ORAN suireadh, le Ailein Buidhe.
THA mi ga m’ phianadh,
’S mi ’g iarruidh chaileagan,
Cha ’n fhaigh mi ’m bliadhn’ iad,
Ma ’s fhiach mo bharail-sa,
Cha toir iad domhsa,
Geallamh posaidh,
Le gainne storais,
’S mi gorach aimideach.
Na m’ biodh mo chòraichean,
Air an deanadh daingeann domh,
Le tuille storais
A’s seol air fearunn doibh,
Da dhusan bò,
Barr coirce ’s eòrna,
Da ghearran òga,
Làir mhòr a’s searach aic.
Cha n’ eil gill’ og,
Gheibh greim do ’n earras ud,
Nach aill leis posadh,
Ri maighdeann fharumaich;
Cha chuirinn geall ruibh,
Ge mor ’ur mangnus,
Nach eil sibh ’n samhradh,
An t-saoghail shalaich so.
Ach ’s duilich ciall,
Chuir ann ’s na h-amadain,
Tuigse ’s riaghailt,
Cha ’n fhiach leo leanailt ris,
Ach bhi leigeil sriantain,
Le ’n ana-miannaibh,
’S gu bheil trian diubh,
Aig toirt an aire dhoibh.
Tha sinne gorach,
Ro cheolar amaideach,
Air feill na ’n coisridh,
Bhios moran bannail ann,
Ma chi sinn sgòdag,
Le ceap a’s cloca,
Ma tha i boidheach,
“ ’S i sud mo leannan-sa.
Gur té ’sa chiad,
Bhios ciallach banail diu,
Mur easgunn liathghlas,
An cliabh lan nathraichean,
Thoir lamh g’a h-iarruidh,
Ad dha dhusan bliadhna,
’S le sdiùradh ciallach,
Gu ’n dean thu aithn’ oirre.
Na tagh leoideag,
Bhios mor mur mhaireist ort,
Air bheagan storais,
Ach seorsa falachd innt’,
Ma bhios i sonruichte,
Dh’ ionnsuidh sgrobaidh,
Gu ’n toir i ’n roibein,
’N taobh eile ’n teallaich dhiot.
Gur mor a b’ annsa,
Te narach bhanail diubh,
Nach cumadh canran,
No drandan teallaich rium;
Bheireadh gradh dhomh,
Le gean ’s le gàire,
’S gu ’m b’ iad mo chairdean,
A b’ fhearr lea thoileachadh.
Cha ’n iongnadh failing,
Bhi anns na boinionnaich,
’N nuair thig iad cearr oirnn,
Bu choir an cronachadh,
Mur rinn ar Slan’ear,
Chiad bhean ’sa gharadh,
Gu ’n d’ aom i Adhmh,
’Nuair bhuair an donus i.
title | Oran suireadh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |