ORAN bo dhaoin uaisle dh’ fhag an duthaich air chuairt; Le Ailein Buidhe.
MAOLACHADH a’s Cailein Chruachain,
dh’fhalbh uainn comhla’,
’S tric mi farraid ciod is gluasad
do ’n da oigeir,
Cha d’ fhag iad an leithid mu ’n cuairt
do ghillean oga,
Ach iad bhi amaideach gu gruagaichean
a phogadh.
An treasa fear cha ’n fhag mi diochuimhn,
Màistir Cailein [This gentleman was a young student; but preferring the occupation of a sailor to
that of a minister, he put off his clothes on the shore of Lochfine, to make his
friends believe that he had drowned himself, and went off to Leith, where he
engaged himself to go to sea.] ,
Chaidh e ’m falach an Loch-fine,
’s shluig muc mhar e,
Liubhradh air traigh Lìt’ e
gu bhi na mharaich,
So beannachd o Sheumus Rudail,
la run slainte,
Le eibhneas thu thigh’n a rithisd,
do dh’ Earraghaidheal,
Seas air t-ais le teistneas ceart,
o neart do namhaid,
Breab a ghealtachd air eagal maslaidh,
thoirt do t-àite.
’S gabhaidh theich e gun aobhar eagail,
le theann ruathar,
Thug e freiteach ris an eaglais,
ghabh e fuath oirr’;
Gur truagh sgreadail luchd teagaisg,
mu na bruachan,
Glaodhaich air-san, e ga ’m freagairt
as na cuantain.
Mur thug a mhuc mhar a Ninibhi,
’m faigh Ionas,
Ghlac long bhuineadh do Shasunn,
stigh air bord e,
Feitheadh ri fulangas Iob,
’n am a dhoruinn,
Mur thain’ e ruisgte thun an t-saoghail,
d’ fhalbh an t-oigeir.
Cha do thuig Seanadh Earraghaidheal,
aobhar fhuadaich,
Sgeul a thainig da ionnsaidh,
bha ro chruaidh leis,
Sin ’nuair dh’ fhalbh Maistir Cailein,
le aon ruathar,
Na oighre air an fhaidh, Elija,
thoirt o uaighean,
’N tanam a leum as a choluinn,
fad choig uairean,
Fhuair an duine so le aon athchuing,
Air ais a nuas e.
’Nuair a dh’ eirich iad le h-aidhear,
na tri Ghuimhnich,
’Sa chaidh Cailein a leigheas,
o ’n chneadh phuinnsein,
Mas a fior do dh’ fhear mo nuaidheachd,
bhrigh mo chuimhne,
Gu bheil iad a damhsa fhathasd,
an teas ruidhlidh.
Beannachd Sheimis an Druim-daraich,
a null d’a ’n ionnsaidh,
’S e cuimhneachadh a mhor fhalachd,
do Righ na Frainge,
’Nuair chuir e Tearlach thairis,
air bheagan campa,
Ar daoine fhein bha sinn a’ gearradh,
measg ar naimhdean.
Mheud ’sa dh’ fhalbh uainne thairis,
leis a Phrionnsa,
Ma thig Diuc sin Pheairt n’ur caraibh,
Moir-fhear Drumad,
Lochiall mor ’sa ghillean geala,
’s na dh’ fhalbh leis uile,
Cuiribh tonn bhaitht’ air gach falachd,
o linn Sliabh ’n t-Siorram,
’S gu ’m b’ fheard Alba ri am cabhaig,
an da churaidh.
’S ma thainig bas orr’ gu h-aithghearr,
thug uainn uil iad,
Tha againn fheinn d’a ’n cairdean mairionn,
daoine duineil,
Na chuireas Righ Deors’ gu h-ealamh,
na sheilbh ullamh,
Olaidh iad deoch slaint’ a ghallain,
na Righ an Lunnainn.
’S teaghlach rioghail Mhic ’Ic Ailein,
na ’n arm guineach,
Gheibhte n’ ur còt arm air a ghearradh,
lamh dhearg fhuileach,
’S ioma laoch bu gharg an carraid,
nach iarradh gunna,
Lann chlaiseach dhughorm g’a tarruing,
toirt buaidh urram.
Agus failtichibh Mac Lachuinn,
o ’n Fhraing churta,
Ma bhios fear air bith a farraid,
mu fhear m’ ainm-sa;
’S mise Seumus an Druim-daraich [This poet very often charged others with composing the songs which he had
composed himself.] ,
thuirt an seanchas;
Mi shliochd dhireach Ghlinne Garaidh,
o thus m’ aimsir;
’S nar a slan do dh’ fhear na fanaid,
thuirt ruinn Cama-bheul.
title | Oran bo dhaoin uaisle dh’ fhag an duthaich air chuairt |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |