le ’n ruith threun ’s le ’n gunnaireachd;
Ach theich easan cho ro ghleusta,
Mur bu bheus na h-uil uair dha;
’S cha robh a thrupairean an Alba,
Bheireadh calg no fionnadh as.
Meirg a chabair thar i as,
Gu ’n d’ thug i mach na buidealaich,
Cha d’ rinn i stad gus ’n d’ rain’ i Peairt,
Ruith gu bras an uidil ud,
’S ann thar a h-Ainsein i na achlais
Mur gu ’m paisgte cuigeal leis;
Cha robh bean Lot na ’m measg gu leir,
Suil na ’n deigh cha tugadh iad.
Gun bhothair thu mo chluasan,
Tha t-fhuaim ann mur dhrumachan,
O ’n thog thu do cheann cracach,
Na ’s airde na bhuineadh dhuit;
A’s mearsadh Earraghaidheal,
’Sa thorc nimhe ri sgath a chularan;
Gu ’n sgoilte ceann an fheidh leis,
Da reubadh na churagan.
Gu bheil mi air mo gheisgeadh
Le reicil an daimh Gharrannaich,
Ach ’s beag bu choir a dh’ fhear do chail
Bhi labhairt an cas batailte,
Gar am faiceadh tu do namhaid,
Ach air fàir gu ’n starta’ tu;
’S ann thugar caileachd anns a chas ud,
Barr air ghearr na ’m machraichean;
Gu ’m foghnadh aon lasag fhudair,
Chur sgeimhle dluth fo ’r casansa.
Duin do bhile ’s gun thu t-fhilidh,
Tog do d’ learan spaglainneach;
Phocain ghiorraich thoir ort pilleadh,
Tha ’n torc nimhe bagradh ort;
Tha saod millidh air do chinneach,
Mu ’n fhine ud a thachair riut;
Gur mairg bheir cuilgein as a spiolainn
’N am bhi sireadh sabaide.
Ach ’s olc a bhagair thu cho ghorach
Air an leoghunn againne;
Creatair aigionntach tha sonruicht
Ri uchd gleois nuair thachradh e;
Lean luaidh larach anns gach cas leis,
Mur b’ aibhist ’s bu chleachda leis;
Gu maoimeadh feidh na h Alba,
Roimhe charbad na ’n caiste air.
’S tric a theich roimh d’ dheudach
Na creatairean bu churaistich;
Na ’m faiceadh sibh ’n damh Saileach,
Le bharr ard ’s le ghliogaidean;
An cuamhlan glas fo ’n arma’
Fir chearbach nach misneachail;
Cha saoileadh fear ri shealltainn,
Gu ’n robh falls’ no bristeadh ann,
’S ann thar e mach air as an ranc,
’Sa ’n ruaig gu teann ri easgaidean.
Ma ni sibh tathaich anns an rathad,
Gheibh sibh caithream ghreadanach;
Le roinn na deannadh, dol gu ’r sagmhain,
Aig leum a maide feadanach;
Gheibh sibh doinionn o Ghleanngaraidh,
O chaithream na deaslaimh,
’S o theanchair an leoghuinn bheucaich,
’S cabar feidh cha teasraig sibh.
Bidh sibh fhathasd mur is cathair,
Ann an tathaich eaglaisean,
Le gair chatha ’s le ceann claidhe,
Cuir gu Brathainn teicheadh oirbh;
Cruaidh ga ’r caitheadh shios ga ’r sgathadh,
Siorradh lann a’s easgaidean;
’S gur lionar piob ag eigheach,
Raitreut air a chabar ud.
title | Diomoladh Chabair feidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |