ORAN le Ailein Buidhe; ’nuair chaidh e cheannach an tombaca.
TURAS chaidh mi sios an gleann,
’Sa ’n tombac bhi gann oirnn’ shuas;
Rainig mi ’n tigh an robh ’n leann,
’S ghlaodh mi air dram gu luath.
’S e sin thuirt Deorsa Chuil-Phail,
Thainig an traigh ’s cha b’ i ’nuair,
Cha n’ eil againn do stuth blath,
Na chuireas dhiot grain an fhuachd.
Ach tha nigh’n dubh na ’n srad air dàir,
’N aon bhò ’s fearr tha mu ’n cuairt,
’S cha ’n fhada dhuit feitheadh r’ a h-àl,
Mas a bard thu sheinneas duan.
Bha ann Tearlach Bhealach na ’n sachd,
Duin’ eil’ air nach fhacas gruaim,
Duine deas dìreach gun mheang,
Mur digte air cam a bruaich.
Shuidh sinne ’n sin n’ ar triùir,
Air inneal ciùil bu bhinne fuaim,
’S mu ’n do theirig binneas duinn,
Leig i air a glun an ruagh.
Bhuail oirre tinneas an laoigh,
Gnusgaich agus geimnich chruaidh,
’Sa ’n aon sine bha as a tarr,
Bha seachd cairt na dhol mu ’n cuairt.
Dheirich bean a chridhe mhoir,
’S rug i air stop a’s air cuaich,
Ghlac i ’n t-sine ud na dorn,
’S fhuair sinn deoch ri ol mu ’n cuairt.
Bha ainm faoileachd na Feinne,
Do Dhonnacha na feile ’s taobh tuath,
Ach coimeas do Dheorsa Chuil-Phàil,
Cha ’n eil e ’sa ’n àls’ r’a luaidh.
title | Oran le Ailein Buidhe; ’nuair chaidh e cheannach an tombaca |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |