ORAN molaidh Cruaich Narachain, le Ailein Buidhe.
AN t-urram do Chruaich Narachain,
Seach fearunn tha fo ’n ghrein,
’M bi earbaichean le meannaibh,
An glaic annasaich leo fein;
’S tric bha aobhar ghaire,
Na ’n ruith roimh fhasach reidh,
Gur tric ad ghlacan uaine,
Damh eangach ’s luaithe ceim,
Gu cabrach, ceannard, guanach,
Croiceach, ’s uallaich ceim,
’S gur h-ioma fleasgach uasal,
Theid do ’n Chruaich na ’n deigh,
Le ghunna air a ghualainn,
’S le chuilein uain air eill.
Gheibhte sud a’ t-àrd bheanna’,
Na tàrmuchain ’s na féidh,
An gleannaibh caol a fàsaich,
’S iad àilleasach air féur;
Am fridh na ’n eilid cràdh-dhonn,
Bhiodh an àl na ’n déigh,
An damh a dol ’sa ’n dàmhair,
Le a langan ard a leum.
’S bidh air gach tom, blar cathachaidh,
Gach cearc le h aidhear fein,
’S gur h-ioma fear gun chlaidhe,
Bheir crathadh air a sgeith;
’S aig meud an spurt bhi ’ga ’n amharc,
Cha ’n fhaighear chuir an ceill,
Bhiodh ciad luchd ceileir aidhearach,
Roimh’ latha seinn am beus.
’S ’nuair dhireadh sealgair sunndach,
’Sa mhaduinn chùraidh chéit;
Thogail ris na stùcan,
Far ’m biodh fear ciùil gun téud,
Gur moch a ni e urnaigh,
Tha loch ad mhullach còmhnard,
Le a chladach bòidheach réidh,
’S am bradan lannach geòbach,
A’ snamh le steòirn gu treun,
Tarr buidhe mur òr air,
A’s giùran neonach reidh,
’S e gu h-iteach seolta,
Ri cuileig mhoir a leum.
’S i sud a Chruach bha ainmeil,
’N tighe foirmeil bh’ aig an Fheinn,
Le ’n teaghlach mor bha aincheartach,
’S le ’n gillean meamnach treun,
Bha dusan tigh ’sa ’n talla ud;
Anns gach rum da aingeal deug,
’S b’ e ’n cunntas ’n am an garaidh,
Mu gach aingeal fear a’s ceud.
Latha dhomh ’s mi cuartachadh,
Na cruaich ud ’s mi leam fein,
B’ iongnadh leam ’nuair chuala’ mi,
Inneall mur fhuaim theud;
Ceol iollagach ’s deagh fhuaim aig,
Bu bhinneas cluas domh fein,
Mur chluig chiùil a bualadh,
No fithioll ’s nuallan béus.
A’s chunnacas cuideachd uallach,
Dol suas r’ a fear breig;
Ciad smeorach le fead chuaiche,
Ciad druid bu luaithe beul,
title | Oran molaidh Cruaich Narachain |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |