ORAN le DONULL MAC DHONUILL, bard Ionmhuirnise, d’a leannan, agus sgeul bhi air a thogail gu ’n robh i torrach aige, ’s e ’g innseadh cho math ’sa bhiodh e dh’ i ged a b’ fhior mur chaidh a radh.
FHUAIR mi sgéula moch an dé,
’S cha deach’ mi ’n éis ri chluinntinn,
’S cha d’ thug mi geill nach deanainn feum,
Le gaol do ’n te mu ’n d’ innseadh,
’S cha toir mi fuath dh’ i, ’s beag mo luaidh air,
Ged a fhuair mi cinnt air,
’Sa dh’ aindeoin cruadail gu ’n toir cuairt sinn,
Gheibh sinn uainn ri tim e.
A ghruagach dhonn, ma dh’ fhas thu trom,
Tha mis, air bhonn nach diobair,
Gu ’n seas mi thu, air bheula cuirt,
’S cha ’n ann an duil do dhìteadh,
Gu ’m paighinn daor gu t-fhagail saor,
Mu ’n leiginn t-fhaodann’ nàrach’,
Air beula cuirt mur fhasan ùr,
’S nach robh e ’n rùn do naduir,
Cha n’ eil mi ’n dùigh thu dhol na ’n luib,
Mur d’ thig a chuibhle cearr oirnn,
’S ma chumas airgiod thù o chìs,
Gu ’n seas mi fhìn a’ t-aite.
Gur fad a rachainn ann ad leithsgeul,
Gu do sheasadh cliùiteach,
’S ghabhainn uile orm an seisein,
Gu d’ leith-trom a ghiùlan,
’S ged chumadh iad mi ann gun lasadh,
Gus ’n atadh mo shuilean,
Mur diobair ceartas mi, cha ’n fhaicear,
Choidhch thu ac’ fo mhuisig.
A Righ na ’n dul! nach mi bha ’s tu,
Dol fo na siùil a dh’ Eirinn,
Na thir eile ’s faide uainn,
Nach d’ ruig air suaimhneas fheutainn,
’S truagh nach fhaicinnse bhi seoladh,
A’s sinn air bord le chéile,
Gun duil a choidhch thigh’n air ar ’n eolas,
Gus ’n Roinn Eorp na dheigh sin.
Ach cia mur ’s urrainn domh bhi beo,
’S cho mor sa thug mi spéis duit?
Na cia mur dh’ fhaodas mi bhi stoilte
Ach cuis mo chruadail, ’s fhaide uam,
An diugh da uair na ’n dé thu,
’S ma leanas tu mar sin air luaths,
Gu ’m bi sinn cuairt o chéile,
Ach ma thionndaidh thu do shlios rium,
’S fiosrach mi mur dh’ eireas,
Gur gearr an ùine thamhas tu,
’Nuair thig do chùl na dheigh sin.
Mas e gun chuir thu rium do chùl
Ann an duil mo threigsinn,
Gus an cuir iad mi ’sa ’n uir,
Cha dean mi turn ad dheighse;
Cia mur dh’ fhaodas mi bhi saor,
’S nach dean an saoghal feum dhomh?
Mo chridh air fhalach fo do ghaol,
Gun duil a choidhch ri fheutainn.
Tha gaol na ’m boinionnach o ’n oige,
Mur an ceo ’sa cheitein,
Luidhe e ri maduinn dhriùchd,
Mhain cho dluth ’s nach leir dhuinn,
Chi mi ’n t-adhar agus beanntaibh,
Dol an ceann a cheile,
Ach sgaoilidh e ri ùin ro ghearr,
Gun fhios cia ’n t-àit’ an d’theid e.
Gur mor a bh’ agam ort do mheas,
Nach d’ thug mi fios do chach air,
’S o ’n is beairt e tha gun fhios,
Cha n’ eil mo chadal domh ach ciùirt,
’S cha n’ eil mo dhuisg ach cianail,
Cha n’ eil an obair dhomh ach cradh,
’S cha n’ fhearde mi bhi diamhain,
Cha dean luidhe dhomh ach creuchdan,
’S cha toir eiridh dhiom iad,
Cha toir asdar mi gu slainte,
’S cha ’n fhasa tamh no gniomh dhomh.
Ged a tha mi ’n so ’sa ghleann [Strathconnan, where the poet then resided, and where he composed a number of
excellent songs; it is the general opinion of all those who know his talents,
that, if premiums were given to the best poets, he should be entitled to a first
prize among the competitors on the present stage in the north.] ,
Cha b’ e bhi ann a b’ fhearr leam,
’S mur b’ e cruaidhead mo chomannd,
Bu luath mo dheann ri fhagail,
Gur fada ’n aimsir tha o ’n uair,
A chualas bhi ag radhainn,
Gur cruaidh an reachd a bhi fo smachd,
’S bidh mise nochd mur tha mi.
Cha b’ e chùis bhi nochd an glais,
Na ’n tiginn aisde a maireach,
Ach bhi ’s na fiabhrais fad sheachd bliadhna,
Gun la riamh dhiu tearuint;
title | Oran le Donull Mac Dhonuill, bard Ionmhuirnise, d’a leannan, agus sgeul bhi air a thogail gu ’n robh i torrach aige, ’s e ’g innseadh cho math ’sa bhiodh e dh’ i ged a b’ fhior mur chaidh a radh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |